An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "A' Chuimrigh"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b r2.7.3) (Robot: Adding cdo:Ŭi-ī-sê̤ṳ
b r2.7.3) (Robot: Modifying fa:ویلز
Loidhne 164: Loidhne 164:
[[eu:Gales]]
[[eu:Gales]]
[[ext:Galis]]
[[ext:Galis]]
[[fa:ولز]]
[[fa:ویلز]]
[[fi:Wales]]
[[fi:Wales]]
[[fo:Wales]]
[[fo:Wales]]

Mùthadh on 00:30, 4 dhen t-Sultain 2012

A' Chuimrigh
Cymru
Wales

Bratach

Gearradh-arm
Laoidh Nàiseanta
"Hen Wlad Fy Nhadau"
Sluagh-ghairm nàiseanta
rìoghail: "Cymru am byth"  (Cuimris)
"A' Chuimrigh gu sìorraidh"
Cànan(an) oifigeil Beurla, Cuimris
Prìomh-bhaile Caerdydd
Baile as motha Caerdydd
Riaghaltas Monarcachd bhun-reachdail
(Siostam pàrlamaideach)
Ban-rìgh Ealasaid II
Prìomh-mhinistear David Cameron
Prìomh Mhinistearan na Cuimrigh Carwyn Jones
Rùnaire na Stàite Paul Murphy
Stèidheachadh
Co-Aonaich 1056
Farsaingeachd
Iomlan 20779 km²
Àireamh-shluaigh (2007)
Iomlan 3,004,600
Dlùths 140/km²
LTD/CCC (2006)
gach pearsa US$30,546
Roinn tìde GMT (UTC+0)
as t-samhradh BST (UTC+1)
Ruith-airgid Punnd Sasannach
Prìomh àrainn-lìn .uk
Còd Àireamh fòn 44

Chaidh a' Chuimrigh (Cuimris: Cymru, Gàidhlig na h-Éireann "An Bhreatain Bheag"), ainmeachadh as dèidh cainnt nan Cuimreach (Cymraeg), prìomh chainnt nam Breatannach mus tàinig na Sasannaich an aghaidh nam Breatannach nuair a bha an Iompaireachd Ròmanach air tarrainn as.

‘S e a’ Chuimrigh tè dhe na tri dùthchannan (le Alba agus Sasainn) agus roinn (Èirinn a Tuath) taobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte. Tha a’ Chuimrigh ann an iar-dheas Bhreatainn, eadar Sasainn agus Muir Èireann. ‘S e a’ Chuimrigh a’ Phrionnsalachd (neo Principality) as mò san t-saoghal, ach cha tèid am facal sin a chleachdach gu tric an là an-diugh. ‘S e a’ Chuimris cànain dhualchasach na dùthcha, ged nach eil a’ chànain aig mòr-chuid an t-sluaigh an-diugh agus iad a' bruidhinn na Beurla.


Freumh an ainm Chuimris “Cymru”

Sa chiad àite, chaidh an t-ainm “Cymry” a chleachdadh airson an dà chuid na dùthcha agus nan daoine a bha a’ fuireach innte. Chaidh an t-ainm a chleachdadh airson a’ chiad turas, cho fad ’s a tha fios, ann an bàrdachd le Cadwallon ap Cadfan [1], a chaidh a sgrìobhadh san t-seachdamh linn, tha e coltach. Tha am facal a' tighinn bhon fhacal Bhreatannach combrogos (iolra combrogi) a tha a’ ciallachadh duine às an aon dùthaich. Chaidh an litreachadh “Cymru” a chleachdadh airson na dùthcha bhon siathamh linn deug air adhart. Thèid am facal “Cymry” a chleachdadh fhathast airson sluagh na dùthcha.

Bailtean Mòra

Seo liosta na bailtean as motha anns a’ Chuirmrigh:[2]

Eachdraidh

Thàinig Iulius Caesar gu Breatainn ann an Lùnasdal 55 RC, ach cha do shoirbhich na Ròmanaich Breatainn a thoirt fo smachd airson còrr is ceud bliadhna an dèidh sin. Aig an am ud bha treubhan Ceilteach na Cuimrigh caran coltach ris na nàbaidhean aca ann an ceann a deas Bhreatainn a thaobh a’ chultair aca. Bha treubh na h-Ordovices a’ fuireach ann an ceann a tuath na Cuimrigh aig an am, agus na Silures ann an ceann a deas.

Thog na Ròmanaich sreath dhaingneach air feadh ceann a deas na Cuimrigh cho fada ri Carmarthen (Maridunum). Tha fianais ann gun deach iad na b’ fhaide cuideachd agus gun do ràinig iad Èirinn. Bha iad trang ann an ceann a tuath na dùthcha cuideachd. A rèir faon-sgeul Chuimreach phòs Macsen Wledig neo Magnus Maximus, fear de dh'iompairean mu deireadh na Ròimhe, Helen, nighean thaoisich Chuimrich Segontium (Caernarfon an-diugh).

