An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "A' Phruis"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 5: Loidhne 5:
| LÙIREACH = Wappen Preußen.png
| LÙIREACH = Wappen Preußen.png
| LÙIREACH_LEUD = 60
| LÙIREACH_LEUD = 60
| MAPA = Map-deutsches-kaiserreich-preussen.png
| MAPA = Ac.prussiamap3.png
| BLIADHNA TÒISEACHAIDH = [[1525]]
| BLIADHNA TÒISEACHAIDH = [[1525]]
| BLIADHNA MU DHEIREADH = [[1947]]
| BLIADHNA MU DHEIREADH = [[1947]]

Mùthadh on 15:38, 20 dhen Mhàrt 2015

A' Phrùis (Preußen)
15251947
Bratach na dùthcha Gearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1525
Bliadhna mu Dheireadh 1947
Prìomh-Bhaile Königsberg (ro 1701 agus Berlin bho 1701
Càna(i)n Oifigeil Gearmailtis
Farsaingeachd 141.1 km2
Àireamh-shluaigh 41,915,040 (1939)
Dlùths 297,059.11/km2

B' e a' Phruis (Gearmailtis: Preußen; Laideann: Borussia, Prutenia; Làitbhianis: Prūsija; Liotuànais: Prūsija; Pòlais: Prusy; Seann Phruisis: Prūsa) stàit neo-eisimeileachd ann am meadhan na Roinn Eòrpa far a bheil a' Phòlainn, a’ Ghearmailt agus Kalingrad, sgìre Ruiseanach ri taobh na Mara Bhaltaich an latha an-diugh. Bha a' mhòr-chuid de dh'fhearann na Pruise suidhichte eadar na h-aibhnichean Vistula agus Nemen.[1]

Eachdraidh

Thug a' Phruis thairis Co-fhlaitheas na Pòlainn - Liotàinia fad an 18mh Linn, ann an co-bhann leis An Ostair agus An Ruis. Dh’fhàs a’ Phruis na bu chumhachdaiche is na bu chumhanchdaiche[2] beag air bheag aig ìre na Roinn Eòrpa ro 1871 nuair a chaidh A’ Ghearmailt a stèidheachadh mar aon dùthaich.[3] ‘S e Königsberg a bh' ann a' chiad phrìomh-bhaile na Pruise, ach thaghadh Berlin mar phrìomh-bhaile ùr ann an 1701, o chionn 's gu robh e dìreach ann an meadhan na dùthcha. A bharrachd air sin, 's e a’ Phruis an dùthaich a fhuair an adhartas teicneòlais na bu motha anns an Roinn Eòrpa fad an 19mh linn.[4] B’ e dùthaich neo-eisimeileachd a bh' anns a’ Phruis bhon 17mh linn gu ruige 1871 nuair a ghabh Rìgh na Pruise thairis A’ Ghearmailt air fad, an dèidh ruaig a chur air na Frangaich anns a’ Chogadh Frangach-Pruisianach ann an 1870 agus 1871.[5] Bha prìomh mhinistear na Pruise, Otto von Bismarck an sàs anns an iomairt gus A’ Ghearmailt a chur ris a chèile fo stiùireadh na Pruise airson Dàrna Reich (Gàidhlig: Rìoghachd) nan Gearmailteach a stèidheachadh is bha e na phrìomhair na Gearmailte an dèidh sin cuideachd.[6] Le sin, chaidh a’ Phruis à bith mar stàit ann an 1871, ged an do lean e gu ruige 1947 mar roinn.[7] Ann an 1853 chuir Riaghaltasan na Pruise agus na Diùcachd Oldenburg ainmean gu Còrdadh Jade (Gearmailtis: Jade-Vertrag),[8] a thug 3.13km² dhe talamh ri taobh Bàgh Jade dhan Phruis, far a bheil Wilhelmshaven an-diugh.

Iomraidhean

  1. Encyclopédie Larousse
  2. Global Security
  3. Tacitus Historical Atlases
  4. New Advent
  5. La Guia
  6. Biografías y Vidas
  7. Tacitus Historical Atlases
  8. NWZ Online