An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ain-Riaghailteachd"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b r2.7.3) (Robot: Modifying ar:لاسلطوية to ar:فوضوية
Loidhne 121: Loidhne 121:
[[ta:அரசின்மை]]
[[ta:அரசின்மை]]
[[tg:Анархизм]]
[[tg:Анархизм]]
[[th:ลัทธิอนาธิปไตย]]
[[th:อนาธิปไตย]]
[[tl:Anarkismo]]
[[tl:Anarkismo]]
[[tr:Anarşizm]]
[[tr:Anarşizm]]

Mùthadh on 17:22, 20 dhen Fhaoilleach 2013

Ain-Riaghailteachd
Fiosrachadh
Luchd-stèidhichidh William Godwin
Peter Kropotkin
Mikhail Bakunin
Beachdan
Linn 19mh Linn, 20mh Linn

Tha an t-ainm Ain-riaghailteachd sa Ghàidhlig (cuideachd, 'anargachd' neo anarcachas) gu math coltach ris an fhacal Greugais αναρχία ("às aonais archonan (riaghladair/riaghailt)"), agus co-ionann ri Anarchism (Beurla). Chan eil i a' ciallachadh mì-òrdugh ach 's e feallsanachd poiliteagach a tha innte a tha, ann an spiorad, a' nochdadh air feadh eachdraidh. Chaidh a cruthachadh mar shiostam ar-a-mach (aig an aon àm ri Marxachas) san 19mh linn an aghaidh ùghdarrasan, mì-cheartais is mì-chothromachd agus airson comainn far a bheil cumhachd aig na daoine fhèin.

Fiosrachadh

‘S e sreath dhe smuaintean feallsanach agus poiliteagach a th’ann an t-anarcachas (bhon Ghreugais αν- ,an-, "gun", agus αρχω, arkho, "cumhachd"). Air an dàrna làimh thathar an aghaigh na Stàite, nan rangachdan neo Ùghdarras sam bith a chuireas bacadh (fiosaigeach, inntinneil neo spiordail) air saorsa phearsanta uile gu lèir. Thathar cuideachd dhen bheachd gum biodh an Comann Sòisealta mòran na b’ fhèarr as àonais a leithid dhe eagrachasan, leis gu bheil iad ag obair os cionn nan daoine. Air an làmh eile thathar an aghaidh an t-seilbh prìobhadeach. Bheireadh beachdan agus smuaintean nan Anarcach buaidh uabhasach mòr air a’ chomann sòisealta san Roinn Eòrpa fad an 19mh Linn agus toiseach toiseachaidh an 20mh Linn, ged nach d’ fhuair iad mòran taic taobh a-muigh gluasadan nan Luchd-obrach.

Seall

Mikhail Bakunin (1814 – 1876) neach-smaoin ain-riaghailteach, a shabaid an-aghaidh Marx a thaobh stàitean, cumhachd, agus cothromachd ann an comann an luchd-obrach.

Daoine Ainmeil

Ceanglaichean taobh a-muigh

Teamplaid:Link FA Teamplaid:Link FA