An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Sgùrr Alasdair"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b r2.7.1) (Robot: Adding cs:Sgurr Alasdair
b r2.7.1) (Robot: Adding eu:Sgùrr Alasdair
Loidhne 21: Loidhne 21:
[[en:Sgùrr Alasdair]]
[[en:Sgùrr Alasdair]]
[[es:Sgurr Alasdair]]
[[es:Sgurr Alasdair]]
[[eu:Sgùrr Alasdair]]
[[ga:Sgurr Alasdair]]
[[ga:Sgurr Alasdair]]
[[nn:Sgurr Alasdair]]
[[nn:Sgurr Alasdair]]

Mùthadh on 23:11, 9 dhen t-Sultain 2012

Sgùrr Alasdair (sa mheadhain), a' bheinn as àirde san Eilean Sgitheanach. Tha Sgùrr Thearlaich air an làimh chlì is Sgùrr Sgumain air an làimh dheis dhen dealbh

'S i Sgùrr Alasdair a' bheinn as àirde anns a' Chuiltheann anns an Eilean Sgitheanach (àirdead: 992m os cionn ìre-mhara).

Shreap Alexander Nicolson Sgùrr Alasdair ann an 1873 airson a’ chiad turais, agus thathar ag ràdh gur esan a’ chiad duine a-riamh a sheas air a mullach. Às dèidh do Norman Collie faighinn a-mach ann an 1887 gur h-i a' bheinn seo an tè às àirde sa Chuiltheann, thugadh an t-ainm Alasdair oirre gus urram a thoirt do Nicolson. Ach ged a thathar ag innse gur esan a’ chiad duine a-riamh a bha shuas oirre, tha rud iongantach mun sgeulachd sin. Chaidh cìobair a bhoineadh dhan àite, fear Aonghas MacRath, còmhla ri Nicolson air a’ chiad chuairt aige agus lean esan e dhan mhullach. Tha sin a’ toirt a chreidsinn gun robh Aonghas eòlach sa bheinn mar thà, agus dh'fhaodadh e a bhith nach b' e Nicolson idir a’ chiad duine a sheas air mullach Sgùrr Alasdair. Chanadh daoine ionadail Sgùrr Lagain [1] rithe bho thùs agus chleachd Alexander Nicolson fhèin an t-ainm sin.

Iomraidhean

  1. Forbes, Alexander R. 1923; The Place-Names of Skye. Paisley: Alexander Gardner

Ceanglaichean a-mach

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG 451 207