An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Alasdair mac Mhaighstir Alasdair"

O Uicipeid
Content deleted Content added
A' ceartachadh litreachadh
A' cur cheanglaichean ris an duilleig
Loidhne 7: Loidhne 7:
Ann an 1745 chuir Alasdair a chùl ri teagasg agus rinn e air Gleann Fhìonain far an do chuir [[Teàrlach_Eideard_Stiùbhairt|Teàrlach Òg Stiùbhairt]] a bhratach ri crann. 'S ann mun àm sin no beagan roimhe a bha Alasdair air tionndadh ri Eaglais na Ròimhe agus ghabh e ri arm a' Phrionnsa mar oifigear an rèisimeid Raghnaill Oig, [[Mac Mhic Ailein]]. Rinn e tòrr òran brosnachaidh mun àm seo, leithid 'Oran nam Fineachan', 'Brosnachadh nam Fineachan', 'Òran don Phrionnsa Teàrlach ('O hi ri rì, tha e tighinn') agus 'Clò Mhic 'Ille Mhìcheil', agus aoir air luchd-taice Rìghrean Hanòbhair. Tha cuid a' creidsinn gur e a sgrìobh tràchdas anns a' Bheurla a nochd gun urra goirid as dèidh [[Blàr_Chùil_Lodair|Bhlàr Chùil-Lodair]] ag innse stòiridh [[Bhliadhna Theàrlaich]] tro shùilean 'Oifigich Ghàidhealaich' an arm a' Phrionnsa.

As dèidh Bhlàr Chùil-Lodair bha Alasdair agus a bhean fon choill; tha beul-aithris ag innse gun robh Sìne trom aig an àm. Mu dheireadh fhuair Alasdair seilbh air baile fearainn aig Eigneig ann am [[Mùideart]] agus rinneadh na bhàillidh e air [[Canaigh|Eilean Chanaigh]], a bha cuideachd na phàirt de dh'oighreachd Chlann Raghnaill.
As dèidh Bhlàr Chùil-Lodair bha Alasdair agus a bhean fon choill; tha beul-aithris ag innse gun robh Sìne trom aig an àm. Mu dheireadh fhuair Alasdair seilbh air baile fearainn aig Eigneig ann am [[Muideart|Mùideart]] agus rinneadh na bhàillidh e air [[Canaigh|Eilean Chanaigh]], a bha cuideachd na phàirt de dh'oighreachd Chlann Raghnaill.

Dh'fhoillsich Alasdair a bhàrdachd fon tiotal 'Aiseirigh na Seann Chanoin Albannaich' ann an 1751. Bha iomadach diofar stoidhle na chomas, bho òrain-ghaoil bhlàth leithid 'Moladh Mòraig' gu bàrdachd mionaideach mu nàdar leithid 'An Samhradh' agus 'An Geamhradh'. Sgrìobhadh e aoir ghoirid sgaiteach a cheart cho math ri dàin mhòra ghaisgeil leithid 'Bìrlinn Chlann Raghnaill'.

Mùthadh on 23:25, 20 dhen Ghearran 2007

Rugadh Alasdair MacMhaighstir Alasdair, no Alasdair MacDhòmhnaill (c.1690 - c.1770), ann an Àird nam Murchan, far an robh athair na mhinistear. Bhuineadh an teaghlach do dh'Uibhist a-Deas agus bha ceanglaichean làidir aca ri Clann Raghnaill.

A-rèir beul-aithris 's ann bho athair a fhuair Alasdair a chuid oideachaidh anns a' chiad dol a-mach agus chaidh e an uair sin gu Oilthigh Ghlaschu, ged nach eil seo ga dhearbhadh ann am pàipearan an Oilthigh. Tha beul-aithris cuideachd a' cumail a-mach nach tug e mach ceum aig deireadh an latha ach gun do dh'fhàg e an oilthigh a phòsadh Sìne Dhòmhnallach à Gleann Eite. Nuair a nochdas e a-rithist ann an clàran sgrìobhte, ann an 1729, 's ann mar neach-oideachaidh agus ceistear aig an SSPCK (Scottish Society for the Propagation of Christian Knowledge) a tha e ag obair, ann an Eilean Fhìonain, faisg air far a bheil an Gearastan an-diugh.

