An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Salvador Puig i Antich"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 42: Loidhne 42:
<tr>
<tr>
<th style="border-top: solid 1px #ccd2d9; padding: 0.4em 1em 0.4em 0; vertical-align: top; text-align: left;">Dreuchdan</th>
<th style="border-top: solid 1px #ccd2d9; padding: 0.4em 1em 0.4em 0; vertical-align: top; text-align: left;">Dreuchdan</th>
<td style="border-top: solid 1px #ccd2d9; padding: 0.4em 1em 0.4em 0; vertical-align: top">fear-[[poileataigs]]</td>
<td style="border-top: solid 1px #ccd2d9; padding: 0.4em 1em 0.4em 0; vertical-align: top">fear-iomairt</td>
</tr>
</tr>
</table>
</table>

Mùthadh on 16:18, 6 dhen Fhaoilleach 2013

Salvador Puig i Antich

Dùthaich Catalòinia
Ceann-Là Bhreithe 30 an Cèitean 1948
Àite Bhreithe Barcelona, Catalòinia
Ceann-Là Bhàis 2 am Màrt 1974
Àite Bhàis Barcelona, Catalòinia
Bràmairean Montse Plaza
Margalida Bover i Vadell
Beachd-smuainealas Ain-Riaghailteachd
Dreuchdan fear-iomairt

B’e Salvador Puig i Antich (IPA: səɫβəˈðo ˈpudʒ i: ənˈtik, Barcelona, 30 an Cèitean 1948 – Ibidem 2 am Màrt 1974) Anarcach à Catalòinia a chuireadh gu bàs ri linn deachdaireachd Fhranco anns An Spàinn.[1]

Teaghlach

‘S e an treas mac dhe sianar a bh’ann Salvador Puig i Antich. Bhuinneadh e do theaghlach meadhanach-luchd obrach. Bha athair, Joaquim Puig, air a bhith na bhall Acció Catalana (Gàidhlig: Iomairt Chatalanach) ri linn Poblachd na Spàinne (19311939). B’fheudar dhàsan a theiche chun na Frainge is e na fhògarrach ann an campa ann an Argelès an dèidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne (19361939).[2] Fhuair esan binn bàis nuair a thill e gus An Spàinn, ach shàbhaladh a bheatha mus do chuireadh gu bàs e.[3]

Beatha

Choinnich Salvador ri Xavier Garriga agus na Bràithrean Oriol agus Ignacio Solé Sugranyes aig an sgoil-oidhche Maragall, an dèidh dha na sagaratan dha fhuadachadh bhon àrd sgoil chaitligeach Salle Bonanova,[4] air adhbharan a chuid dhroch ghiulain. Stèidhich an ceithrear am buidheann Movimiento Íbero de Liberación (Gàidhlig: Gluasad Ibearach na Saoirse), neo MIL, an dèidh na tachartasan ann am Paris sa Chèitean 1968.[5] A bharrachd air sin, bha e an sàs anns na aonaidhean-ciùird taobh Comisiones Obreras cuideachd.[6] Thoisich Salvador ris a bhith a’ sabaid ann am MIL an dèidh dà bhliadhna a chur seachad san Arm agus ceum a ghabhail ann an Eaconomachd agus Poileataigs san oilthigh.[7] Ghoideadh MIL airgead bho na bancaichean agus shiubhaladh iad gu tric chun na Frainge.

Bàs

Chuireadh e an greim leis a’Phoileas Spèisealta ann am Barcelona air an 25mh latha dhen Shultain 1973. Gu dòrainneach, chaochail poileasaman air an robh Francisco Anguas Barragán ann an sabaid doirbh le gunnaichean ann an doras flat san sràid Carrer de Girona.[8] Chaidh Puig Antich leòinte cuideachd. Fhuair e binn bàis bho Chùirte an Airm airson murt Bharragán. Dhùilt a’ Chùirte fianais a chluinntinn a chuideachadh Puig Antich.[9] A dh’aindeoin iomairt mhòr eadar-nàiseanta gus a bheatha a shàbhaladh, chaidh e e chur gu bàs aig 9:30m air an dàrna latha dhen Mhàrt 1974.[10] Bha e dìreach 25 bliadhna a dh’aois. Bha Riaghaltas na Dùthcha airson dìoghaltas fhaighinn air sgàth s’ gun do mharbh ETA ceannard Spàinnteach air an robh Carrero Blanco. Chaidh Puig Antich a thiodhlachadh ann an Cementerio de Barcelona.[11]

Meadhanan

Iomraidhean

  1. Portal Oaca
  2. El País
  3. Portal Oaca
  4. El País
  5. Portal Oaca
  6. Clandestino de Autores
  7. Portal Oaca
  8. Solidaridad Obrera
  9. El País
  10. Portal Oaca
  11. Público