An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "A' Phruis"
b Robot: ar:بروسيا is a featured article; cosmetic changes |
b Robot: nl:Pruisen is a featured article; cosmetic changes |
||
Loidhne 26: | Loidhne 26: | ||
{{Link FA|ar}} |
{{Link FA|ar}} |
||
{{Link FA|nl}} |
|||
{{Link GA|de}} |
{{Link GA|de}} |
Mùthadh on 03:09, 30 dhen Fhaoilleach 2014
A' Phrùis (Preußen) | ||||||||
| ||||||||
Mapa | ||||||||
Fiosrachadh | ||||||||
Bliadhna Tòiseachaidh | 1525 | |||||||
Bliadhna mu Dheireadh | 1947 | |||||||
Prìomh-Bhaile | Königsberg (ro 1701 agus Berlin bho 1701 | |||||||
Càna(i)n Oifigeil | Gearmailtis | |||||||
Farsaingeachd | 141.1 km2 | |||||||
Àireamh-shluaigh | 41,915,040 (1939) | |||||||
Dlùths | 297,059.11/km2 |
B’ e A’ Phrùis (Gearmailtis: Preußen; Laideann: Borussia, Prutenia; Làitbhianis: Prūsija; Liotuànais: Prūsija; Pòlais: Prusy; Seann Phrùisianis: Prūsa) stàit neo-eisimeileachd ann am meadhan na Roinn Eòrpa far a bheil A' Phòlainn, A’ Ghearmailt agus Kalingrad, sgìre Ruisianach ri taobh na Mara Bhaltaich an latha an-diugh. Bha a' mhòr-chuid dhen fhearrain na Prùise suidhichte eadar na h-aibhnichean Vistula agus Nemen.[1] Thug A' Phrùis thairis Co-fhlaitheas na Pòlainn - Liotàinia fad an 18mh Linn, ann an co-bhann leis An Ostair agus An Ruis. Dh’fhàs A’ Phrùis na bu chumhanchdaiche is na bu chumhanchdaiche[2] beag air bheag aig ìre na Roinn Eòrpa ro 1871 nuair a chaidh A’ Ghearmailt a stèidheachadh mar aon dùthaich.[3] ‘S e Königsberg a bh'ann a' chiad phrìomh-bhaile na Prùise, ach thaghadh Berlin mar phrìomh-bhaile ùr ann an 1701, o chionns gu robh e dìreach ann an meadhan na dùthcha. A bharrachd air sin, ‘s e A’ Phrùis an dùthaich a fhuair an adhartas teicneòlais na bu motha anns an Roinn Eòrpa fad an 19mh linn.[4] B’ e dùthaich neo-eisimeileachd a bh’anns A’ Phrùis bhon 17mh linn gu ruige 1871 nuair a ghabh Rìgh na Prùise thairis A’ Ghearmailt air fad, an dèidh ruaig a chur air na Fraingich anns a’ Chogadh Frangach-Prùisianach ann an 1870 agus 1871.[5] Bha prìomh mhinistear na Prùise, Otto von Bismarck an sàs anns an iomairt gus A’ Ghearmailt a chur ris a chèile fo stiùireadh na Prùise airson darna Reich (Gàidhlig: Rìoghachd) nan Gearmailteach a stèidheachadh is bha e na phriomhair na Gearmailte an dèidh sin cuideachd.[6] Le sin, chaidh A’ Phrùis à bith mar stàit ann an 1871, ged an do lean e gu ruige 1947 mar roinn.[7]