An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba"
No edit summary |
b The file Image:Liberal_Democrats_UK_Logo.png has been removed, as it has been deleted by commons:User:INeverCry: ''Per commons:Commons:Deletion requests/File:Liberal Democrats UK Logo.png''. ''Translate me!'' |
||
Loidhne 1: | Loidhne 1: | ||
{{Template:Pàrtaidh |
{{Template:Pàrtaidh |
||
| AINM = Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba |
| AINM = Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba |
||
| DEALBH = |
| DEALBH = |
||
| STÈIDHEACHADH = 3 [[Am Màrt]] [[1988]] |
| STÈIDHEACHADH = 3 [[Am Màrt]] [[1988]] |
||
| LUCHD-STÈIDHEACHAIDH = Pàrtaidh Libearalch na h-Alba<br/>Pàrtaidh Sòisealta Deamocratach ann an Alba<ref>[http://www.liberalhistory.org.uk/item_single.php?item_id=4&item=history Liberal History]</ref> |
| LUCHD-STÈIDHEACHAIDH = Pàrtaidh Libearalch na h-Alba<br/>Pàrtaidh Sòisealta Deamocratach ann an Alba<ref>[http://www.liberalhistory.org.uk/item_single.php?item_id=4&item=history Liberal History]</ref> |
Mùthadh on 00:34, 24 dhen t-Samhain 2012
Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 3 Am Màrt 1988 |
Luchd-stèidheachaidh | Pàrtaidh Libearalch na h-Alba Pàrtaidh Sòisealta Deamocratach ann an Alba[1] |
Beachd-Smuainealas An-Dràsda | Libearalas na Margaidh Feadaraileas Libearalas Aonachas Libearalas Sòisealta |
Oifisean | 4 Clifton Terrace, Dùn Èideann, EH12 5DR, Alba |
Cathraiche | Jo Swinson |
Suidheachain | Dùn Èideann: 16 Lunnainn: 11 15 A' Bruiseal: 1 |
Riaghaltas | Às an Riaghaltas |
‘S e earrann Albannach Pàrtaidh Libearal Deamocratach na Breatainne air fad a th’ann Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba is chaidh am pàrtaidh seo a chruthachadh ann an 1988 tro aonadh a’ Phàirtidh Libearal còmhla ris a’ Phàrtaidh Sòisealta Deamocratach ann an Alba. Tha 16 seataichean dhe 129 air fad aca ann am Pàrlamaid na h-Alba, 12 ann an Lunnainn (dhe 59 do dh’ Alba) a bharrachd air seachnar buill anns A' Bhruiseal. ‘S e Tabhais Scott a th’ann Rùnaire a’ Phàirtidh, Calum Brus a th’ann an ceann-suidhe agus Michael Moore a th’ann an neach-labhairt. Tha 4,000 buill a’ phàirtidh air feadh na h-Alba.
Ged a tha iad an aghaidh neo-eisimeileachd na h-Alba tha iad dhen bheachd gum bu chòir do Phàrlamaid na h-Alba tuilleadh cumhachdan fhaighinn, gu seachd àraidh conaltradh, lùth, drogaichean agus casg-bhreith. Tha iad gu math neo-eisimeileach dhen phàrtaidh ann an Lunnainn.
Bha am pàrtaidh an sàs anns an iomairt airson fèin-riaghlaidh ann an Alba, mar phàirt do prògram feadarail a’ phàirtidh do Bhreatainn air fad, is iad an sàs cuideachd ann an Co-chruinneachadh Nàiseanta na h-Alba còmhla ris na Làbaraich, Pàrtaidh Uaine na h-Alba, aonaidhean-ciùird agus eaglaisean. Fhuair iad 17 seataichean ann am Pàrlamaid na h-Alba aig na taghaidhean Albannach ann an 1999 is stèidhich iad co-bhann leis na Làbaraich, airson atharrachadh ann an lagh taobh chaitheamh an fhoghlaim is mion-atharrachadh ann an siostam taghadh na h-Alba. Chaidh ceannard a’ Phàrtaidh, Seumas Uallas, na mhinistear an fhoghlaim ann an Alba agus na mhinistear a’ cheartais, a bharrachd air a bhith na àrd-mhinistear nuair a bha Dòmhnall Mac an Deòir tinn. Chaidh dreuchdan ministearan na co-bhanntachd air atharrachadh ri linn taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba ann an 2003 is bha Uallas na mhinistear ghnothaich an uair sin. Leig Uallas a dreuchd air an 23mh latha dhen Ògmhios 2005 is chaidh Nicol MacStèaphain a thaghadh mar cheannard.
Anns an Dùbhlachd 2007 thug iadsan, na Làbaraich agus na Tòraidhean taic do choimisean airson tuilleadh fèin-riaghlaidh am broinn na Breatainne Mòire a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba. Bha na Nàiseantaich air Còmhradh Nàiseanta a chur air dòigh ro-làimh, nach chumadh neo-eisimeileachd na h-Alba a-mach co-dhiù.
Fhuair iad seataichean a bharrachd aig taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba ann an 2007. Dhiùlt iad moladh bho na Nàiseantaich airson Riaghaltas co-bhonn a stèidheachadh leis a’ Phàrtaidh Uaine, oir bha iad an aghaidh referendum mu neo-eisimeileachd na h-Alba. Leig MacStèaphain a dreuchd air an dàrna latha dhen Iuchar 2008 is chaidh Tabhais Scott a thaghadh mar cheannard na àite.
Iomraidhean
Ceanglaicheran a-muigh
http://www.scotlibdems.org.uk/