An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Rathad-iarainn"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
b r2.5.4) (Robot: Modifying vls:Yzern weg to vls:Yzerweg
Loidhne 118: Loidhne 118:
[[ur:پٹری]]
[[ur:پٹری]]
[[vi:Giao thông đường sắt]]
[[vi:Giao thông đường sắt]]
[[vls:Yzern weg]]
[[vls:Yzerweg]]
[[zh:鐵路運輸]]
[[zh:鐵路運輸]]
[[zh-min-nan:Thih-lō͘ ūn-su]]
[[zh-min-nan:Thih-lō͘ ūn-su]]

Mùthadh on 19:37, 13 dhen Fhaoilleach 2013

Rathad-iarainn

Is e siostam-ghiùlain a tha anns an rathad-iarainn neo rathad nan gad a tha steidhichte air rathad sònraichte a bhitheas a' breith agus a' steornadh carbadan a tha uidheamaichte dha.

Inntrigeadh

Is e cruth an rathaid, dà ghad iarainn, co-shinte agus teannaichte sios air bunachar freagaireach.

Bithidh na carbadan rathad-iarainn uidheamaichte le cuibhlichean "bilte". Tionndaidh dà chuibhle air aiseal cumanta, Tha barr nan riomb leatha agus reidh agus bithidh bile mun chuairt gach cuibhle air a slios a-stighe.

Mar sin faodaidh do na carbadan a ruith air bàrr an rathaid gun a bhith tuiteam dheth.

Aig a' charr as simplidh chan eil dith ach air rathad singilte goirid agus carbad a-mhàin. Bha cuid de na h-ionadan-bhradain air an Abhainn Tatha a' cleachdadh rathadan-iarainn mar seo eisg a ghiulainn suas dhan rathad-dubh eadar Peairt is Dùn Deagh sìos ris na 1990an.

Eachdraidh

Chaidh turachadh air rathaidean nan gad ann an Sasuinn mun bhliadhna 1604. Is ann as fiodh a rinneadh na gadan do na rathadaibh nan gad bu thraithe agus b'e cumhachd eich a tharruinn na uaganain a chaidh orra. Chaidh toiseach air cleachdadh gadan iarainn bho meadhan an 18mh linn, agus bho toiseach an 19mh linn chuireadh carbadan-smuid an gniomh. Ré na 1820'n rinn Nicholas Wood an rannsachadh a dhearbh bun-saidheans an rathaid-iarainn, agus an luib sin, eadar 1825 agus 1840, chaidh leasachadh ana-mhor air an teicneolas. A roimhe 1850, leigeadh na cnaimhean de branndairean naiseanta agus eadar-naiseanta air feadh Eorpa.

Tha an sgriobhadh eachdraidheil bu sine mu rathad nan gad a' nochdadh ann an cuise laghail Sasunnach a chaidh air eisdeachd an 1604. B'e cnap na cuise gu robh fear seilbh mheinne-ghuail air cuir "tylting rails" tharais air fearann (a bha an seilbh fear eile) eadar beul a mheinn agus laimrig air Abhainn na Sebheirn ann an Siorramachd Nottinghaim.

Mun bhliadhna 1609 dh'fhuair fear a Shiorramach Nottinghaim don b'ainm Beaumont taic air meinne-ghuail air Bruaiche na Tyne an Ear-Thuatha na Sasuinn, thug e leis iomadh innlean nach robh aithnichte anns an Ear-Thuath na Sasuinn aig an am- nan measg Sniomhairean Talmhuinn agus coinceap rathad nan gad. Thug muintir Ear-Thuath na Sasuinn ri na h-innlean seo, bu sonraichte rathaidean nan gad agus chaidh leasachadh nan raointean-ghuail mu Caisteal Nuadh air Taidhne air adhart gu luatha. Thogadh ficheadan de rathaidean nan Gad eadar beul-meinnibh agus laimrigibh aibhne. Bha rathaidean nan gad, neo Ródan-Uagain mar a chaidh orra, cho dluth cheangailte ri leasachadh na sgire gun deach iad fo far-ainm "Newcastle Road" roimhe deireadh an 17mh linn.

Cha robh an cuid bu mhor de na rodaibh-uagain seo nas fhada na ceithir neo coig cheud meatair agus gu robh iad a' claonadh gu ire mhor bho beulmheinn chun laimrig, is ann mar sin a bhiodh carbadan lan nan ruithe "leis a' bhruaich" fo cumhachd tarruinn talmhuinn agus chuireadh eich ri feum a tharruinn na carbadan aotrom air ais ris a' mheinn.

Chaidh leasachadh air an teicneolas mean air mhean- bho meadhan an 18mh linn chuireadh cinn iarainn air na gadaibh fhiodh agus ro dheireadh an linn rinneadh gadan-ruithe as iarainn leaghta. Thanaig cuibhlicean iarainn a-steachd as deidh 1750 agus ro deireadh an linn rinneadh an siud 's an seo bòrd-claoin fein obrachaidh.

Is ann an 1722 a chaidh togail air a' chiad ród-uagain an Alba, eadar Tranent agus Cockenzie air Raon ghuail a Lódaidh, agus is ann an 1754 a chaidh fhosgail air a chiad ród-uagain an Eireann, eadar an slochd ghuail aig Drum Glas an Contae Tir Éoghainn agus canal leth mhile air falbh. Thuraich an t-inneal smuid róthadachd aig Seumas Bhatt ann an 1784, inneal steidhichte a bha seo a chleachd smuid bho goilear fa-leth aig bruthaich gu math iosal. Taobh a-steachd deich bliadhna thoisich an Córnach Risteard Trevithick a thogail innealan “paisgte” air an robh an goilear na bunachar don inneal fhein agus a chleachd “smuid laidir” aig bruthaicheas suas ri 40 punnd air an oirleach chearnag ( 2.5 ailean). Thog Trevethick inneal smuid fein-ghluasad cho trath ri 1801 agus ann an 1804 rinn e inneal a ruitheadh air gadan airson fear a sheilbh obraichean iarainn agus rathad trama aig Pen-y-Darren an Cymru a Deas. Dhearbh an inneal a thog Trebhethic gum b'urrainn do inneal stoith a tharruinn cuid uagain na sguain, ach cha deach an cleachdadh an aite nan each a bha nan modh tarruinn abhaisteach aig an am.

Faic cuideachd