An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Tripoli"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b r2.7.2+) (Robot: Adding sl:Tripoli
b r2.7.2+) (Robot: Modifying fa:طرابلس
Loidhne 83: Loidhne 83:
[[eu:Tripoli]]
[[eu:Tripoli]]
[[ext:Trípoli]]
[[ext:Trípoli]]
[[fa:طرابلس (لیبی)]]
[[fa:طرابلس]]
[[fi:Tripoli]]
[[fi:Tripoli]]
[[fr:Tripoli (Libye)]]
[[fr:Tripoli (Libye)]]

Mùthadh on 15:31, 26 dhen t-Sultain 2012

Tripoli
طرابلس
Suidheachadh
Dùthaich Libia
Ceàrn Tripoli Sha'biyah
Co-chomharran 32° 54’ 8” Tuath
13° 11’ 9” Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 400 km²
Àireamh-shluaigh 1,682,000 (2004)
Dlùths 4,205/km²
Duilleag oifigeil http://www.tripoli.info

'S e prìomh-bhaile Libia a tha ann an Tripoli (Arabais: طرابلس Ṭarābulus - cuideachd: طرابلس الغرب Ṭarā-bu-lus al-Gharb[1], neo Cànan Libianach: Ṭrābləs). Thàinig am facal Tripoli bhon fhacal Greugach:(Τρίπολη). Tha am baile sùidhichte 'san iar-thuath na dùthcha aig oir an fhàsach aig cladach a’ Mhuir Mheadhanach agus faisg air crìoch Tuinisia. Anns a’ bhliadhna 2004 bha mu 1.68 millean duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin. Tha Tripoli 514km air falbh bho Thunis (Tuinisia), 1,019km bho Algiers (Aildiria), 2,439km bho Niamey (Nìgeir), 2,318km bho N'Djamena (An t-Siad), 2,738km bho Khartoum (Sudan) 372km bho Shirte agus 1,740km bho Chairo (An Èipheit).[2] Tha e suidhichte air an àirde an iar-thuath na dùthcha, aig 10m os cionn ìre na mara.[3]

'S e am baile as motha a tha ann an Libia. Cuideachd tha am port-mara as cudthromaiche aige. Mar sin dhèth ‘s e teas meadhan gnìomhachail agus crìdhe malairteach a th’ ann. Chaidh Tripoli a stèidheachadh anns an 7mh linn RC leis na Phoenicians. Bhon 2na linn RC bha am baile fo smachd nan Romanaich. Ach chan eil mòran ri fhaicinn bho àm seo ach an Arch of Marcus Aurelius, a chaidh a togail anns an 2na linn.

Foghlam

Tha oiltighean ann an Tripoli cuideachd:

  • Al Fateh University - an t-oilthigh as motha agus as cudthromaiche ann an Tripoli
  • Tripoli University
  • Informatics Tripoli

Bailtean Co-cheangailte

Iomradh

  1. a’ ciallachadh Tripoli an Iar, na bi a’ measgachadh le Tripoli, Lebanon
  2. Distance Calculator
  3. Mongabay
  4. Ciudad de Madrid

Dealbhan

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: