An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Han Hollander"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
b Bot: Migrating 1 interwiki links, now provided by d:Wikidata on d:Q151856
Loidhne 13: Loidhne 13:
[[Category:Daoine|Hollander, Han]]
[[Category:Daoine|Hollander, Han]]
[[Category:Na Tìrean Ìsle|Hollander, Han]]
[[Category:Na Tìrean Ìsle|Hollander, Han]]

[[nl:Han Hollander]]

Mùthadh on 01:15, 8 dhen Ògmhios 2013

B' e fear-aithris, craoladair agus lùth-chleasaiche às Na Tìrean Ìsle a bh'ann an Han Hollander (Ainm slàn: Hartog Hollander, Deventer, 5 an Damhair 1886 - Sobibór, 9 an t-Iuchar 1943).[1]

Beatha

Bhuinneadh Hollander do theaghach Iùdhach à Deventer: 's e bròcair a bh'ann athair, Simon, agus fear-malairt a bh'ann a sheanair, Jacob. Thoisich Han ball-coise a' cluiche leis a' chlub Go Ahead ann an 1902.[2] Fhuair e obair ris an rèile ann an 1904 is e na phreantas chlèireach agus an uair sin na chlèireach. Phòs e ri Leentje Smeer ann an 1912.[3] A bharrachd air a dreuchd fhèin, dhèanadh e aithrisean mu dheidhinn spòrs airson Het Sportblad agus, ann an 1921, chaidh e ainmeachadh leth-dheasaiche nan spòrs leis a' phàipear-naidheachd De Telegraaf. Choinnich e ri Willem Vogt nuair a bha e san arm. An ceann bhliadhnaichean, nuair a bha Vogt os cionn a' chompanaidh rèidio AVRO, thug e cuireadh do Hollander a bhith na chraoladair ball-coise. Rinn e a' chiad aithris beò air 11 am Màrt 1928[4] ann an gèama ball-coise eadar-nàiseanta eadar Na Tìrean Ìsle agus A' Bheilg. Chòrd a ghuth taitneach binn leis an luchd-èisteachd agus bha Hollander uabhasach ainmeil san dùthaich fad na 30an mar a'chiad aithrisiche spòrs aca.

Hitler

Chaidh Hollander gu Berlin airson a bhith a' toirt aithris rèidio air na gèamaichean olympigeach. Fhuair e cothrom obair nan Nàsach fhaicinn. An ceann ceithir bliadhna, ann an 1940, thug A' Ghearmailt ionnsaigh air Na Tìrean Ìsle.[5] Mhair an còmhstri dìreach còig latha, mus do mhill na Nàsaich Rotterdam.[6] Theich an teaghlach rìoghail thall thairis agus ghèill an t-arm. Thoisich fasgadh nan Iùdhach ann an 1941, a dh'aindeoin stailc nan aghaidh. Bha an eaglais Caitligeach agus na h-aonaidhean-ciùird an aghaidh na bha na Nàsach a' dèanamh ach thug am poileas taic dhan nàmhaid: chaidh campa a stèidheachadh ann an Westerbork ann an 1942 agus fear eile ann an Amersfoort agus Vught. Chaill na h-Iùdhaich an dreuchd ann an 1940.[7] Chuireadh an teaghlach Hollander tro champa ann an Westerbork ann an 1943. Bhàsaich a nighean Froukje sa champa Auschwitz thall sa Phòlainn air 28 an Gearran 1943 agus chaochail Han Hollander agus a bhean Leentje sa Champa Sobibór, air 9 an t-Iuchar 1943.[8]

Iomraidhean

  1. Historici
  2. Jodsmonument
  3. Historici
  4. Geschiendenis
  5. War over Holland
  6. Hooton, Edward (2007), Luftwaffe at War; Blitzkrieg in the West, London: Chervron/Ian Allan, ISBN 978-1-85780-272-6
  7. Geschiendenis
  8. Jodsmonument