An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Teamplaid:Artagail taghta"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
b ltr
Loidhne 1: Loidhne 1:
Tha '''Sabhal Mòr Ostaig''' 'na colaiste [[Gàidhlig|Ghàidhlig]] na h-[[Alba]] agus 'na ionad nàiseanta cànan is cultar na Gàidhlig, stèidhichte ann an [[Slèite]] san [[An t-Eilean Sgitheanach|Eilean Sgitheanach]]. Aig a' cholaiste, tha Sabhal Mòr Ostaig a' tabhainn chùrsaichean làn-tìde tro mheadhan na Gàidhlig suas gu ìre ceum le urram, tro [[Sgeama na Gàidhlig]] aig [[Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean]]. [[Image:Sabhal Mor new campus.JPG|thumb|250px|An togalach ùr]]Gabhaidh na cùrsaichean sin a dhèanamh pàirt-ùine air astar cuideachd, agus am measg nan cùrsaichean eile air astar tha an Cùrsa Inntrigidh airson luchd-tòiseachaidh na Gàidhlig, an Cùrsa Adhartais a tha aig ìre a' chiad bliadhna oilthigh, agus BSc ann an Cultar Dùchthasach agus Eachdraidh na h-Alba.
Tha '''Sabhal Mòr Ostaig''' 'na colaiste [[Gàidhlig|Ghàidhlig]] na h-[[Alba]] agus 'na ionad nàiseanta cànan is cultar na Gàidhlig, stèidhichte ann an [[Slèite]] san [[An t-Eilean Sgitheanach|Eilean Sgitheanach]]. Aig a' cholaiste, tha Sabhal Mòr Ostaig a' tabhainn chùrsaichean làn-tìde tro mheadhan na Gàidhlig suas gu ìre ceum le urram, tro [[Sgeama na Gàidhlig]] aig [[Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean]]. [[Image:Sabhal Mor new campus.JPG|thumb|250px|An togalach ùr]]Gabhaidh na cùrsaichean sin a dhèanamh pàirt-ùine air astar cuideachd, agus am measg nan cùrsaichean eile air astar tha an Cùrsa Inntrigidh airson luchd-tòiseachaidh na Gàidhlig, an Cùrsa Adhartais a tha aig ìre a' chiad bhliadhna oilthigh, agus BSc ann an Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na h-Alba.


Tha iomadh phròiseact eile stèidhte air làraich na Colaiste: an companaidh foillseachaidh Cànan; am pròiseact rannsachaidh Soillse; Lèirsinn; Faclar na Gàidhlig; Ainmean Àite na h-Alba; stiùidio telebhisein. Chuidich SMO ri [[Ionad Chaluim Chille Ìle]] a chur air chois agus tha ceanglaichean làidir eadar na colaistean.
Tha iomadh phròiseact eile stèidhichte air làraich na Colaiste: a' chompanaidh fhoillseachaidh Cànan; am pròiseact rannsachaidh Soillse; Lèirsinn; Faclair na Gàidhlig; Ainmean Àite na h-Alba; stiùidio telebhisein. Chuidich SMO ri [[Ionad Chaluim Chille Ìle]] a chur air chois agus tha ceanglaichean làidir eadar na colaistean.


Dh'fhosgail Sabhal Mòr Ostaig ann an 1973, ann an seann toglaichean tuathanais aig Ostaig ann an Slèite. B' e am prìomh amas leabharlann Gàdhlig a chur air bhonn, ach bha colaiste Ghàidhlig cuideachd san amharc, airson foghlam adhartach agus dreuchdail a thabhainn do luchd-labhairt na Gàidhlig. Bha barrachd is barrachd luchd-ionnsachaidh a' togail ùidh anns a' chànan agus bhiodh cothroman ionnsachaidh ann dhaibhsan cuideachd.[[Sabhal Mòr Ostaig|...leugh an corr]]
Dh'fhosgail Sabhal Mòr Ostaig ann an 1973, ann an seann thogalaichean tuathanais aig Ostaig ann an Slèite. B' e am prìomh amas leabharlann Gàdhlig a chur air bhonn, ach bha colaiste Ghàidhlig cuideachd san amharc, airson foghlam adhartach agus dreuchdail a thabhainn do luchd-labhairt na Gàidhlig. Bha barrachd is barrachd luchd-ionnsachaidh a' togail ùidh anns a' chànan agus bhiodh cothroman ionnsachaidh ann dhaibhsan cuideachd.[[Sabhal Mòr Ostaig|...leugh an corr]]
<noinclude>
<noinclude>
[[Category:Teamplaid]]
[[Category:Teamplaid]]

Mùthadh on 19:04, 1 dhen Chèitean 2013

Tha Sabhal Mòr Ostaig 'na colaiste Ghàidhlig na h-Alba agus 'na ionad nàiseanta cànan is cultar na Gàidhlig, stèidhichte ann an Slèite san Eilean Sgitheanach. Aig a' cholaiste, tha Sabhal Mòr Ostaig a' tabhainn chùrsaichean làn-tìde tro mheadhan na Gàidhlig suas gu ìre ceum le urram, tro Sgeama na Gàidhlig aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

An togalach ùr

Gabhaidh na cùrsaichean sin a dhèanamh pàirt-ùine air astar cuideachd, agus am measg nan cùrsaichean eile air astar tha an Cùrsa Inntrigidh airson luchd-tòiseachaidh na Gàidhlig, an Cùrsa Adhartais a tha aig ìre a' chiad bhliadhna oilthigh, agus BSc ann an Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na h-Alba.

Tha iomadh phròiseact eile stèidhichte air làraich na Colaiste: a' chompanaidh fhoillseachaidh Cànan; am pròiseact rannsachaidh Soillse; Lèirsinn; Faclair na Gàidhlig; Ainmean Àite na h-Alba; stiùidio telebhisein. Chuidich SMO ri Ionad Chaluim Chille Ìle a chur air chois agus tha ceanglaichean làidir eadar na colaistean.

Dh'fhosgail Sabhal Mòr Ostaig ann an 1973, ann an seann thogalaichean tuathanais aig Ostaig ann an Slèite. B' e am prìomh amas leabharlann Gàdhlig a chur air bhonn, ach bha colaiste Ghàidhlig cuideachd san amharc, airson foghlam adhartach agus dreuchdail a thabhainn do luchd-labhairt na Gàidhlig. Bha barrachd is barrachd luchd-ionnsachaidh a' togail ùidh anns a' chànan agus bhiodh cothroman ionnsachaidh ann dhaibhsan cuideachd....leugh an corr