An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Cartagena de Indias"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b r2.7.3) (Robot: Adding ms:Cartagena, Colombia
b r2.7.1) (Robot: Adding af:Cartagena, Colombia
Loidhne 69: Loidhne 69:
[[Category:Bailtean]]
[[Category:Bailtean]]


[[af:Cartagena, Colombia]]
[[ar:قرطاجنة، كولومبيا]]
[[ar:قرطاجنة، كولومبيا]]
[[bg:Картахена (Колумбия)]]
[[bg:Картахена (Колумбия)]]

Mùthadh on 23:09, 6 dhen Mhàrt 2013

Cartagena de Indias
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Bolívar
Àirde 2m
Co-chomharran 10° 26′ 5″ Tuath
75° 30′ 8″ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 609.1 km²
Àireamh-shluaigh 892,545 (2005)
Dlùths 1,465.35/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas Chartagena de Indias

‘S e prìomh-bhaile na roinne Bolívar a ann an Coloimbia[1] a th’ann Cartagena de Indias (kartaˈxena ðe ˈindjas), neo Cartagena,[2] agus a bharrachd air sin ‘s e an còigeamh baile as motha na dùthcha a-rèir àireamh-sluaigh, an dèidh Bogotá, Medellín, Cali agus Barranquilla. Chaidh e ainmeachadh Sgìre Turasachd agus Cultarail ann an 1991. Tha am baile suidhichte dìreach air oirthir a’ Muir Chairibianach 1,060km air falbh bho Bhogotá.[3] agus ‘s e fear dha na puingean turasachd as cudromaiche ann an Coloimbia, agus e an darna baile as motha air oirthir Cairibianach na dùthcha, ri chùlaibh Bharranquilla. A bharrachd air sin, 's e Cartagena an 5mh baile as motha na dùthcha.[4] Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1533.

Bha àireamh sluaigh dhe 892,545 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a' chunntais-sluaigh mu dheireadh.[5]

‘S e fear dhe na puirt a bu chudromaiche ann an Aimearaga a bh’ann Cartagena de Indias bho stèidheachadh a’ bhaile anns an 16mh linn is rè àm ìompaireachd na Spàinne. Ghairm am baile a neo-eiseamleachd bhon an Spàinn 11 an t-Samhain 1811. ‘S e Fèis Nàiseanta ann an Coloimbia a th’ann an latha sin agus tha Fèisean an Neo-Eiseamleachd nan ruith fad ceithear latha anns a’ bhaile fhèin. Bho 1933, tha 11 an t-Samhainn air a bhith latha taghadh Miss Coloimbia, ann am Farpais Nàiseanta an Aille.

Rè na linntean, tha Cartagena air a bhith ga leasachadh, agus am baile eachdraidheil a ghleidheachadh, agus an latha an-diugh ‘s e fear dhe na puirt as cudromaiche na dùthcha agus làrach turasachd cliùiteach a th’ann. Tha àireamh-sluaigh iomall dhe 892,545 anns a’ bhaile fhèin, ach a bharrachd air sin tha àireamh-sluaigh iomall bho 1,188,078 air feadh a’ cheàna aige, a’ gabhail a-steach na bailtean Turbaco, Arjona, Turbana, Santa Rosa, Santa Catalina, Clemencia, Maria La Baja, Mahates, San Etanislao, Arenal agus Villanueva, le Cartagena ann an teas mheadhan dhuibh. Chaidh meadhan a’ bhaile eachraidheil Chartagena, ris an canar La Ciudad Amurallada (Baile na Mùirean), a dh’ainmeachadh Làrach Dhualchas Nàiseanta Choloimbia ann an 1959 agus Làrach Dhualchas na Cruinne ann an 1984 le UNESCO. Fhuair Ailtireachd Armailte a’ bhaile deuchainn mar an ceithreamh mìorbhail aig Coloimbia ann an 2007.

Ainm an Aite

Ann an 1502, ann an turas nach mhair ach ceithear mìosan, Rinn Rodrigo de Bastidas taisgleadh air Oithir A’ Chuain Siar (far a bheil Coloimbia an latha an -diugh) gu lèir, agus bagh Cartagena na measg. Thug e an t-ainm sin oirre oir bha i cho caol ris a’ bhagh aig Cartagena anns an Spàinnt. An dèidh sin ann an 1533 cho-dhùin an ceannsaiche Pedro de Heredia, à Madrid, gun stèidhich esan am Baile Cartagena air 1 an t-Og Mhìos sa bhliadhna sin.

Sluagh a' bhaile

Ged a tha 892,545 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 50,317 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Cartagena, ach tha 0.2% dhe Tùsanaich agus 36.5% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 91.4% dhe na daoine ann an Cartagena leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 47.4% dhe na dachannan.[7]

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Cartagena de Indias. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Bailtean Co-Cheangailte

Daoine Ainmeil

Bartolomé Calvo (1815 - 1889): Ceann-suidhe na dùthcha ann an 1861.

Rafael Núñez Moledo (1825 - 1894): Ceann-suidhe na dùthcha.

Iomraidhean

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Encyclopedia Britannica
  3. Invias
  4. Bailtean as motha na dùthcha
  5. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  6. Cololmbia Virtual
  7. Bileag fhiosrachaidh DANE
  8. Country Studies: Colombia
  9. Diario de Cádiz
  10. Diario El Universal de Cartagena
  11. SisterCities
  12. City of Coral Gables

Ceanglaichean A-mach

An t-sìde an an Cartagena de Indias


Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: