An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Raibeart I na h-Alba"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b Corrigé avec Wikipedia:WikiProject Check Wikipedia - Headlines end with colon (v1.22)
Loidhne 51: Loidhne 51:
‘S e am blàr a bu chudromaiche [[Blàr Allt a' Bhonnaich]] far an do rinn Raibeart agus na h-Albannaich sgrios mòr air arm Sasannach a bha fada na bu mhotha san 24 an t-Iuchar 1314. On a bha trioblaidean le Eideard II leis na uaislean aige a' chumail, b' urrainn do Raibeart an rìoghachd aige a neartachadh, agus mu dheireadh leig [[Eideard III Shasainn|Eideard III]], rìgh Shasainn bho 1327, seachad tagradh sam bith air rìoghachd Alba ann an 1328 leis a' [[Cùmhnant Northampton|Chùmhnant Northampton]].
‘S e am blàr a bu chudromaiche [[Blàr Allt a' Bhonnaich]] far an do rinn Raibeart agus na h-Albannaich sgrios mòr air arm Sasannach a bha fada na bu mhotha san 24 an t-Iuchar 1314. On a bha trioblaidean le Eideard II leis na uaislean aige a' chumail, b' urrainn do Raibeart an rìoghachd aige a neartachadh, agus mu dheireadh leig [[Eideard III Shasainn|Eideard III]], rìgh Shasainn bho 1327, seachad tagradh sam bith air rìoghachd Alba ann an 1328 leis a' [[Cùmhnant Northampton|Chùmhnant Northampton]].


== Aistean co-cheangailte: ==
== Aistean co-cheangailte ==
* [[Seumas Dùghlas, Tighearna Dhùghlais|Seumas Dùghlas]]
* [[Seumas Dùghlas, Tighearna Dhùghlais|Seumas Dùghlas]]
* [[Rìghrean na h-Alba]]
* [[Rìghrean na h-Alba]]

Mùthadh on 09:11, 7 dhen Fhaoilleach 2013

Raibeart I, Rìgh Alba
Ìomhaigh dhen Bhrusach
Ìomhaigh dhen Bhrusach
Rìoghaich e: 25 am Màrt 1306 – 7 an t-Ògmhios 1329
A' leantainn: John Balliol
Sliochd le Iseabail:
Marsaili
le Ealasaid:
Daibhidh; Iain; Matilda; Mairead
Oighre Daibhidh II
Cèile-pòsda (1) Iseabail, nighean Iarla Màrr (chaochail 1296)

(2) Ealasaid de Burgh, nighean Iarla Ulaidh (pòsda 1302, chaochail 1327)

Taigh Rìoghail Na Brusaich
Athair Robert de Brus, Tighearna Annandale
Màthair Mairead, Baintighearna Caraig
Rugadh e: 11 an t-Iuchar 1274, Siorrachd Àir, Alba
Eug: 7 an t-Ògmhios 1329, Caisteal Cardross (aois 54)
Àite-tiodhlacaidh: a chorp: Abaid Dhùn Phàrlain

a chridhe: Abaid Mheall-Rois

B' e Rìgh na h-Alba a bha ann an Raibeart Brus (11 an t-Iuchar 12747 an t-Ògmhios 1329).

Teaghlach

Mac le Raibeart Brus agus Marsaili, baintighearna Carraig, thàining am Brusach òg gu bhith na Iarla Carraig anns an 9 an t-Sultain 1291. ‘S e ban-uasal Gàidhealach a bha na mhàthair agus fear dhe na Normanaich Frangach a bha na athair. Bha am Brus òg fileanta ann an iomadach cànan: fhuair e Gàidhlig bho a mhàthair, Frangais bho athair, agus b' urrainn dha Beurla agus Laideann a bhruidhinn cuideachd.

Cogadh ris na Sasannaich

Ghabh am Brusach pàirt anns an ar-a-mach an aghaidh ceannas nan Sasannach sa bhliadhna 1297, ach bha e am measg nan uaislean a strìochd do dh'Eideard I ann an Irbhinn. And dèidh do dh'Uilleam Uallas Blàr na h-Eaglaise Brice a chall ri arm Eideird I ann an 1298, sheas am Brusach agus John Comyn (bho 1299 cuide ri William Lamberton, Easbaig Cill Rìmhinn) mar fhir-dìona na h-Alba. Cha robh an dithis mòr aig a chèile, ge-tà, oir bha Comyn a' toirt taic do John Balliol a fhuair crùn rìoghal na h-Alba ann an 1292, nuair a bha seanair Raibeirt na fharpaiseach a bu chudromaiche eile, agus leig am Brusach dheth a dhreuchd ann an 1300.

Brus na Rìgh

Bha ceangal air Brus agus Comyn ge-tà, oir bha iad an dà chuid airson Alba neo-eisimealach fhaighinn a-rithist. Ach nuair a choinnich iad anns an eaglais Dhùn Phrìs ann am 1306, tha e coltach gun do dh'èirich connspaid eadar an dithis agus chaidh Comyn a mhuirt leis a' Bhrusach. Thug Robert Wishart, easbaig Ghlaschu, easbaloid dha (ged a rinn a' phàpa ascaoin-eaglais air Brus na b' fhadalaiche), agus an dèidh dhaibh cabhag a dhèanamh gu Sgàin chaidh am Brusach a chrùnadh san 25 am Màrt 1306.

Chaidh e a chogadh ris na Sasannaich ach chaill e aig Blàr Meithinnidh ri arm fo stiùir Aymer de Valence, Iarla Pembroke. An dèidh sin bha aige ri teicheadh ri eilean Rathlin ach, anns an Fhaoilleach 1307, thill e gu Siorrachd Inbhir Àir agus thòisich e ris na Sasannaich a shabaid.

Alba saor a-rithist

Raibeart Brus, mar a bha luchd an 19mh linn ga fhaicinn
Blàr Allt a'Bhonnaich

Chaidh Eidear I le arm a dh'Alba ach chaochail e faisg air Cathair Luail san 11 an t-Iuchar 1307. Cha robh a mhac, Eideard II, idir cho làidir ri athair agus gu slaodach ath-bhuidhinn am Brusach, a' chuid a bu mhotha na dùthcha. An toiseach rinn e a' chùis air fir-taic Comyn (gu h-àraidh ann am Bàideanach), agus an dèidh sin bha e a' cleachdadh ceatharnach-cogaidh airson sin a dhènamh, a' dèanamh sgrios air na caistealan a ghabh e. B' e na fir-cuidich a bu chudromaiche aige Eideard Brus, a bhràthair, Seumas Dùghlas agus Thomas Randolph.

‘S e am blàr a bu chudromaiche Blàr Allt a' Bhonnaich far an do rinn Raibeart agus na h-Albannaich sgrios mòr air arm Sasannach a bha fada na bu mhotha san 24 an t-Iuchar 1314. On a bha trioblaidean le Eideard II leis na uaislean aige a' chumail, b' urrainn do Raibeart an rìoghachd aige a neartachadh, agus mu dheireadh leig Eideard III, rìgh Shasainn bho 1327, seachad tagradh sam bith air rìoghachd Alba ann an 1328 leis a' Chùmhnant Northampton.

Aistean co-cheangailte