An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Owain Glyndŵr"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Loidhne 47: Loidhne 47:
Chaochail a h-uile mhic Owain san aramach no anns a' phrìosan no cha robh clann aca.<ref name="Lloyd"/>
Chaochail a h-uile mhic Owain san aramach no anns a' phrìosan no cha robh clann aca.<ref name="Lloyd"/>


==References==
== Iomraidhean ==
<references/>
<references/>


{{DEFAULTSORT:Glyndwr, Owain}}
{{DEFAULTSORT:Glyndwr, Owain}}

[[Category:14th century births]]
[[Roinn-seòrsa:Rìghrean]]
[[Category:1410s deaths]]
[[Roinn-seòrsa:A' Chuimrigh]]
[[Category:Princes and Princesses of Wales]]
[[Category:Welsh people]]

Mùthadh on 20:53, 24 dhen Ògmhios 2014

Teamplaid:Rìgh neo Banrìgh 'S e Owain Glyndŵr (1355 – mu 1415) [1] Prionnsa na Cuimrigh mu dheireadh a rugadh anns a' Chuimrigh fhèin. Tha Owain Glyndŵr (Cuimris: [ˈoʊain ɡlɨ̞nˈduːr]) aithnichte cuideachd fo na h-ainmean Owain Glyn Dŵr neo Owen Glendower sa Bheurla. Bha e na phrionnsa eadar 1401 is 1416. Thòisich e aramach Cuimreach an aghaidh Henry IV Sasainn. Aig deireadh na 19mh linn fhuair e inbhe mar athair nàiseantachas Cuimreach leis a' bhuidheann Young Wales (Cymru Fydd). Bhon àm sin tha e na gaisgeach do na Cuimrich. Tha an t-Oilthigh "Glyndŵr University" anns a' Chuimrigh ainmichte a rèir Owain Glyndŵr[2]

Beatha tràth

Rugadh Glyndŵr ann an teaghlach Angla-Chuimreach ann an 1355. Bha an teaghlach aige caran beartach agus bha fearann aca ann an ceann an ear-dheas na Chuimrigh. Fhuair e a chuid foghlam ann an Sasainn agus chuir e ùine seachad anns an arm Breatannach. Ghabh e pàirt ann an ionnsaidh an aghaidh Alba agus an uair sin chaidh e air ais don Chuimrigh. Bha e na neach leantainn do Richard II, rìgh Shasainn. Ach nuair a chaill Richard a' chumhachd aige chaidh cuid dhen fhearainn a bha aig Glyndŵr a thoirt air falbh le Reginald Grey, 3mh Baran Grey de Ruthyn, [1] neach-leantainn Henry IV a bha a' fàs na bu treasa aig an àm ud.

Aramach

Ìomhaigh Owain Glyndŵr ann an Corwen

Bha Owain Glyndŵr ag iarraidh cuideachadh bho Henry IV gus am fearainn aige fhaighinn air ais ach dhiùilt Henry sin a dhèanamh. Agus cha tug Glyndŵr saighdearan do Henry airson ionnsaigh eile an aghaidh Alba, mar sin bha Grey dhen bheachd gum b' e brathadair a bh' ann an Glyndŵr. Chuir Glyndŵr roimhe a dhol an aghaidh Henry IV, agus tòisich e ionnsaighean an aghaidh Grey agus bailtean anns na crìochan gu Sasainn. Ged a bha feachdan Henry IV a' sabaid an aghaidh Glyndŵr, gus a' chumhachd fhaighinn air ais, cha do thachair sin ach an dearbh-chaochladh: dh’fhàs aramach aramach an aghaidh Sasainn na bu treasa is na bu treasa.[1] Anns an t-Sultain 1400 chuir Owain Glyndŵr fhèin an tiotal "Prionnsa na Cuimrigh" dha fhèin.

Anns a' Ghiblean 1401 chuir feachdan Ghlyndŵr Conwy Castle fodhpa agus san ath-bhliadhna ghlac iad Edmund Mortimer, ceannard nam feachdan Shasannach ann an "Battle of Bryn Glas",[1] (ris an canar "Battle of Pillethl" cuideachd). Ann an 1404 fhuair e cuideachadh bho fheachdan nam Frangach agus rinn iad ionnsaidh air Worcester.[1]

Ach ann an 1408 b' urrainn do na feachdan Sasannach buaidh a thoirt air na Cuimreach agus mar sin chaidh an taic don aramach Cuimreach a lagachadh. Chum Glyndŵr a dhol le strì is creachan an aghaidh nan Sasannach, ach gu ìre b' e seòrsa cogadh guerrilla a bh' ann.

Chan eilear cinnteach dè thachair do dh'Owain an dèidh 1412. Ged a bha airgead-cinn àird air cha tèid e a ghlacadh neo a bhrathachadh idir. A rèir beul aithris tha e adhlaicte ann an Eaglais Naomh Mael is Sulien ann an Corwen faisg air an dachaigh aige neo is dòcha air an oighreachd aige ann an Sycharth.

An teaghlach aige

Phòs Owain Glyndŵr Marred ferch Dafydd (Beurla: Margaret Hanmer). B' e Sir David Hanmer an t-athair aice.[3] Bha còignear mic agus ceithir nighinn aca[3] Seo iad:

  • Gruffudd ab Owain Glyndŵr - Rugadh e ann an 1375. ha e air a ghlacadh le Sassanaich agus dh'fhuirich e ann an Nottington Castle agus bho 1410 a-mach ann an Tower of London far an do chaochail e le tinneas bubonic plague ann an 1412.
  • Madog
  • Maredudd ab Owain Glyndŵr
  • Thomas
  • John
  • Alys ferch Owain Glyndŵr, phòs i Sir John Scudamore.
  • Jane
  • Janet - Phòs i Sir John de Croft bho Croft Castle
  • Margaret - Phòs i Sir Richard Monnington

Chaochail a h-uile mhic Owain san aramach no anns a' phrìosan no cha robh clann aca.[3]

Iomraidhean

  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 1.4 Owain Glyn Dwr (c.1355 - c.1415)”. bbc.co.uk. Air a thogail 29. 5. 2014.
  2. University's medieval rebel name”. Ann an: BBC News, BBC, 15mh dhen Iuchar 2008. Air a thogail 29.5 2014. 
  3. 3.0 3.1 3.2 Lloyd, J (1881): The History of the Princes, the Lords Marcher, and the Ancient Nobility of Powys Fadog Leabhar 1. London: T. Richards.