An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Brosnachadh Bhruis"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b r2.7.2) (Robot: Adding cs:Scots Wha Hae
Loidhne 102: Loidhne 102:


== Iomraidhean ==
== Iomraidhean ==

<references/>
<references/>


[[Roinn-seòrsa:Laoidhean nàiseanta]]

[[Category:Alba]]
[[Roinn-seòrsa:Alba]]
[[Category:Bàrdachd]]
[[Roinn-seòrsa:Bàrdachd]]


[[an:Scots Wha Hae]]
[[an:Scots Wha Hae]]

Mùthadh on 17:18, 9 dhen Fhaoilleach 2013

S e fear de na laoidhean nàiseanta na h-Alba a tha ann am Brosnachadh Bhruis (Scots Wha Hae). Sgrìobh Raibeart Burns e anns a' bhliadhna 1793. 'S e An t-Urramach Aonghas Mac an t-Saoir a chuir a' Ghàidhlig seo air a' Bheurla Ghallta.

Rannan

‘Threun’, le Uallas, dh’fhuiling creuchd!
Nis iarraibh bàs am blàr nam beum,
‘S le Bruis chaidh dàn’ gu àr nan euchd!
No buaidh gu treun ‘san strìth!

Seo latha ‘chruais—an uair tha làth’ir!
Feuch feuchd fo’n cruaidh air cluan an àir!
A teachd le’n uaill gu buaireas blàir!
A dheanamh tràillean dhìbh!

Có thig do’n strìth neo-dhìleas, claon?
Có dh’ianadh uaigh ach cluan an raoin?
Có striocadh sios gu dìblidh faoin
Air cùl nan claon-fhear clìth?

Có ‘n càs an rìgh, a rìogh’chd ‘sa reachd,
Bheir beum nan geur-lann treun an gleachd,
Gu buaidh am blàr, no bàs ‘na bheachd,
An gaisgeach leanadh mi

Ar truaighe ‘s teinn, ar n-ainneirt chruaidh,
‘Sar sliochd an sàs na’n traillibh truagh’;
O’r cuislibh tràight’ air sgàth ar sluaigh,
Thig saorsa bhuan le sìth

Biodh uaibhrich sleucht’ fo’r beuma bàis;
Fear ainneirt dh’eug ‘nuair ghéillead nàmh,
Tha saorsa fhéin a’m beum ‘ur làmh
‘Nis buaidh no bàs ‘san strìth.

Nochd tionndadh Gàidhlig eile air an òran seo anns a' chiad iris de Mac-Talla; Cèitean 28, 1892; agus 's ann a thog iadsan e bhon Chasket ged a bha e gun ainm. Tha e air ainmeachadh anns an iris seo de Mhac-Talla, gun deach tionndadh Gàidhlig eile dheth a dhèanamh le An t-Urramach A. MacGilleathain Sinclair.[1]

" S c o t s Wha Hae." Ann An Gàidhlig

Albannaich a chail ur fuil
Fo'n laoch Uallas'us fo Bhrus,
Failt' do shuain ur bais an duigh,
No do bhuidhinn stri.
Feuch an latha, so an uair, Faicaibh gnuis a bhlair fo ghruaim,
Feachd righ Eideard teachd le uaill,
'S geimhlean cruaidhe dhuinn.

Co bhiodh iudasach sa chath,
Co'n uaigh gealtair a bhiodh taisgt',
Co a bhiodh na thraill fo smachd,
Teich gu grad 's na till.
Co as leth tir aird an fhraoich,
Thairneas claidheamh treun na saors',
Le'n fhearr bas na geill' do h-aon,
Thig do'n raon leam fhein.

Le gach truaighe fuaight' ri' daors',
Le cuing thruaillidh cloinn ar gaoil,
Doirteamid ar fuil na taom,
Ach sar shaor bidh sinn.
Sgriosaibh na Sr-foirnidh dhan,
Tuitidh aintighearna 's gach namh,
Anns gach beum tha saors' an aigh,
Buaidh no bas biodh leinn!

Tionndadh eile air a nochd ann am Mac-Talla, Iuchar 16, 1892. Rinneadh le fear no tè à Arisaig e ann an 1892.

(Eadar theangaichte o 'n Bheurla.)

"Fheachd Alba, thug le Uallas buaidh,
'Stric fo Bhrus bha'n cogadh cruaidh,
Failte dhuibh gu fois na h-uaigh,
No gu buaidh is sith.

So an latha—an uair so tha,
Feuch fo'n cruaidh a nuas mar sgail,
Feachd na h-uaill fo Ionbhar dan,
'Dheanamh thraillean dinn.

Co na shloightear, feallta, fuar?
Co na ghealtar dh'iarradh uaigh?
Co na thraill fo shail luchd-fuath?
Clis bi bhuam fhir-chlith.

Co as leth a Thir, sa Coir
Thairneas staillinn chruaidh na dhorn?
Buaidh an aird, no bas le gloir!
Lean a dheoin do Righ.

Air ar bruid fo shluagh neo-chaomh,
Air bhur n' al an sas san daors,
Traighidh sinn ar fuil 's an raon,
Bheir sinn saors' d'ar linn.

Sios na coimhich bhorb gur bas!
'Streath gun iochd- gach ceann thig bhain,
Saorsa thig an lorg gach straic.
Buaidh no- bas ma'n till.

S. A. Arasaig, 1892.

Iomraidhean

  1. Mac-Talla, Cèitean 28, 1892; d4