An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Christine Primrose"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b roinn-seòrsa
Loidhne 35: Loidhne 35:
==Duaisean==
==Duaisean==
*Bonn Òr an t-Seann Nòis aig a’ [[Am Mòd Nàiseanta Rìoghail|Mhòd Nàiseanta Rìoghail]] [[1974]].
*Bonn Òir an t-Seann Nòis aig a’ [[Am Mòd Nàiseanta Rìoghail|Mhòd Nàiseanta Rìoghail]] [[1974]].
*Pan Celtic Festival [[1978]].
*Pan Celtic Festival [[1978]].

Mùthadh on 18:37, 24 dhen Ghearran 2015

Christine Primrose

Seinneadair

Christine Primrose

Là breithe 17 an Gearran 1950
Àite breithe Càrlabhagh, Eilean Leòdhais, Alba
Stoidhle Gàidhealach

Tha Christine Primrose (17 an Gearran 1950 — fhathast beò) na seinneadair Gàidhlig agus tidsear-ciùil. Rugadh i ann an Càrlabhagh, Eilean Leòdhais, ach tha i a' fuireach anns an Eilean Sgitheanach a-nis.

Tha i air a bhith a' seinn bhon a bha i na nighean bheag, is mar a thuirt i fhèin ann an agallamh, ‘s e dìreach rudeigin nàdarach a bh’ ann san teaghlach aicese. Bhuannaich i Bonn Òir an t-Seann Nòis aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an 1974 agus duais aig a’ Phan Celtic Festival ann an 1978, [1] agus, ged nach robh e cumanta aig an àm sin, rinn i dreuchd dhen cheòl Ghàidhealach, agus tha i air a bhith ga riochdachadh air feadh an t-saoghail, gu h-àraid ann an Aimearaga a Tuath, Astràilia, Sealan Nuadh agus anns an Roinn Eòrpa. Mar eisimpleir tha i air a bhith aig an Smithsonian Folklife Music Festival ann an Washington, D.C. còmhla ri Alison Kinnaird. A bharrachd air sin, bha i ann an còmhlan-ciùil MacTalla, is bha i na preasantair air prògraman air an telebhisean agus rèidio.

San latha an-diugh tha i air aon de na seinneadairean as cliùitiche ann an saoghal na Gàidhlig, is gabhaidh i pàirt ann an cuirmean-ciùil bho àm gu àm. A thuilleadh air sin, tha i air a bhith ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig bho 1982, a’ bhliadhna mus do thòisich na cùrsaichean làn-ùine, na rùnaire an toiseach agus an uair sin bho 1993 a' teagasg air a' Chùrsa (BA) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta agus air na cùrsaichean goirid.

Duaisean

  • Pan Celtic Festival 1978.
  • ‘Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna’ aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba 2009.

Clàran

Iomraidhean

  1. Artist Biography aig Allmusic.com