An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Litreachas"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b r2.7.3) (Robot: Removing wuu:文学
b Corrigé avec Wikipedia:WikiProject Check Wikipedia - Headline hierarchy - Link equal to linktext (v1.22)
Loidhne 12: Loidhne 12:
''Faic cuideachd: [[:Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Albannach|Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Albannach]]
''Faic cuideachd: [[:Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Albannach|Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Albannach]]

'S ann anns a' [[Briothannais|Bhriothannais]] a chaidh na teagsaichean a bhu shine a chaidh a sgrìobhadh far a bheil Alba an-diugh agus a mhair gu ruige seo, gu h-àraidh ''[[Y Gododdin]]''. Tha iad a-nis nam pàirt den dhualchas [[Cuimris|Chuimris]]. As an dèidh, nochd sgrìobhaichean anns an [[Laideann]], [[Fraingis|Fhraingis]] no [[Seann-Lochlannais|Sheann-Lochlannais]] (ged a chaidh an ''[[Orkneyinga saga]]'' ainmeil a sgrìobhadh ann an [[Innis Tìle]]), ach b' e litreachas sgrìobhte anns a' [[A' Bheurla Ghallda|Albais]] a dh'fhàs a bhith a bu chudromaiche anns na [[Meadhan-aoisean|Meadhan-aoisean]], le bàird mar [[John Barbour]], [[William Dunbar]], [[Walter Kennedy]] (aig a bha Gàidhlig bho thùs) no [[David Lyndsay]].
'S ann anns a' [[Briothannais|Bhriothannais]] a chaidh na teagsaichean a bhu shine a chaidh a sgrìobhadh far a bheil Alba an-diugh agus a mhair gu ruige seo, gu h-àraidh ''[[Y Gododdin]]''. Tha iad a-nis nam pàirt den dhualchas [[Cuimris|Chuimris]]. As an dèidh, nochd sgrìobhaichean anns an [[Laideann]], [[Fraingis|Fhraingis]] no [[Seann-Lochlannais|Sheann-Lochlannais]] (ged a chaidh an ''[[Orkneyinga saga]]'' ainmeil a sgrìobhadh ann an [[Innis Tìle]]), ach b' e litreachas sgrìobhte anns a' [[A' Bheurla Ghallda|Albais]] a dh'fhàs a bhith a bu chudromaiche anns na [[Meadhan-aoisean]], le bàird mar [[John Barbour]], [[William Dunbar]], [[Walter Kennedy]] (aig a bha Gàidhlig bho thùs) no [[David Lyndsay]].

As dèidh an [[Aonadh nan Crùintean|aonaidh eadar Alba is Sasainn]] ann an 1603, thug [[Beurla]] an àite a bha aig Albais mar a' phrìomh-chànan de litreachas Albannach,<ref>T.C. Smout: ''A History of the Scottish People 1560-1830'', 1969, tdd 460-461.</ref> ged a chùm ùghdaran mar [[Allan Ramsay]], [[James Hogg]] agus am "bàrd nàiseanta" [[Raibeart Burns]] sgrìobhadh anns an Albais. Bhuannaich grunnan ùghdaran Albannach bhon àm sin cliù air feadh an t-saoghail, [[Seumas Mac a' Phearsain]] leis na h-"eadar-theangachaidhean" fuadain Oiseanach, [[Walter Scott]] le nobhailean eachdraidheal, [[Robert Louis Stevenson]] agus [[Arthur Conan Doyle]] nam measg. Anns am 20mh linn thàinig ris an canar [[Ath-bheòthachadh na h-Alba]] le sgrìobhadairean mar [[Hugh MacDiarmid]], [[Lewis Grassic Gibbon]], [[Compton Mackenzie]] agus [[Edwin Morgan]]. Chunnaic an dàrna leth den linn ùghdaran a' sgrìobhadh ann an dà de na cànanan na h-Alba, m.e. [[Iain Mac a' Ghobhainn (Crichton)|Iain Mac a' Ghobhainn]] (no Iain Crichton Smith) a sgrìobh an dà chuid anns a' Ghàidhlig agus anns a' Bheurla, air no [[Irvine Welsh]] a tha a' measgachadh na Beurla agus na h-Albais anns na nobhailean aige.

====Litreachas Ghàidhlig====
=== Litreachas Ghàidhlig ===
''Faic cuideachd: [[:Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Gàidhlig|Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Gàidhlig]]
''Faic cuideachd: [[:Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Gàidhlig|Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Gàidhlig]]

Mùthadh on 09:14, 7 dhen Fhaoilleach 2013

Seann leabhraichean

'S e teacsaichean sgrìobhte a tha ann an litreachas. Faodar ga roinn eadar sgrìobhaichean fìrinneach, mar eisimpleir aistean sna pàipearan-naidheachd agus leabhraichean saidheansail , agus am fiadhainn neo-fhìrnneach: rosg, bàrdachd agus dràma.

