An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Crith-thalmhainn Haiti 2010"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b r2.7.3) (Robot: Modifying nn:Jordskjelvet i Haiti 12. januar 2010
Loidhne 69: Loidhne 69:
[[ht:Tranblemanntè 12 janvye 2010 nan peyi Ayiti]]
[[ht:Tranblemanntè 12 janvye 2010 nan peyi Ayiti]]
[[hu:2010-es haiti földrengés]]
[[hu:2010-es haiti földrengés]]
[[hy:Հայիթիի երկրաշարժ (2010)]]
[[hy:Հաիթիի երկրաշարժ (2010)]]
[[id:Gempa bumi Haiti 2010]]
[[id:Gempa bumi Haiti 2010]]
[[is:Jarðskjálftinn á Haítí 2010]]
[[is:Jarðskjálftinn á Haítí 2010]]

Mùthadh on 06:14, 14 dhen Fhaoilleach 2013

Meadhan baile Phort-au-Prince as dèidh na crith-thalmhainn

Bhualadh Haiti le crith-thalmhainn neart Richter 7.3 air 12 am Faoilleach 2010.

Thuit milltean de thogaileachean anns a' phrìomh chathair Port-au-Prince, nan measg An Luchairt Nàiseanta (Àros nan Uachdarain), Àros a' Pharlamaid agus Ceann-Oifis nan Cisean. Thuit a' chuid a bu mhotha de na taighean eirideinn agus cha robh an coir ann an staid sabhailte. Dh'fhalig siostaman-conaltraidh na dùthcha uile gu lèir anns na h-uairean as dèidh a' chiad chrith. Mus do thòisich an t-uabhas seo, b' i Haiti an dùthaich bu bhochd san t-saoghal siarach agus, coltach ri iomadh eilean eile sa Chairibean chan eil caighdeanan togalach aig Haiti idir (is anns na 1930an a chuireadh caighdeanan togalach an gniomh an Breatuinn mar eisimpleir). A reir luchd-innlichidh, is gann gun robh togalach air bith sa chathair dealbhaichte a bhith seasmhach an aghaidh crith-thalmhainn.

Creag-eolas

Àite far an robh a' chrith-thalmhainn

Co-ordanaich: Tuatha Iar. Bha làr na crith-thalmhainn mu 25 km bho Phort-au-Prince aig domhainnead de 13km. Bha a' chiad bhual aig Neart Richter 7.3 agus na bualan leantainneach aig Neart Richter 5.0-5.3.

Naidheachd Latha Air Latha

12.01.2010: Bhual crith-thalmhainn. Bha aithisgean tràth a' measadh gun do dh'eug "ceudan". Tha milltean glacta fo thogaileachan a thuit.

13.01.2010: Suas ri 200 luchd-obrach an UN dith. Bha Ceannard Mission an UN air a lorg marbh.

14.01.2010: Measaichte gu bheil 45,000-50,000 marbh. Tha 2,000,000 duine gun dhachaigh agus 3,000,000 an eiginn. Tha taic bho thìrean cèin a' tòiseachadh air tighinn a-steach tron phrìomh raon adhair. Tha feachdan-riaghaltais Peru, Brazil an Haiti mar a tha agus a'toirt cobhair.

15.01.2010: Tha storasan teasairgean a-nis air lionadh Raon-adhair Port au Prince, far a bheil iad stuicte a chionn 's gun do rinn an crith-thalmhainn leir-sgrios air na rathaidean a-mach às an raon-adhair. Chuala aithisg gu bheil aonad-innlichidh de arm nan Stàitean Aonaichte air tòiseachadh air caradh an rathaid dhan chathair. Rinn an crith-thalmhuinn sgrios air a' chala gu ire nach eil comas aig luingean a bhith ga cleachdadh idir. Tha riaghaltas Hiati a' measadh gun deach tiodhlacadh air 40,000 neach gu ruige seo agus tha suas ri 100,000 marbh fhadhast fo thobhtaichean a' chathair. Tha muinntir a' chathair beo air eiginn air na sraidean anm bothan agus pailiunnan deanta à stùth a shabhal iad bho sitig nan taighean aca. Tha biadh a' fàs gann, meirle-eiginn air tòiseachadh agus an sluagh a' fàs an-fhoiseil nach do ràinig teasairginn a' chathair fhathast.

8.02.2010 : Tha e cinnteach gun do dh'eug corr is 200,000 duine an Port au Prince.

Iomairt Teasairginn Eadar-nàiseanta

14.01.2010 Tha faochadh eadar-nàiseanta a' tòiseachadh air tighinn a-steach dhan dùthaich. Tha na Stàitean Aonaichte air $100M a ghealladh .

15.01.2010 Le cala Port au Prince gun fheum tha cuid de na buidhnean teasairginn a' cur air tir aig Santo Domingo agus a' leantainn rathaidean-uir gu Haiti. Tha Cuba air fuasgladh a speuran ri itealain nan Staitean Aonaichte gus am bith iad a ruigsinn Haiti nas luaithe. Tha sgiobaidhean teasairgean Cubach an Haiti.

Fuilingeas & Faochadh

Feachd-chòmhnaidh ann am Port-au-Prince

12.01.2010: Cha robh ach aon ionad-eiridinn ag obair: Ospadal Raon aig Feachd Adhair na Argantain.

13.01.2010: Bha an t-ospadal Argantaineach fhathast a h-aon ionad leighis ag obair gu ceart ach bha Medecin sans Frontieres a' measadh gun robh dà thaigh eiridinn am Port-au-Prince ann an stait so-cleachdta.

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: