An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Abel Tasman"
No edit summary |
b Bot: Migrating 4 interwiki links, now provided by d:Wikidata on d:Q42188 |
||
Loidhne 14: | Loidhne 14: | ||
[[Category:Roinn a' Chuain Shèimh|Tasman, Abel]] |
[[Category:Roinn a' Chuain Shèimh|Tasman, Abel]] |
||
[[Category:Eachdraidh|Tasman, Abel]] |
[[Category:Eachdraidh|Tasman, Abel]] |
||
[[de:Abel Tasman]] |
|||
[[en:Abel Tasman]] |
|||
[[fr:Abel Tasman]] |
|||
[[nl:Abel Tasman]] |
Mùthadh on 12:28, 7 dhen Iuchar 2013
B’ e Abel Janszoon Tasman (IPA: ˈaːbəl ˈjɑnsoːn ˈtɑsmɑn, Lutjegast, 1603[1] – Batavia, 10 an Damhair 1659) taisgealaiche às Na Tìrean Ìsle, a bha ag obair airson Companaidh Aonaichte nan Sear-Innseachan[2] (Duitsis: Vereenigde Oost-Indische Compagnie, neo dìreach an VOC) san 17mh Linn. Tha e ainmeil gus ar làthean airson na bhòidsean a rinn e eadar 1642 agus 1644, le cuideachadh bho Antonie van Diemen. Lorg e Tasmania, Sealainn Nuadh agus Tonga ri linn na bhòidsean sin.[3] Cha do chuir na Tùsanaich fàilte chridheil idir air ach ann an Tonga. Chuireadh òrdan do Thasman talamh mhòr, air an tugadh An Òlainn Nuadh (Duitsis: Nieuw-Holland) ach an canar Astràilia an latha an-diugh, rannsachadh.[4] Bha na h-Òlainndich gu math eòlaichte air oirthir an iar na dùthcha mar-thà, ach bha iad ag iarraidh a bhith a’ faighinn a-mach nan robh Terra Australis na Mhòr-roinn, agus bha feadhainn dhen bheachd gun cumadh an talamh sin an saoghal uile gu lèir ann an co-chothrom. Fiù's bha iad airson slighe mhara gu ruige An t-Sile a lorg. A bharrachd air sin, bha an VOC an dùil gum fosgladh na bhòidsean am Mòr-roinn ùr sin dhan mhalairt agus gum b’ urrainn dhaibh an talamh a chleachdadh airson prothaid. Thug Tasman ainm do Thasmania. Phòs e dà thuras: ri Claesgie Meyndrix anns a' chiad dol a-mach agus bha nighean aice. Gu dòrainneach, chaochail a bhean agus, ann an 1632 phòs e ri Joanna Tiercx.[5]