Cha do shoirbhich na h-Anglo-Sacsonaich a’ Chuimrigh a chur fo smachd, ged a bhris iad an ceangal a bha eadar an dùthaich agus an tìr mu thuath a bha fo smachd nam Breatannach fhathast an dèidh blàr Chester ann an 615 CE. ‘S ann air sàilleabh neart armailteach nan rìgh Breatannach a bha sin, ach cuideachd air sgàth cruth na tìre. Thog Offa, rìgh Mhercia, gàrradh mòr à talamh fad a’ chrìche eadar an rìoghachd aigesan agus a’ Chuimrigh. Tha pàirtean dhe Ghàrradh Offa, neo Offa’s Dyke ri fhaicinn an-diugh fhèin.

Cha do stad a’ Chuimrigh a bhith na dhùthaich Chrìosdaidh an dèidh na treubhan Sacsonach greim fhaighinn air Sasainn. Chaidh Naomh Daibhidh air eilthireachd chun na Ròimhe san t-siathamh linn, agus bha e na easbaig sa Chuimrigh fada mus tàinig Austin airson righ Kent iompachadh gu Crìostalachd agus sgìre easbaig Chanterbury a chur air bhonn. Ach cha do rinn na Cuimrich oidhirp mhòr Sasainn iompachadh gu Crìostalachd, 's dòcha air sàilleabh an nàimhdeis eadar an dà dhùthaich. Bha rìghrean Cuimreach mar Rhodri Mawr agus Llywelyn ap Gruffydd làidir agus seòlta gu leòr neo-eisimeileachd na dùthcha a dhìon.

Aig deireadh nan 1060an, thàinig na Normanaich chun na Cuimrigh agus dh’atharraich poilitigs na dùthcha. Chuir iad tigheanas nan crìochan air bhonn eadar a’ Chuimrigh agus Sasainn. Beag air bheag ghabh iad grèim air a’ Chuimrigh air fad, cha mhòr, ach shoirbhich le Gruffydd ap Cynan agus Owain Gwynedd sin a sheachnadh. Shoirbhich le Llywelyn Fawr (Llywelyn Mòr) bunait Cuimrigh aonaichte a leigeil. Chaidh an ogha aige, Llywelyn ap Gruffydd a ghairm mar Phrionnsa na Cuimrigh ach lean rìghrean Shasainn orra ionsaigh a thoirt air a’ Chuimrigh fad na h-ùine sin.

Chaidh Llywelyn ap Gruffydd, (Llywelyn the Last), prionnsa neo-eisimeil mu dheireadh na Cuimrigh, a mharbhadh ann an cath fàisg air Cilmeri sa bhliadhna 1282 agus ghabh rìgh Eideard I Shasainn grèim air an dùthaich. Thog Eideard sreath chaistealan mòra gus na Cuimrich a chumail fo smachd. ‘S iad Rhuddlan, Conwy, Caernarfon, Beaumarais agus Harlech an fheadhainn as ainmeile dhiugh.

Thachair grunnan ar-amach an aghaigh righaltas nan Sasannach bho dheireadh an 13 gus deireadh an 15 linn, le Madog ap Llywelyn (1294-96) agus Llywelyn Bren (1316) mar eisimpleir, agus bha dùil gun tilleadh Owain Lawgoch anns na bliadhnachan 1370 gus an dùthaich a shaoradh. Rinn Owain Glyndwr ar-amach ann an 1400 agus chaidh a ghairm mar Phrionnsa na Cuimrigh, ach thàinig an t-ar-amach seo gu crìoch beag air bheag, fhad ’s a steidhich rìgh Shasainn Ùghdarras san dùthaich a-rithist.

Airson pàirt mhòr dhen 15 linn chaidh a’ Chuimrigh a tharraing a-steach ann an cogaidhean nan ròsan, anns an do shabaid na Lancastrians agus na Yorkists a chèile airson smachd a ghabhal air Sasainn. Ach a dh’aindheoin cho cugallach ‘s bha an dùthaich, bha fèill mhòr air bardachd Chuimreach, agus uaislean na dùthcha a’ cur taic ris na bàird. B’ e fear dhiubh seo Eanraig Tudor, mac Owain Tudur a fear dhe shliochd Ednyfed Fychain, a bha na oifigeach de chuid Llywelyn ap Gruffydd. Thàinig e gu tìr ann an Sìorrachd Pembrokeshire còmhla ri arm Fhraingeach. Chuir grunnan Chuimreach taic ris agus rinn e a’ chùis air Risteard III Shasainn air an 22 Lunasdail 1485 aig Blàr Bhosworth.

