An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Còmhdhail"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b Bot: Migrating 111 interwiki links, now provided by Wikidata on d:q7590 (translate me)
minimal renamings
Loidhne 53: Loidhne 53:
*[[Galson Motors]]
*[[Galson Motors]]


[[category:Giùlan]]
[[Roinn-seòrsa:Giùlan]]
[[category:conaltradh]]
[[Roinn-seòrsa:conaltradh]]

Mùthadh on 07:46, 11 dhen Dàmhair 2014

Is Roinn de Conaltradh a tha ann an "Giùlan", Tha Conaltradh na Bun-Chategory. Tha eagar a'chuise seo tro-cheile an drasda ach tha obair an gniomh a bhi ga dheanamh nas ciallachd.

Tha cairdeas dluth eadar Conaltradh agus Giùlan.

Cleachdar am facal "giùlan" airson:

  1. An Gnìomh a tha ann rudeigin a thogail suas agus siubhal leis.
  2. An uidheam a ghluaiseas Trachdadh bho àite gu àite. Mar sin chanar "giùlan" ri long a bhios a' giùlan shaighdearan do dhùthaich chèin.

Modhan Giùlain

Tha caochladh mhodhan-giùlain ann, air an roinn a rèir na dòigh air am bi iad a' siubhal agus a rèir nan uidheaman a bhios a' giùlan na trabhaig fhèin. Tha mdhan-giùlain eadar-dhealaichte freagarrach air trabhaig eadar-dhealaichte. Mar riaghailt choitcheann, bidh na modhan-giùlain as luaithe nas cosgaile - an airgead agus an cumhachd.

Tha na prìomh roinnean a rèir a' mheadhain

Giùlan air Tìr

Cleachdar caochladh mhodhan-siubhail air tìr, nam measg rathaidean-iarainn, carbadan-ola(nach eil gu mòran feum gun rathad dubh, le bàrr tearra) agus canalan.

Giùlain Tron Adhar

Cleachdar itealain agus heliacoptairean.

Ann an Alba tha siubhal itealain gu math cudthromach do na h-eileanan. Anns a' chiad dol a-mach, leasachadh seirbhisean itealain gu na h-eileanan le Loganair anns na 1960an

Giùlan air Uisge

Is urrainn do ghiùlan thar uisge a bhith na mhodh-siubhail cho saor 's a th' ann a thaobh cumhachd. O chionn 's gu bheil suathadh eadar cochall na luinge agus an t-uisge a rèir astar an t-siubhail, cha mhòr nach eil suathadh idir ann aig long a bhios na siubhal gu mall.

Anns an fharsaingeachd is e Siubhal-Adhair as cosgaile an cumhachd, ged as e am modh-siubhail as luaithe.

Dòighean Siubhail

Stèiseanan Rèile

Air na rathaidean-iarainn bho Sràid na Banrigh ann an Glaschu gu tuath, bidh soidhnichean a' nochdadh gu dà-chànanach ann an Gàidhlig is Beurla.


Companaidhean Giùlain