An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Clàrsach"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b r2.7.1) (Robot: Adding war:Arpa
b r2.7.2) (Robot: Removing nds:Harp
Loidhne 71: Loidhne 71:
[[lv:Arfa]]
[[lv:Arfa]]
[[mn:Босоо ятга]]
[[mn:Босоо ятга]]
[[nds:Harp]]
[[nl:Harp (tokkelinstrument)]]
[[nl:Harp (tokkelinstrument)]]
[[nn:Harpe]]
[[nn:Harpe]]

Mùthadh on 17:23, 27 dhen Ghearran 2013

Clàrsach Albannach

Tha an aiste seo air clârsaich san fharsaingeachd - faic cuideachd cruit is clàrsach Albannach

Tha Clàrsach na inneal-ciùil nan teud. Cleachdar "taigh nan teud" mar farainm.

Se cruit an t-ainm a tha air clàrsach beag.

Se orghan-ciùil teudach trì-cheàrnach a th' anns a' chlàirsich neo a' chruit.

Mar as trice, bidh teudan na clàirsiche ag éirigh gu dìreach a cuim na clàirsiche. Bidh teudan, com agus corr air a h-uile clàirsich ach cha bhith làmhchrann oirre daonnan. Canar clàrsach thrì-ballach ri clàirsich aig a bheil làmhchrann agus clàrsach dhà-bhallach ri té aig nach eil làmhchrann. Bidh cuid de chlàirseachan gan seasamh air an ùrlar agus cuid eile gan cuir ann an uchd a' chlàirseire, a-réir a' mheud. Faodaidh teudan chlàirsiche a bhith de dh'umha, de chopair, de dh'fheòil caolain, de chalg, de shìoda neo de naidhlean, am measg rudan eile. Canar clàirseire/bana-chlàirseire ri neach a sheinneas a' chlàirseach.

Gheibhear caochladh sheòrsachan de chlàirseachan air feadh Afraga, an Roinn Eòrpa, Aimearaga agus roinnean de dh'Àisia. B' àbhaist seasamh àrd a bhith aig a' chlàirsich agus an liora am measg a' chuid a bu mhotha de chinnidhean an t-saoghail. Anns an Roinn Eòrpa, chaill a' chlàirseach a seasamh tràth anns an 19mh linn oir shaoil sgrìobhadairean ciùil gur e ionnsramaid do bhoireannaich a bh'innte bhon a lean móran bhoireannach cleas Marie Antoinette ann a bhith a' gabhail ùidh innte.

A-thaobh Aeolian harp (clàrsach gaoithe), autoharp neo cumadh sam bith den liora neo ciothara, chan e clàrsachan a th' annta seo air sgàth s nach bi na teudan aca ag éirigh gu dìreach a cuim na clàirsiche. Bidh na teudan aca seo a' dol tarsainn na cuime agus mar sin buinidh na h-ionnsramaidean seo dhan ghné-orghain zither, mar a bhuineas agus pianoforte is harpsichord.

Ann an ceòl nam Blues, canar Blues harp ris a' harmonica ach chan e orghan teudach a th' innte sin nas motha ach orghan gaoithe.

Thathar a' cur an ceann gun d'thàinig an t-ainm clàrsach bho na faclan clàr shoileach ach chan eil anns an seo ach beachd. Gur math a dh'fhaodte gu bheil am facal togte as an fhacal clàr agus an leasachan -seach a tha a' dèanamh an fhacail clàr boireanta. Leanadh seo seann chleachdadh a chìthear ann an ainmean mar Ròinseach (Rònan ach do bhoireannach) neo Finnseach (Fionn ach do bhoireannach).

Claisairean ainmeil

Faic cuideachd clàirseach Ghàidhealach agus cruit.

Teamplaid:Link FA