Chaidh rudan am feabhas anns a’ Chuimrigh. Chuireadh às do na h-achdan peanasach a chuir rìgh Shasainn air na Cuimrich aig tòiseach na linne sin. Fo riaghaladh Eanraig VIII, a mhac, chaidh Achd an Aonaidh a thoirt seachad. Stèidhidh seo an aon siostaim laghail anns a’ Chuimrigh ‘s bha ann an Sasainn, ach thoirmisg i cleachdadh na Cuimris ann am beatha phoblach na dùthcha, ged nach robh ach a’ chànain sin aig mòrchuid an t-sluaigh aig an àm. Mun aon am, dh’atharraich a’ Chuimrigh bho dhùthaich Chaitligeach gu dùthaich Phròstanach am broinn ginealaich neo dhà.

Thachair ath-bheòthachadh litreachais agus chaidh am Bioball a eadar-theangachadh gu Cuimris ann am 1588 ach beag air bheag ghabh na h-uaislean ris a’ Bheurla agus dh’fhàs sgaradh eadorra agus an còrr dhen t-sluagh. B’ e thoradh air sin fàs nam buidheannan diadhaidh neo-cho-fhreagairteach nan 17 agus nan 18 linntean.

Dh’fhàs a’ Chuimrigh a bhith na dhùthaich tionnsgalach agus ro dheireadh na h-ochdamh linn deug bha bhailtean mòra tionnsgalach, cuaraidhean agus mèinnean guail pailt ann an grunnan sgìrean. Bha sluagh na dùthcha a’ sìor-fhàs litreachail agus chaidh grunnan phàipearan naidheachd Cuimris a chur air bhonn. Thòisch iomairtean an aghaidh inbhe Eaglais Easbaigach na Cuimrigh mar easglais steidhichte agus airson fèin-riaghaladh dhan Chuimrigh. ‘S ann air sàilleabh sin a bha iomairt Cymru Fydd làidir air deireadh na 19 linn.

Bha eadhdraidh na Cuimrigh caochlaideach san 20 linn. Ach, a dh’aindheon a’ Chogaidh Mhòir, gainne moir nan 1930, an darna chogadh agus lagachadh na Cànain anns na 1970an agus na 1980an, tha Seanadh Nàiseanta aig an dùthaich a-nis agus tha dùil gu bheil cor na Cànain nas dòchasaiche na smaoineachadh daoine o chionn ginealach air ais, ged nach eil ach 18% dhen t-sluadh ga bruidhinn.

Poileataics

Chaidh an Seanadh Nàiseanta a stèidheachadh ann an 1998 agus thèid na buill a thaghadh le sluagh na dùthcha. ‘S e Prionnsa na Cuimrigh an tiotal as abhaist an Rìgh neo a’ Bhanrìgh a thoirt air a mhac as sine (ged nach bi sin a’ tachairt daonnan), ach chan eil am Prionnsa a’ fuireach anns a’ Chuimrigh neo a’ gabhail pàirt ann an riaghaladh na dùthcha. ‘S e am Prionnsa Tèarlach ciad Phrionnsa Sasannach na Cuimrigh aig a bheil a’ Chuimris, gu ìre co-dhiu.


Cruinn-eòlas

Chaidh sreath dhe 13 siorrachdan a cruthachadh anns a’ Chuimrigh an dèidh Achd an Aonaidh ann an 1536: Anglesey, Brecknock, Caernarfonshire, Cardiganshire, Carmarthenshire, Denbighshire, Flintshire, Glamorgan, Meirioneth, Montgomeryshire, Pembrokeshire, Radnorshire agus Monmouthshire. ‘S iad sin siorrachdan eachdraidheal na Cuimrigh. Chaidh riaghaladh ionadail ath-leasachadh ann an 1974 agus stèidhadh ochd siorrachdan ùra nan àite: Clwyd, Dyfed, Gwent, Gwynedd, Powys, Meadhan Glamorgan, Glamorgan a-deas agus Glamorgan an-iar. Ann an 1996 chaidh 22 ùghdarrasan ionadail aonadach a chruthachadh. Tha ainmean nan seann sìorrachdan aig feadainn dhiugh, agus ainmean nan Sìorrachdan ùra aig feadhainn eile, ged a tha na crìochan eadar-dhealaichte uaireanan. Tha ùghdarrasan aonadach aig feadhainn dhe na bailtean mòra a-nis, mar Cardiff, Swansea agus Wrexham.

Tha tri Pàircean Nàiseanta anns a’ Chuimrigh, ‘s ian sin Pàirc Nàiseanta nam Brecon Beacons, Pàirc Nàiseanta Oirthir Phembrokeshire agus Pàirc Nàiseanta Snowdonia. Chaidh càistealan Beaumarais, Harlech, Caernarfon agus Conwy ainmachadh mar làraichean Oighreachd an t-Saoghail le UNESCO ann an 1986, agus sgìre tionnsgalach Bhlaenavon sa bhliadhna 2000.

Iomraidhean

  1. Welsh Academy Encyclopaedia
  2. Info Facts

Tha pàirt dhen alt seo air eadar-theangachadh bhon duilleig Chuimris seo air Wikipedia: http://cy.wikipedia.org/wiki/Cymru