An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Otto von Bismarck"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b Robot: Adding af:Otto von Bismarck
b r2.6.5) (Robot: Adding pms:Otto von Bismarck
Loidhne 107: Loidhne 107:
[[oc:Otto von Bismarck]]
[[oc:Otto von Bismarck]]
[[pl:Otto von Bismarck]]
[[pl:Otto von Bismarck]]
[[pms:Otto von Bismarck]]
[[pnb:بسمارک]]
[[pnb:بسمارک]]
[[pt:Otto von Bismarck]]
[[pt:Otto von Bismarck]]

Mùthadh on 08:49, 10 dhen Ghearran 2013

Otto von Bismarck

B’ e neach poileataics Gearmailteach a bha ann an Otto Eduard Leopold, Prionnsa Bismarck, Diùc Lauenburg, Count von Bismarck-Schönhausen anns an 19mh linn.

Tha e iomraiteach ann an Aonachadh na Gearmailt (German Unification sa Bheurla). Is e sin gum b' esan a dh' innlich cruthachadh Stàit na Gearmailt mar a tha i an-diugh. Nuair a chaidh ìmpireachd na Gearmailt a stèidheachadh, b' esan a' chiad seansalair.

Rugadh Otto von Bismarck-Schönhausen san 1 an Giblean 1815 ann an Schönhausen ann an Sagsainn-Anhalt; chaidh àrach ann am Pommern anns A’ Phrùis. Thug e a-mach ceum ann an eòlas-lagha ann am Berlin. An toiseach, bha e ag obair mar thuathanach air an tuathanas aige ann an Schönhausen, ach chaidh e an sàs ann an saoghal nam poileataics ann an 1848.

B' e prìomh-mhinistear na Prùisia a bh' ann bho 1862 gu 1890. Chaidh aig Bismarck air na stàitean beaga neo-eisimeilean ann an taobh tuath na Gearmailt a chur ri chèile, a' cruthachadh Co-chaidreamh Gearmailt a Tuath (sa Ghearmailtis: Norddeutscher Bund) agus a' Phruis mar an stàit a bu chudthromaiche.

Rinn e cumhnantan os ìseal leis na stàitean beaga ann an taobh a deas na Gearmailt cuideachd. Bhuannaich a' Phruis ann an Cogadh na Frainge' s na Pruis (18701871), agus bhris iad cumhachd na Frainge anns an Roinn Eòrpa. An dèidh sin, dh'aonaich Co-chaidreamh Gearmailt a Tuath agus stàitean beaga eile ri chèile gus Impireachd na Gearmailt (1871-1918) (sa Bheurla: German Empire, `sa Ghearmailtis: Deutsches Kaiserreich) a stèidheachadh leis a' Phruis mar phrìomh stàit. Bha Uilleam I na ceusair agus bha Bismarck na chiad seansalair (1871-1890).

Dealbh „A' leigeil às an ceann-iùil“ bho Sàr John Tenniel anns an iris "Punsch" 1890

Am broinn Àrd-Rioghachd na Gearmailt chuir e pòsadh catharra, àrachas-slàinte, àrachas-tubaist agus àrachas-peinnsean air bhonn. A thaobh poileasaidhean cèin, chùm e na stàitean Eòrpach ann an deagh chothrom poileataigeach.

Ann an 1847 phòs e Johanna von Puttkamer agus bha dithis mhac aca, Herbert agus Uilleam.

Eadar 1862 agus 1888 bha Bismarck ag obair còmhla ri Uilleam I. Ach, ann an 1888, thàinig an Ceusair Uilleam II gu cumhachd, fear a bha 40 bliadhna na b' òige na Bismarck. Mar bu dual dha, bha beachdan ùra agus dòighean eile aig Uilleam II. Mar sin dheth, chaill Bismarck an dreuchd aige ann an 1890, o chionn’s gun do dh’iarr e air an ìmpire, Uilleam II, na dleastanasan poileataigeach aige a choileanadh na aonar.

Chaochail Bismarck 30 an t-Iuchar 1898 ann an Friedrichsruh faisg air Hamburg. Chaidh adhlachadh ann an-sin cuideachd.

Ceangal a-muigh

Teamplaid:Link FA Teamplaid:Link FA