An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "La Estrella"
b r2.7.3) (Robot: Adding ms:La Estrella, Antioquia |
b r2.6.5) (Robot: Adding sco:La Estrella, Antioquia |
||
Loidhne 59: | Loidhne 59: | ||
[[pt:La Estrella (Antioquia)]] |
[[pt:La Estrella (Antioquia)]] |
||
[[ro:La Estrella]] |
[[ro:La Estrella]] |
||
[[sco:La Estrella, Antioquia]] |
|||
[[tl:La Estrella, Antioquia]] |
[[tl:La Estrella, Antioquia]] |
||
[[war:La Estrella, Antioquia]] |
[[war:La Estrella, Antioquia]] |
Mùthadh on 15:31, 10 dhen Ghearran 2013
La Estrella
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Antioquia | ||||
Sgìre | Valle de Aburrá (A' Ghleann Aburrá) | ||||
Àirde | 1775m | ||||
Co-chomharran | 6° 09' Tuath 75° 38' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 35 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 52,563 (2005) | ||||
Dlùths | 1,501.8/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas La Estrella |
'S e baile meadhanach anns a' Ghleann Aburrá ann an Antioquia,[1] Coloimbia,[2] a tha ann an La Estrella. Tha e dìreach ri taobh Medellín (16km), prìomh-bhaile na roinne. Tha e suidhichte aig 1,775m os cionn ìre na mara. ' S e baile le clìomaid blàth a th'ann La Estrella agus tha teodhachd meadhanach dhe 20˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1685.[3]
Sluagh a' bhaile
Ged a tha 52,563 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 23,751 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am La Estrella, agus tha 2.8% dhe daoine le freumhan ann an Afraga cuideachd. ' S urrainn dhan 94.2% dhe na daoine ann an La Estrella leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 92.2% dhe na dachannan.[6]
Fèisean
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am La Estrella. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
- Fèis Neo-eisimeileachd na roinne: 11mh an Lùnasdal.
- Fèisean a' Mheatailt.
- A' Chàisg.
- Fèisean an Uisge: an t-Ogmhios.
- Fèille An Romeral: 27mh an Lùnasdal gu 5mh an t-Sultain. Seo an fhèis as fheàrr.
- Fèille Moire (Spàinntis:Nuestra Señora del Rosario de Chiquinquirá)
- Fèisean an Teine: an Dùbhlachd.