An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b Bot: Migrating 3 interwiki links, now provided by Wikidata on d:q3250438 (translate me)
b + ref. Faclair na Pàrlamaid
Loidhne 13: Loidhne 13:
}}
}}


‘S e earrann Albannach Pàrtaidh Libearal Deamocratach na Breatainne air fad a th’ann '''Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba''' is chaidh am pàrtaidh seo a chruthachadh ann an [[1988]] tro aonadh a’ Phàirtidh Libearal còmhla ris a’ Phàrtaidh Sòisealta Deamocratach ann an Alba. Tha 16 seataichean dhe 129 air fad aca ann am [[Pàrlamaid na h-Alba]], 12 ann an [[Lunnainn]] (dhe 59 do dh’ Alba) a bharrachd air seachnar buill anns [[A' Bhruiseal]]. ‘S e [[Tabhais Scott]] a th’ann Rùnaire a’ Phàirtidh, Calum Brus a th’ann an ceann-suidhe agus Michael Moore a th’ann an neach-labhairt. Tha 4,000 buill a’ phàirtidh air feadh na h-Alba.
'S e earrann Albannach Pàrtaidh Libearal Deamocratach na Breatainne air fad a th’ann '''Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba '''(no am Pàrtaidh Libearalach Deamocratach<ref>T.E.L.I. (2001) ''Faclair na Pàrlamaid ''(Dùn Èideann: Pàrlamaid na h-Alba)</ref>) is chaidh am pàrtaidh seo a chruthachadh ann an [[1988]] tro aonadh a’ Phàirtidh Libearal còmhla ris a’ Phàrtaidh Sòisealta Deamocratach ann an Alba. Tha 16 seataichean dhe 129 air fad aca ann am [[Pàrlamaid na h-Alba]], 12 ann an [[Lunnainn]] (dhe 59 do dh’ Alba) a bharrachd air seachnar buill anns [[a' Bhruiseal]]. ‘S e [[Tabhais Scott]] a th’ann Rùnaire a’ Phàirtidh, Calum Brus a th’ann an ceann-suidhe agus Michael Moore a th’ann an neach-labhairt. Tha 4,000 buill a’ phàirtidh air feadh na h-Alba.


Ged a tha iad an aghaidh neo-eisimeileachd na h-Alba tha iad dhen bheachd gum bu chòir do Phàrlamaid na h-Alba tuilleadh cumhachdan fhaighinn, gu seachd àraidh conaltradh, lùth, drogaichean agus casg-bhreith. Tha iad gu math neo-eisimeileach dhen phàrtaidh ann an Lunnainn.
Ged a tha iad an aghaidh neo-eisimeileachd na h-Alba tha iad dhen bheachd gum bu chòir do Phàrlamaid na h-Alba tuilleadh cumhachdan fhaighinn, gu seachd àraidh conaltradh, lùth, drogaichean agus casg-bhreith. Tha iad gu math neo-eisimeileach dhen phàrtaidh ann an Lunnainn.

Mùthadh on 15:17, 30 dhen t-Sultain 2014

Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba
Fiosrachadh
Stèidheachadh 3 Am Màrt 1988
Luchd-stèidheachaidh Pàrtaidh Libearalch na h-Alba
Pàrtaidh Sòisealta Deamocratach ann an Alba[1]
Beachd-Smuainealas An-Dràsda Libearalas na Margaidh
Feadaraileas
Libearalas
Aonachas
Libearalas Sòisealta
Oifisean 4 Clifton Terrace, Dùn Èideann, EH12 5DR, Alba
Cathraiche Jo Swinson
Suidheachain Dùn Èideann: 16
Lunnainn: 11 15
A' Bhruiseal: 1
Riaghaltas Às an Riaghaltas

'S e earrann Albannach Pàrtaidh Libearal Deamocratach na Breatainne air fad a th’ann Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba (no am Pàrtaidh Libearalach Deamocratach[2]) is chaidh am pàrtaidh seo a chruthachadh ann an 1988 tro aonadh a’ Phàirtidh Libearal còmhla ris a’ Phàrtaidh Sòisealta Deamocratach ann an Alba. Tha 16 seataichean dhe 129 air fad aca ann am Pàrlamaid na h-Alba, 12 ann an Lunnainn (dhe 59 do dh’ Alba) a bharrachd air seachnar buill anns a' Bhruiseal. ‘S e Tabhais Scott a th’ann Rùnaire a’ Phàirtidh, Calum Brus a th’ann an ceann-suidhe agus Michael Moore a th’ann an neach-labhairt. Tha 4,000 buill a’ phàirtidh air feadh na h-Alba.

Ged a tha iad an aghaidh neo-eisimeileachd na h-Alba tha iad dhen bheachd gum bu chòir do Phàrlamaid na h-Alba tuilleadh cumhachdan fhaighinn, gu seachd àraidh conaltradh, lùth, drogaichean agus casg-bhreith. Tha iad gu math neo-eisimeileach dhen phàrtaidh ann an Lunnainn.

Bha am pàrtaidh an sàs anns an iomairt airson fèin-riaghlaidh ann an Alba, mar phàirt do prògram feadarail a’ phàirtidh do Bhreatainn air fad, is iad an sàs cuideachd ann an Co-chruinneachadh Nàiseanta na h-Alba còmhla ris na Làbaraich, Pàrtaidh Uaine na h-Alba, aonaidhean-ciùird agus eaglaisean. Fhuair iad 17 seataichean ann am Pàrlamaid na h-Alba aig na taghaidhean Albannach ann an 1999 is stèidhich iad co-bhann leis na Làbaraich, airson atharrachadh ann an lagh taobh chaitheamh an fhoghlaim is mion-atharrachadh ann an siostam taghadh na h-Alba. Chaidh ceannard a’ Phàrtaidh, Seumas Uallas, na mhinistear an fhoghlaim ann an Alba agus na mhinistear a’ cheartais, a bharrachd air a bhith na àrd-mhinistear nuair a bha Dòmhnall Mac an Deòir tinn. Chaidh dreuchdan ministearan na co-bhanntachd air atharrachadh ri linn taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba ann an 2003 is bha Uallas na mhinistear ghnothaich an uair sin. Leig Uallas a dreuchd air an 23mh latha dhen Ògmhios 2005 is chaidh Nicol MacStèaphain a thaghadh mar cheannard.

Anns an Dùbhlachd 2007 thug iadsan, na Làbaraich agus na Tòraidhean taic do choimisean airson tuilleadh fèin-riaghlaidh am broinn na Breatainne Mòire a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba. Bha na Nàiseantaich air Còmhradh Nàiseanta a chur air dòigh ro-làimh, nach chumadh neo-eisimeileachd na h-Alba a-mach co-dhiù.

Fhuair iad seataichean a bharrachd aig taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba ann an 2007. Dhiùlt iad moladh bho na Nàiseantaich airson Riaghaltas co-bhonn a stèidheachadh leis a’ Phàrtaidh Uaine, oir bha iad an aghaidh referendum mu neo-eisimeileachd na h-Alba. Leig MacStèaphain a dreuchd air an dàrna latha dhen Iuchar 2008 is chaidh Tabhais Scott a thaghadh mar cheannard na àite.

Iomraidhean

  1. Liberal History
  2. T.E.L.I. (2001) Faclair na Pàrlamaid (Dùn Èideann: Pàrlamaid na h-Alba)

Ceanglaicheran a-muigh

http://www.scotlibdems.org.uk/