An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Herman Brood"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
b Bot: Migrating 3 interwiki links, now provided by d:Wikidata on d:Q719447
Loidhne 60: Loidhne 60:
[[Category:Na Tìrean Ìsle|Brood, Herman]]
[[Category:Na Tìrean Ìsle|Brood, Herman]]
[[Category:Seinneadairean|Brood, Herman]]
[[Category:Seinneadairean|Brood, Herman]]

[[de:Herman Brood]]
[[en:Herman Brood]]
[[fr:Herman Brood]]
[[it:Herman Brood]]
[[nl:Herman Brood]]

Mùthadh on 01:16, 11 dhen Ògmhios 2013

Herman Brood

Actair, Ceòladair, Peantair

Ceann-Là Bhreithe 5 an t-Samhain 1946
Àite Bhreithe Zwolle (Na Tìrean Ìsle)
Ceann-Là a Bhàis 11 an t-Iuchar 2001
Àite a Bhàis Amsterdam, Na Tìrean Ìsle
Bean/Fear-Chèile Xandra Jansen
Meadhan Guth, Piàna
Stoidhle Blues, Jazz, Ròc
Làrach-lìn Duilleag Oifigeil

B' e Actair, Bàrd, Peantair[1] agus Seinneadair ainmeil às Na Tìrean Ìsle a bh'ann an Herman Brood[2] (Zwolle, 5 an t-Samhain 1946 - Amsterdam, 11 an t-Iuchar 2001). Thoisich Brood am piàna a chluich nuair a bha e dìreach 12 bliadhna a dh'aois. Bha e air leth glic ach cha do chòrd an sgoil leis idir. Dh'fhàs e gu math ainmeil mar cheòladair san dùthaich aige fhèin fad na 70an ann ann sreath dhe còmhlain-ciùil: The Moans, Cuby and the Blizzards, Q65 agus Stud. Ach 's e na rinn e còmhla ri Wild Romance, a steidhich e ann an 1977 a tha nas ainmeil nar làithean. Choinnich e ri Anton Corbijn ann an Groningen ann an 1975. Phòs Brood le Xandra Jansen ann an 1985 agus fhuair iad dithis duine-chloinne, Lola agus Holly. Bha nighean eile aige, Brenda, a rugadh ann an 1979. Beag air bheag leig e dheth an Ceòl airson a bhith na pheantair agus na bhàrd.[3] Rinn e mòran dealbhan-balla a chithear ann an Amsterdam an latha an-diugh. Bha e a-riamh ann an trioblaid leis an deoch làidir agus na drugaichean. Cha b'urrainn dha sin leigeil a dheth agus mu dheireadh thall thug Brood ùthachd dha fhèin ann an taigh-òsda Hilton,[4] ann an Hilton an Amsterdam, ann an 2001

Iomraidhean

  1. Herman Brood Museum
  2. All Music
  3. Herman Brood art
  4. Radio NL