An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Eabhraig"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b r2.7.2+) (Robot: Modifying nl:York (Verenigd Koninkrijk)
b r2.6.8) (Robot: Modifying sk:York (Anglicko) to sk:York (mesto)
Loidhne 73: Loidhne 73:
[[sh:York]]
[[sh:York]]
[[simple:York]]
[[simple:York]]
[[sk:York (Anglicko)]]
[[sk:York (mesto)]]
[[sr:Јорк]]
[[sr:Јорк]]
[[sv:York]]
[[sv:York]]

Mùthadh on 09:29, 9 dhen Dùbhlachd 2012

Eabhraig

'S e baile eachdraicheil ann an Siorrachd Eabhraig a th' ann an Eabhraig, aithnichte cuideachd mar Iorc a rèir GOC, aig a bheil seann bhalla air a thimcheall. Tha am baile air a shuidheachadh far am bi dà abhainn (Ouse agus Foss) a' coinneachadh. Tha am baile ainmeil air sgàth eachdraidh beartaich, a chionn 's gu bheil e mu 2,000 bhliadhna dh'aois.

Shuidhicheadh am baile mar Eboracum ann an AD 71 leis na Ròmanaich is b' e fear an dà phrìomh-bhailtean de Breatainn Ròmanach air fad'. Fad an tràth seo, chaidh iomadh daoine eachdraidheil, mar Constaintìn Mòr, a chomannach leis a' bhaile. Riaghaileadh an rìoghachd Ròmanach air fad' bho Eabhraig fhèin fad' dà bhliadhna le Septimus Severus.

Às dèidh teachd nan Angles, chaidh ainm ùr Eoferwic a chuir air a' bhaile, is chleachdadh e mar prìomh-bhaile na rìoghachd Northumbria. Fhuair na Lochlannaich grèim air a' bhaile ann an 866, is chuir iad an t-ainm Jórvík air a' bhaile fhèin is sgìre fada nas fharsainge eile air a' thaobh thuath Shasainn. Mun bhliadhna 1000, dh' ainmeachadh am baile mar York.

Dh'iarr Ridseard I Shasainn air Eabhraig mar prìomh-bhaile Shasainn air fad' ach mus an do rinn e a' chùis a dhèanamh, chaidh e a chuir à dreuchd. Às dèidh cogaidhean nan Ròsan, thug Eabhraig taigh do Chomhairle an Tuath is dh'aithneachadh e mar prìomh-bhaile taobh tuath na dùthcha. B' ann às dèidh na h-Aisige a thòisich cudthrom poilitigeach a dhol a taobh. 'S e mòr-roinn Eabhraig a th' ann tè an dà roinn eaglaiseil, ri taobh Canterbury.

Bho 1966 's e teirm Baile Eabhraig a bhios ag ainmeachadh sgìre ùghdarrais a' gabhail a-steach sgìrean tuatheil thairis crìochan traidiseanta a' bhaile. Tha sluagh de 137,505 anns a' bhaile fhèin, ged a bhios 184,900 de dhaoine anns an ùghdarras air fad'. Aig an àm seo, bidh meadhan a' bhaile, taobh a-staigh nam ballaichean mòra, na h-àite thurasachd chudthromaich, far an deach iomadh luchd-chèilidh à gach ceàrnag an t-saoghail.

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

  1. Annuaire de France