An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Wolfgang Amadeus Mozart"
bNo edit summary |
|||
Loidhne 6: | Loidhne 6: | ||
| AINM BREITHE = |
| AINM BREITHE = |
||
| AINM-BAISTIDH = Johannes Chrysostomus Wolfgangus Theophilus Mozart |
| AINM-BAISTIDH = Johannes Chrysostomus Wolfgangus Theophilus Mozart |
||
| |
| BREITH = [[27 am Faoilleach]] [[1756]] [[Salzburg]] ([[An Ostair]]) |
||
| BÀS = [[5 an Dùbhlachd]] [[1791]] [[Vienna|Wien]] ([[An Ostair]]) |
| BÀS = [[5 an Dùbhlachd]] [[1791]] [[Vienna|Wien]] ([[An Ostair]]) |
||
| CREIDEAMH = Caitligeach |
| CREIDEAMH = Caitligeach |
Mùthadh on 22:07, 23 dhen Ghearran 2015
Wolfgang Amadeus Mozart | |
Fiosrachadh | |
Far-ainm | Wolfgang Amadé Mozart, Wolferl |
Ainm-baistidh | Johannes Chrysostomus Wolfgangus Theophilus Mozart |
Breith | 27 am Faoilleach 1756 Salzburg (An Ostair) |
Bàs | 5 an Dùbhlachd 1791 Wien (An Ostair) |
Creideamh | Caitligeach |
Cèile | Maria Constanze Weber (p. 1782) |
Meadhan | Snìomhadair ciùil |
Stoidhle | Ceòl clasaigeach |
Inneal-ciùil | Fìdheall, Piàno, Organ |
Làrach-lìn | www.mozarteum.at |
Bha Wolfgang Amadeus Mozart (27 am Faoilleach 1756 – 5 an Dùbhlachd 1791) ’na chumadair-ciùil sa linn chlasaigeach, às an Ostair. Sgrìobh e barrachd air 600 pìosan obrach agus tha fèill mhòr air an obair aige fhathast. Bha e pòsta agus mhair dithis mhac dha beò. Chaochail e nuair a bha e 35 bliadhna a dh'aois agus tha miotas air a bhàs an-diugh. Tha an ceòl aig Mozart gu math ainmeil agus buadhmhor.
Beath-eachdraidh
Bliadhnaichean tràth
Rugadh Mozart aig Getreidegasse 9, Salzburg, san Ostair a rèir ainm na dùthcha sa là an-diugh. B' e Leopold agus Anna Maria Perti Mozart a phàrantan. Bha piuthar na bu shinne aige, Maria Anna (1751-1829), Nannerl a far-ainm. Bhaisteadh Mozart ann an Cathair-eaglais an Naoimh Rupert an là as dèidh a bhreith. B’ e Johannes Chrysostomus Wolfgangus Theophilus Mozart an t-ainm slàn a bh' air.
Bha athair à Augsburg. B' e Kappellmeister (maighstir-ciùil) ann an orcastra-cùirt a bh' ann airson Àrd-easbaig Salzburg. B' e cumadair-ciùil agus tidsear a bh' annsan cuideachd.
Thòisich a phiuthar air a’ phiàno ionnsachadh nuair a bha i 7, agus bha Mozart 3 bliadhna a dh'aois aig an àm. Choimhead Mozart air na leasanan. Thuirt a phiuthar:
- Gu tric, chuir e seachad mòran ùine air a' chlabhier, a' cluich treasan [...] agus ghabh e tlachd às an fhuaim [...] Anns a' cheathramh bliadhna aige thòisich a athair, mar gheama, a theagaisg beagan minuet agus pìosan eile dha air a' chlabhier [...] B' urrainn dha an cluich gun mhearachd agus le maothalachd mhòr, agus tìm a chumail gu math. [...] Aig 5 bliadhna a dh'aois bha e a' sgrìobhadh phìosan beaga mu thràth agus sgrìobh a athair sìos iad.
Tha na pìosan sin ann an Nannerl Notenbuch (leabhar-nòta aig Nannerl).
Nuair a dh’aithnich a athair comas a mhic, sguir e fhèin air ceòl a sgrìobhadh. B’ e Leopold an aon tidsear a bh’ aig Mozart. Theagaisg e ceòl, cànain, agus cuspairean sgoilearach eile dhan chloinn.
Na h-Oparan
- Die Schuldigkeit des ersten Gebots (Dleastanas na ciad àithne)
- Apollo et Hyacinthus
- Bastien und Bastienne
- La finta semplice
- Mitridate, re di Ponto
- Ascanio in Alba
- Il sogno di Scipione
- Lucio Silla
- La finta giardiniera (dà atharrachadh)
- Il re pastore
- Zaide
- Idomeneo (dà atharrachadh)
- Die Entführung aus dem Serail
- L'oca del Cairo
- Lo sposo deluso
- Der Schauspieldirektor (Stiùiriche an taigh-cluich)
- Le nozze di Figaro
- Don Giovanni (dà atharrachadh)
- Così fan tutte
- Die Zauberflöte (An duiseal-dhraoidheachd)
- La clemenza di Tito