Ann an 1738 bha Alasdair a' teagasg ann an Cille Chomhghain agus ann an 1739 ann an Coire Mhuilinn, far an do rinn e an dàn ainmeil aige, 'Allt an t-Siùcair'. Ann an 1741 dh'fhoillsich e faclair Gàidhlig, a' chiad leabhar clò-bhuailte a nochd bho thùs ann an Gàidhlig na h-Alba a-riamh.

Ann an 1745 chuir Alasdair a chùl ri teagasg agus rinn e air Gleann Fhìonain far an do chuir Teàrlach Òg Stiùbhairt a bhratach ri crann. 'S ann mun àm sin no beagan roimhe a bha Alasdair air tionndadh ri Eaglais na Ròimhe agus ghabh e ri arm a' Phrionnsa mar oifigear an rèisimeid Raghnaill Oig, Mac Mhic Ailein. Rinn e tòrr òran brosnachaidh mun àm seo, leithid 'Oran nam Fineachan', 'Brosnachadh nam Fineachan', 'Òran don Phrionnsa Teàrlach ('O hi ri rì, tha e tighinn') agus 'Clò Mhic 'Ille Mhìcheil', agus aoir air luchd-taice Rìghrean Hanòbhair. Tha cuid a' creidsinn gur e a sgrìobh tràchdas anns a' Bheurla a nochd gun urra goirid as dèidh Bhlàr Chùil-Lodair ag innse stòiridh Bhliadhna Theàrlaich tro shùilean 'Oifigich Ghàidhealaich' an arm a' Phrionnsa.

As dèidh Bhlàr Chùil-Lodair bha Alasdair agus a bhean fon choill; tha beul-aithris ag innse gun robh Sìne trom aig an àm. Mu dheireadh fhuair Alasdair seilbh air baile fearainn aig Eigneig ann am Mùideart agus rinneadh na bhàillidh e air Eilean Chanaigh, a bha cuideachd na phàirt de dh'oighreachd Chlann Raghnaill.

Dh'fhoillsich Alasdair a bhàrdachd fon tiotal 'Aiseirigh na Seann Chanoin Albannaich' ann an 1751. Bha iomadach diofar stoidhle na chomas, bho òrain-ghaoil bhlàth leithid 'Moladh Mòraig' gu bàrdachd mionaideach mu nàdar leithid 'An Samhradh' agus 'An Geamhradh'. Sgrìobhadh e aoir ghoirid sgaiteach a cheart cho math ri dàin mhòra ghaisgeil leithid 'Bìrlinn Chlann Raghnaill'.

Bhàsaich Alasdair ann an Sanndaig ann an Arasaig agus tha e air a thiodhlaigeadh ann an seann chladh Chille Mhuire an sin.

Tha cunntas air beatha Alasdair na òige ri fhaighinn anns an leabhar aig Raghnall MacIlleDhuibh 'Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair: The Ardnamurchan Years' (Coll, 1986). Tha fiosrachadh mun bhàrdachd aige ann an 'An Introduction to Gaelic Poetry' le Ruaraidh MacThòmais (Dùn Èideann, 1990) agus ann an 'Gaelic Poetry in the Eighteenth Century', leis an aon ùghdar (Obar Dheathain, 1993). Tha a' mhòr-chuid de bhàrdachd air a cruinneachadh ann an 'The Poems of Alexander MacDonald', deasaichte le MacDhòmhnaill agus MacDhòmhnaill (Inbhir Nis, 1924).

Ceanglaichean a-muigh