An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Alfred Russel Wallace"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Chaidh duilleag le "Rugadh '''Alfred Russel Wallace''' anns a' Chuimrigh ann an 1823. Tro a bheatha, dh'fhàs e gu bhith na neach-eòlais-nàdair, bith-eòlaiche, neach-cruinn-eò..." a chruthachadh
 
No edit summary
Loidhne 1: Loidhne 1:
{{Template:Neach Saidheans
| AINM = Alfred Russel Wallace
| DEALBH = [[File:ARWallace.jpg|thumb|ARWallace]]
| RUGADH = Usg, Monmouthshire, 8 am Faoilleach [[1823]]
| BÀS = Broadstone, Dorset, 7 an t-Samhain [[1913]]
| ROINN OBRACH = [[Bith-eòlas, Eòlais-nàdair, Cruinn-eòlais, Àrainneachd]]
}}

Rugadh '''Alfred Russel Wallace''' anns a' Chuimrigh ann an 1823. Tro a bheatha, dh'fhàs e gu bhith na neach-eòlais-nàdair, bith-eòlaiche, neach-cruinn-eòlais, neach-rannsachaidh, agus aon den chiad luchd-àrainneachd ri linn Ìmpireachd na Breatainne.
Rugadh '''Alfred Russel Wallace''' anns a' Chuimrigh ann an 1823. Tro a bheatha, dh'fhàs e gu bhith na neach-eòlais-nàdair, bith-eòlaiche, neach-cruinn-eòlais, neach-rannsachaidh, agus aon den chiad luchd-àrainneachd ri linn Ìmpireachd na Breatainne.



Mùthadh on 17:54, 7 dhen Dàmhair 2014

Teamplaid:Neach Saidheans

Rugadh Alfred Russel Wallace anns a' Chuimrigh ann an 1823. Tro a bheatha, dh'fhàs e gu bhith na neach-eòlais-nàdair, bith-eòlaiche, neach-cruinn-eòlais, neach-rannsachaidh, agus aon den chiad luchd-àrainneachd ri linn Ìmpireachd na Breatainne.

Nuair a bha Wallace òg fhathast, rinn e turas rannsachaidh anns an Amazon airson sampail a thrusadh. As dèidh sin, rinn e turas na bu ainmeile anns na h-eileanan a tha latha an diugh nam pàirt de na Ind-Innse. 'S ann anns a 'Malay Archipelago' a bha Wallace a leasachadh na smuaintean aige mu dheidhinn riarachadh beòthaichean air an t-saoghal. Sin an adhbhar carson a tha Wallace air a chuimhneachadh mar Athair a' Bhith-cruinn-eòlais.

'S e an Loidhne Wallace an obair na bu ainmeile aige. Bidh an Loidhne a sealladh air an sgaradh eadar na ainmhidhean is flùraichean de Astràilia agus de Àisia.

Aig an aon àm, bha Wallace a' sgrìobhadh smuaintean mu dheidhinn meanbh-fhàs tro thaghadh le nàdar fhèin. Chuir e na beachdan aige gu Teàrlach Darwin ann an litrichean. Aig an àm seo, bha Darwin eadar dà inntinn mu dheidhinn creidibh agus saidheans. Bha an obair aig Wallace a' brosnachadh Darwin airson a leabhar Origin of the Species a chuir an clò ann an 1858.

Ged a tha Darwin air a chuimhneachadh mar Athair Teòiridh a' Mheanbh-fhàis, ghabh Wallace pàirt chudromach ann. Tron naoidheamh linn deug, bha Wallace a' seasamh ri beachdan Darwin.

Chan e saidheans a-mhàin a rinn Wallace tron bheatha aige. Bha e cuideachd a' càineadh mì-cheartas ann an siostam sòisealta agus eaconamach an naoidhimh linn deug. Bha Wallace cuideachd anns na ciad daoine a bha a' thoirt rabhadh a thaobh lèirsgrios na h-àrainneachd leis an Ìmpireachd.

Sgrìobh e The World of Life ann an 1911 agus chaochail e ann an 1913 (90 bliadhna a dh'aois) ann an Dorset.