An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Pedro Nel Ospina Vásquez"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
b r2.6.5) (Robot: Adding it:Pedro Nel Ospina
Loidhne 112: Loidhne 112:
[[es:Pedro Nel Ospina]]
[[es:Pedro Nel Ospina]]
[[fr:Pedro Nel Ospina]]
[[fr:Pedro Nel Ospina]]
[[it:Pedro Nel Ospina]]
[[la:Petrus Nel Ospina]]
[[la:Petrus Nel Ospina]]
[[no:Pedro Nel Ospina]]
[[no:Pedro Nel Ospina]]

Mùthadh on 17:55, 10 dhen Fhaoilleach 2013

Pedro Nel Ospina Vásquez

Ainm na Dùthcha Coloimbia
Teirm 7mh an Lùnasdal 1922 gu 7mh an Lùnasdal 1926
Ro-Theachdaire Jorge Hoguín
Neach-Ionlaid Miguel Abadía Méndez
Pàrtaidh Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia
Ceann-Là Bhreithe 18mh an t-Sultain 1858
Àite Bhreithe Bogotá ( Cundinamarca)
Ceann-Là a Bhàis 1 dhen Iuchar 1927
Àite a Bhàis Medellín ( Antioquia)
Bean/Fear-Chèile Carolina Vásquez Uribe
Creideamh Caitligeach
Dreuchdan saighdear, innleadair

B’e Pedro Nel Tomás de Villanueva Ospina Vázquez saighdear, fear-poileataigs agus innealadair à Coloimbia.[1] Rugadh e ann am Bogotá 18 an t-Sultain 1858 agus chaochail e ann am Medellín 1 an t-Iuchar 1927. Bha na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1922 agus 1926, airson a’ Phàrtaigh Thoraidh.[2][3]

Teaghlach

‘S e mac an treas pòsaidh aig an t-seann cheann-suidhe Mariano Ospina Rodríguez a bh’ ann, is esan os cionn A’ Cho-chaidreachas Ghranada eadar 1857 agus 1861, agus Enriqueta Vázquez Jaramillo, piuthar Tulio agus Mariano Ospina Pérez; rugadh e anns an Lùchairt San Carlos (Lùchairt an Riaghaltais), fhad ’s a bha athair os cionn an Riaghaltais. Am dèidh gun do chuir Tomás Cipriano de Mosquera ruaig air Ospina anns a’ Chogadh Sìobhalta dhe 1861, is binn bàis cuideachd (B’ urrainn dhàsan a theiche le taic a mhnà nuair a bha e na phrìosanach ann an Cartagena de Indias), b’ fheudar dha theaghlach a dhol thall thairis air ann an caochladh dùthchannan dhe Aimearaga Mheadhanach, far an do chuireadh fàilte chridheil airsan mar "Churaidh a’ Chreidimh Chrìosdail".

Fhuair Pedro Nel a chuid fhoghlaim ri taobh a bhràithrean bhon a’ Chomainn Iosaid thall thairis. Bha e na chompanach sgoile ann an Guatamala dhe Muñoz. Dh’fhàs esan a bhith na àrd-sagart os cionn na miseanan ann an Coloimbia nuair a bha a Ospina na cheann-suidhe. Ged an do thilleadh an teaghlach gu Coloimbia bho àm gu àm, cha do dh’fhuirich iad san dùthaich aca fhèin nuair a bha Pedro Nel òg. Dh’ionnsaich e Innleadaireachd Shìobhalta anns na Stàitean Aonaichte is an uair sin rinn e tuilleadh chùrsaichan ann an Innleadaireachd mheatailt, Cheimeagach agus na mèinnean.[4]

Tilleadh gu Coloimbia

Thill e dhan dùthaich ann an 1880 airson Sgoil Mèinnean na h-Antioquia a ghabhail os làimhe, còmhla ris a chuid bhràthrean (‘s iad innealadairean cuideachd). Bha e an sàs anns an obair sgoilearach agus a chuid ghnothaichean prìobhaideach rè faisg air dà dheichead. Chaidh e a-steach gu feachan Pàrtaidh nan Thòraidh airson a’ chogaidh shìobhalta dhe 1885, turas eile ann an 1895 agus mu dheireadh thall Cogadh na Mìle Làithean. Dh’fhàs e gun dhàil a bhith na sheanalair na Poblachd agus an uair sin na Rùnaire Oifis an t-Seanalair Marceliano Vélez.

Dreuchan

‘S e ball a’ Chomhdhail a bh’ann iomadh turas san 20mh Linn, a bharrachd air Riaghladair na h-Antioquia eadar 1918 agus 1920. Sheas e mar thagraiche a’ chinneas ann an 1922, air sgàth gun do chòrd obair an Riaghladair ris.

Ceann-suidhe na Dùthcha

Chuir e ruaig air ceannard nan Libearalach, Benjamín Herrera anns na taghaidhean. Fhuair Ospina 409,131 bhòtaichean is Herrera 246,647. A dh’aindeoin sin, thug e cuireadh dhuibh airson pàirt a ghabhail anns an Riaghaltas aige. Fhuair Coloimbia $25 millean dhe airgead dhìolaidh bho na Stàitean Aonaichte airson Panama a chall, nuair a bha e os cionn an Riaghaltais. Chaidh an t-suim sin a chleachdadh airson leasachadh làidir a dheànamh do bhunstructar na dùthcha.

Toraidhean

‘Se airgead a chur an seibh gu bunstructar na dùthcha a bh’ann a’ phrìomh amas aige. A bharrachd air sin, rinn e rudan cudromach eile, mar a leanas:

  • ‘S e a’ chiadh cheann-suidhe, aig ìre na cruinne, a chleachd am pleàna airson tursan oifigeil a dheànamh, leis gu do rinn e turas-adhair eadar Puerto Berrío agus Girardot dìreach an dèidh na taghaidhean.
  • Chuir e air bhog cuid dhe Lagh an Ionnsachaidh Phoblachd, a chaidh a dhealbhachadh le eòlaichean às A’ Ghearmailt. Le sin, b’urrainn dhan Riaghaltas aig Ospina an t-Ionnsachadh Poblach a leasachadh gu math.
  • Chaidh Banca na Iasdan Cho-àiteachail a chruthachadh (Spàinntis: Banco Agrícola Hipotecario).

Urras mar chuimhne airsan

Steidhich na duine chloinne aige, gu seach àraidh Luis Ospina Vásquez, an t-Urras Antioquianach airson Sgrùdaidh Shòisealta (Spàinntis: Fundación Antioqueña para los Estudios Sociales), le oifisean ann am Medellín: 'S e taic a thoirt dha na teaghlaichean bochda foghlam fhaighinn airson an cuid cloinne a th'ann prìomh amas an Urrais. Chuir iad Sgoil Saighdearach an t-Seanalair Pedro Nel Ospina (Spàinntis: Colegio Militar General Pedro Nel Ospina) air dòigh, ann an Chía cuideachd.

Iomraidhean

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Presidencia de Colombia
  3. Leabharlann Luís Angel Arango
  4. Pedro Nel Ospina Vásquez.

Ceanglaichean A-mach

Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia


Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: