An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 7: Loidhne 7:
Bha Donnchadh cuideachd a' tighinn beò mar shaighdear aig diofar amannan. Tha iomradh na bhàrdachd mu bhith a' sàbaid an arm an riaghaltais aig [[Blàr na h-Eaglaise Brice]] ann an 1746. Bha e greis ann am [[Freiceadan Bhràghaid Albann]] agus bha e ann an [[Geàrd Bhaile Dhùn Èideann]] on bhliadhna 1767 a-mach.

[[File:Duncan ban mcintyre memorial.jpg|thumb|Carragh cuimhne do Dhonnchadh Bànn ann an Eaglais nam Manach Liath]]
Tha carragh-cuimhne mòr do Dhonnchadh Bàn ann an [[Eaglais nam Manach Liath]] ann an Dùn Èideann. Chaidh seo a ghlanadh agus seirbhis a chumail le buidhinn-choimhearsnachd Ghàidhlig a' Bhaile, Bothan ann an 2005. Tha carragh-cuimhne eile ann dha mu dheas air Dàil Mhàillidh ann an Earra-Ghàidheal.

Mùthadh on 14:03, 14 dhen Ghearran 2014

'S e bàrd Gàidhlig a bh' ann an Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir (1724 - 1812), aon de na bàird Ghàidhlig as ainmeile is as cudromaiche ann an 18mh linn.

Sgeul-beatha

Cuimhneachan do Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir faisg air Inbhir Dhobhrain

Bhuineadh Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir (1724 - 1812) do Ghleann Urchaidh ann an Earra-Ghàidheal. Bha e na fhòrsair agus na gheamair anns an sgìre sin airson iomadach bliadhna agus 's ann airson nan dàn ainmeil nàdair a rinn e mu na beanntan agus na glinn mun cuairt oirre a tha a' mhòr-chuid eòlach air ainm. Nam measg seo tha 'Òran Coire a' Cheathaich', 'Cead Deireannach nam Beann' agus 'Moladh Beinn Dòbhrain'.

Bha Donnchadh cuideachd a' tighinn beò mar shaighdear aig diofar amannan. Tha iomradh na bhàrdachd mu bhith a' sàbaid an arm an riaghaltais aig Blàr na h-Eaglaise Brice ann an 1746. Bha e greis ann am Freiceadan Bhràghaid Albann agus bha e ann an Geàrd Bhaile Dhùn Èideann on bhliadhna 1767 a-mach.

Carragh cuimhne do Dhonnchadh Bànn ann an Eaglais nam Manach Liath

Tha carragh-cuimhne mòr do Dhonnchadh Bàn ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann. Chaidh seo a ghlanadh agus seirbhis a chumail le buidhinn-choimhearsnachd Ghàidhlig a' Bhaile, Bothan ann an 2005. Tha carragh-cuimhne eile ann dha mu dheas air Dàil Mhàillidh ann an Earra-Ghàidheal.

Bàrdachd

Ged nach robh leughadh no sgrìobhadh aig Donnchadh bha e mion-eòlach air a' bhàrdachd Ghàidhlig a bh' air teanga tòrr den t-sluagh aig an àm. Choisinn e cliù bhuan do chuid bhàrdachd fhèin nuair a dh'fhoillsich e i anns a' bhliadhna 1768. Bha cuideachadh aige bho ghrunnd charaidean ann a bhith a' coilionadh na h-obrach seo, nam measg An t-Ollamh Dòmhnall MacNeacail, Lios Mòr.

Beinn Dòbhrain

A bharrachd air òrain agus dàn mu nàdar, bhiodh Donnchadh cuideachd a' dèanamh òrain-gaoil agus tha aon fhear aca seo fhathast gu sònraichte ainmeil an-diugh; 'Òran da Chèile Nuadh-phòsta' no 'a Mhàiri Bhàn Òg'. Tha stòiridh ann am beul-aithris mu fhear a thuirt ri Màiri, 's i na seann aois, nach aithnicheadh e idir i bhon òran. Fhreagair Donnchadh gun aithnicheadh e anns a' bhad i nan robh e ga faicinn tro shùilean fhèin.

Nàdar agus àitichean

Moladh agus Cumha

  • 'Cumha Chailein Ghlinn Iubhair'
  • 'Òran do Iain Caimbeul a' Bhanca'

Gaol

  • 'Òran da Chèile Nuadh-phòsta'
  • 'A Mhàiri Bhàn Òg'

Tha òrain Dhonnchaidh rin lorg ann an 'The Songs of Duncan Bàn MacIntyre', deasaichte le Aonghas MacLeòid (Dùn Èideann, 1952).

Ceanglaichean a-muigh