Eachdraidh

Am measg nan teagsaichean litreachais a bu shine tha Eipic de Ghilgamesh à Sumer agus Leabhar nam Marbh às an Èipheit ('s mathaid roimhe 2000 RC) no na Vedathan às na h-Innseachan ('s mathaid roimhe 1000 RC). Chan eilear cinnteach dè cho seann a tha iad, oir dh'fhàs iad bho beul-aithris mus robh iad air an cur air a' phàipear. Thathar a' smaoineachadh gur ann bhon 8mh linn RC a tha Iliad agus Odysseia le Homer a thòisich litreachas Greugach is Ròmanach Claisigeach.

Airson na linntean, cha robh fàrmhorachd litreachais ann an diofar cheàrnan den t-saoghail cothromach, leis nach robh gu leòr eadar-obrachaidh ann eadar culturan sònraichte mar cultar na Roinn-Eòrpa, cultar Arabach, Innseanach, Sìneach no Seapanach. Mar sin, 's ann doirbh tuairisgeul a thoirt air litreachas an t-saoghail san fharsaingeachd. Anns na linntean mu dheireadh thòisich na diofaran seo ri dhol à sealladh; aig an aon àm, ge-tà, bha buaidh dona ann air na cultaran agus litreachasan mion-chuid.

Aig deireadh na 20mh agus toiseach na 21mh linn thàinig atharrachaidhean eile le nochdadh mheadhanan ùra mar rèidio, telebhisean, an Eadar-lìon no leabhraichean eileagtronaigeach.

Litreachas na h-Alba

Faic cuideachd: Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Albannach

'S ann anns a' Bhriothannais a chaidh na teagsaichean a bhu shine a chaidh a sgrìobhadh far a bheil Alba an-diugh agus a mhair gu ruige seo, gu h-àraidh Y Gododdin. Tha iad a-nis nam pàirt den dhualchas Chuimris. As an dèidh, nochd sgrìobhaichean anns an Laideann, Fhraingis no Sheann-Lochlannais (ged a chaidh an Orkneyinga saga ainmeil a sgrìobhadh ann an Innis Tìle), ach b' e litreachas sgrìobhte anns a' Albais a dh'fhàs a bhith a bu chudromaiche anns na Meadhan-aoisean, le bàird mar John Barbour, William Dunbar, Walter Kennedy (aig a bha Gàidhlig bho thùs) no David Lyndsay.

As dèidh an aonaidh eadar Alba is Sasainn ann an 1603, thug Beurla an àite a bha aig Albais mar a' phrìomh-chànan de litreachas Albannach,[1] ged a chùm ùghdaran mar Allan Ramsay, James Hogg agus am "bàrd nàiseanta" Raibeart Burns sgrìobhadh anns an Albais. Bhuannaich grunnan ùghdaran Albannach bhon àm sin cliù air feadh an t-saoghail, Seumas Mac a' Phearsain leis na h-"eadar-theangachaidhean" fuadain Oiseanach, Walter Scott le nobhailean eachdraidheal, Robert Louis Stevenson agus Arthur Conan Doyle nam measg. Anns am 20mh linn thàinig ris an canar Ath-bheòthachadh na h-Alba le sgrìobhadairean mar Hugh MacDiarmid, Lewis Grassic Gibbon, Compton Mackenzie agus Edwin Morgan. Chunnaic an dàrna leth den linn ùghdaran a' sgrìobhadh ann an dà de na cànanan na h-Alba, m.e. Iain Mac a' Ghobhainn (no Iain Crichton Smith) a sgrìobh an dà chuid anns a' Ghàidhlig agus anns a' Bheurla, air no Irvine Welsh a tha a' measgachadh na Beurla agus na h-Albais anns na nobhailean aige.

Litreachas Ghàidhlig

Faic cuideachd: Roinn-seòrsa:Sgrìobhadairean Gàidhlig

Ged a tha beartas mòr beul-aithris aig a' chànan, cha do mhair teagsaichean sgrìobhte aosda innte gu ruige seo ach a-mhàin Leabhar Deathan Lios Mòir (leabhar ioma-chànanach leis a' Ghàidhlig mar a' phrìomh chànan) bhon 16mh linn. Thathar a' smaoineachadh gur e poileasaidhean rìoghail an aghaidh na Gàidhlige as coireach gun deach mòran sgrìobhaichean sa chànan a sgriosadh.[2] A dh'aindeoin a' chliù a bhuannaich Seumas Mac a' Phearsain, cha robh eadar-theangachadh iomraiteach de Bhìoball ann gus deireadh 18mh linn. Chaidh a' chiad nobhail sa chànan, Dùn Aluinn le Iain MacCormaig, fhoillseachadh ann an 1912. Rè na 20mh linn bha bàrdachd Ghàidhlig le ùghdaran mar Somhairle MacGill-Eain no Meg Bateman a bu shoirbheicheile, ged a sgrìobhadh ùghdaran mar Iain Mac a' Ghobhainn agus Aonghas Pàdraig Caimbeul rosg cuideachd. Tha Comhairle nan Leabhraichean agus Ùr-sgeul as cudromaiche airson foillsechadh bàrdachd is ruisg an-diugh, agus Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig airson leabhraichean foghlaim.

Iomraidhean

  1. T.C. Smout: A History of the Scottish People 1560-1830, 1969, tdd 460-461.
  2. Peter Berresford Ellis: MacBeth, High King of Scotland, 1040-57, 1980

Faic cuideachd

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: