Jump to content

An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Somhairle MacGill-Eain"

Chaidh 92 baidht a chur ris ,  10 bhliadhnaichean air ais
Content deleted Content added
bNo edit summary
Loidhne 12:
Fhad 's a bha e anns an oilthigh choinnich e ri feadhainn dhan tug e àite mòr a thaobh litreachais. Nam measg sin bha [[Seumas Caird]] agus Seòras Elder Davie agus bha càirdeas dlùth eadar an triùir aca. An uair a bha e na oileanach gus dreuchd na teagasg a thoirt a-mach choinnich e ri [[Ùisdean MacDhiarmaid]]. Bha tarraing mhòr eadar an dithis agus lean sin gus an do bhàsaich MacDhiarmaid ann an 1978. Tha gu leòr den bheachd gun do ràinig Somhairle MacGill-Eain inbhe a cheart cho urramach mar bhàrd ri MacDhiarmaid agus ri [[Edwin Muir]].
 
Thòisich Somhairle a' teagaisg anns an àrd-sgoil ann am [[Port Rìgh]] ann an 1934 agus ghluais e do [[Tobar Mhoire|Thobar Mhoire]] ann an 1938. Tha e fhèin a' dèanamh aithnichte gun robh buaidh mhòr aig àilleachd, trioblaidean agus eachdraidh Mhuile air. Is ann dhan àm sin a bhuineas a' bhàrdachd dhrùidhteach "[[Ban-Ghaidheal|Ban-Ghàidheal]]".
 
Ann an 1939 chaidh e a [[Dùn Èideann|Dhùn Éideann]]. Choinnich e an sin a-rithist ri [[Raibeart Garioch]] air an robh e eòlach mar bhàrd bho bha iad san oilthigh. Nochd leabhran de bhàrdachd an dithis, ''Seventeen Songs for Sixpence'', ann an 1940.
Loidhne 19:
As t-fhoghar a' bhliadhna sin chaidh a thogail dhan arm agus chaidh e a thrèanadh ann an [[Sasainn]]. Deireadh 1941 chaidh a chur dhan [[An Eiphit|Èiphit]]. Shruth bàrdachd gu math làidir bho na chunnaic agus na dh'fhairich e ann an sin, mar "Glac a' Bhàis". Bha e air a dhroch leòn aig Blàr El Alamein deireadh 1942 agus thug e gu foghar 1943 a' falbh ospadail. Deireadh na bliadhna sin nochd [[Dàin do Eimhir|''Dàin do Eimhir'']]'' agus Dàin Eile''. Tha mòran dhan bhàrdachd seo a' goil le gaol agus fèin-sgrùdadh. B' e sin a' chiad chruinneachadh dhan bhàrdachd aige fhèin na h-aonar.
 
An uair a bha e deiseil san arm thill e gu teagaisg ann an Dùn Éideann agus bha e an sin gu 1956. As an sin chaidh e gu bhith na mhaighstir-sgoile anns [[Am Ploc|a' Phloc]] agus sin far an robh e gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1972.
 
Bhon àm sin bha e na sgrìobhaiche aig [[Oilthigh Dhùn Éideann]] agus aig [[Sabhal Mòr Ostaig]].
Loidhne 43:
Ann an 1954, nochd “[[Hallaig]]”, dàn Gàidhlig le MacGill-Eain, ann an clò anns an iris Ghàidhlig [[Gairm]] (Àireamh 8, An Samhradh, 1954). 'S e baile fuadaichte ann an [[Ratharsair]] a th' ann an Hallaig agus b' àbhaist luchd-dàimh aig Somhairle MacGill-Eain a bhith a’ fuireach ann. 'S e aon de na dàin as ainmeil le MacGill-Eain a th' ann an "Hallaig" agus tha e a' nochdadh gu tric anns na duanairean.
 
==Clàr-leabhraichean<ref>http://www.scottishpoetrylibrary.org.uk/poetry/poets/sorley-maclean</ref>==
*''Seventeen Songs for Sixpence. ''Còmhla ri Raibeart Garioch''. ''Edinburgh: Chalmers Press, 1940.
Loidhne 51:
*''[[O Choille gu Bearradh]]. ''Manchester: Carcanet, 1989.
*''[[Reothairt is Conntràigh|Reothairt is Conntraigh]]. ''Edinburgh: Canongate, 1977.
*''Somhairle - Dàin is Deilbh.'' Stornoway:'' ''[[Acair Earranta|Acair]].
*''Somhairle MacGill-Eain. ''Edinburgh: National Library of Scotland 1981.
* MacGill-Eain, Somhairle. ''Ris a’ Bhruthaich: Criticism and Prose Writings. ''Deas. le William Gillies. Stornoway: [[Acair Earranta|Acair]], 1985.
Line 70 ⟶ 69:
* Herdman, John. (1977) 'The Poetry of Sorley MacLean: a non-Gael's view.' ''Lines Review'' 61, June, 25-36.
* Ross, R.J. & J. Hendry (deas.) (1986) ''Sorley MacLean - Critical Essays'' Edinburgh: Scottish Academic Press Ltd.
* [[Aonghas Pàdraig Caimbeul|Caimbeul, Aonghas Pàdraig]] (deas.). ''Somhairle - Dàin is Deilbh. A Celebration on the 80th Birthday of Sorley MacLean''. Stornoway:'' ''[[Acair Earranta|Acair]], 1991.
* [[Ruaraidh MacThòmais|Thomson, Derick]] (1994) ''The Companion to Gaelic Scotland'' Glasgow: Gairm Publications.
* Mackay, Peter (2010) ''Sorley MacLean'' Aberdeen: AHRC Centre for Irish and Scottish Studies.
* [[Emma Dymock|Dymock, Emma]] (2011) ''Scotnotes: The Poetry of Sorley Maclean'' Glasgow: Association of Scottish Literary Studies.
 
=== Meadhanan ===
243

deasachadh