An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Girardota"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b r2.6.5) (Robot: Adding sco:Girardota
b Bot: Migrating 12 interwiki links, now provided by Wikidata on d:q774725 (translate me)
Loidhne 47: Loidhne 47:
[[Category:Bailtean]]
[[Category:Bailtean]]


[[en:Girardota]]
[[es:Girardota]]
[[fr:Girardota]]
[[ie:Girardota]]
[[it:Girardota]]
[[ms:Girardota]]
[[ms:Girardota]]
[[nl:Girardota]]
[[pt:Girardota]]
[[ro:Girardota]]
[[sco:Girardota]]
[[sco:Girardota]]
[[tl:Girardota]]
[[vi:Girardota]]
[[war:Girardota]]
[[zh:希拉多塔]]

Mùthadh on 08:33, 9 dhen Mhàrt 2013

Girardota
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Antioquia
Sgìre Valle de Aburrá (A' Ghleann Aburrá)
Àirde 1425m
Co-chomharran 6° 22' Tuath
75° 26' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 78 km²
Àireamh-shluaigh 42,566 (2005)
Dlùths 545.72/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas Girardota

'S e baile meadhanach ann an Antioquia,[1] Coloimbia,[2] a tha ann an Girardota. Tha e suidhichte aig 1,425m os cionn ìre na mara anns a' Ghleann Aburrá, dìreach ri taobh Medellín, prìomh-bhaile na roinne. ' S e baile le clìomaid teth a th'ann agus tha teodhachd meadhanach dhe 22˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1833.

Eachdraidh

Chaidh am baile ris an canar Girardota an latha an-diugh a steidheachadh gu h-oifigeil leis a’ Cheann-suidhe Juan de Dios Aranzazu (17981845), ann an 1833 anns a' Ghleann Aburrá, ga sgaradh bho Bharbosa.[3] Bha Aranzazu fhathast na Riaghladair ann an Antioquia aig an àm. A bharrachd air Girardota, steidhich esan 5 bailtean eile ann an Antioquia: Campamento, Liborina, Entrerríos, Ebéjico agus Cocorná.[4] A tuilleadh air sin, thug e fearann mar thabhartas airson am baile Aranzazu ann an Caldas a steidheachadh cuideachd.

Sluagh a' bhaile

Ged a tha 42,566 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 17,555 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. 'S e am baile leis an dlùths taobh àireimh-sluaigh as motha anns an dùthaich.

Taobh chinnidh, ' s e daoine afro-coloimbianch a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Girardota (is mòran dhuibh mestizos). Chan eil Tùsanaich ann idir, ach tha 73.4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 91.7% dhe na daoine ann an Girardota leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 87.9% dhe na dachannan.[7]

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Girardota. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Ceanglaichean A-mach

An t-sìde ann an Girardota (Medellín)

Iomraidhean

  1. Mapa oifigeil na roinne
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Fiosrachadh a' Chomhairle
  4. Leabharlann Luis Angel Arango
  5. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  6. Cololmbia Virtual
  7. Bileag fhiosrachaidh DANE
  8. Country Studies: Colombia
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: