An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Aodh Rua Ó Dónaill"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 60: Loidhne 60:


Chaidh Aodh gu ruige na Spàinne gu cuideachadh a bharrachd a lorg, ach chaochail e an siud, ann an Valladolid, sa bhliadhna [[1602]], co-dhiù.<ref>[http://www.ucc.ie/celt/published/G100080/ UCC]</ref> Thathar ag ràdh gur e am fear-brathaidh Blake a mharbh e, ach fheadhainn eile dhen bheachd a-nis gur e tinneas a fhuair e bho bhèist-dà-lionn a rinn a’ chùis airsan. Ghabh a bhràthair, Ruairí Ó Dónaill, an ceannas thairis .
Chaidh Aodh gu ruige na Spàinne gu cuideachadh a bharrachd a lorg, ach chaochail e an siud, ann an Valladolid, sa bhliadhna [[1602]], co-dhiù.<ref>[http://www.ucc.ie/celt/published/G100080/ UCC]</ref> Thathar ag ràdh gur e am fear-brathaidh Blake a mharbh e, ach fheadhainn eile dhen bheachd a-nis gur e tinneas a fhuair e bho bhèist-dà-lionn a rinn a’ chùis airsan. Ghabh a bhràthair, Ruairí Ó Dónaill, an ceannas thairis .

== Leabhraichean ==
* 'Simancas Castle Address',Adhamhnan O Domhnaill, Journal of Donegal Historical Society, p.94-96
* 'Niall Garbh O'Donnell - A man more sinned against than sinning', Eunan O'Donnell, BL, Journal of the Donegal Historical Society, 2000 & 2001.
* ''The Life of Hugh Roe O'Donnell, Prince of Tyrconnell (Beatha Aodh Rua O Domhnaill)'' by Lughaidh O'Cleirigh. Edited by Paul Walsh and Colm Ó Lochlainn. Irish Texts Society, vol. 42. Dublin: Educational Company of Ireland, 1948 (original Gaelic manuscript in the Royal Irish Academy in Dublin).
* ''Red Hugh: Prince of Donegal'', by Robert T. Reilly, Farrar, Straus & Giroux, 1957.
* ''O'Donel of Destiny'', by Mary Kiely, Oxford, New York, 1939 (a narrative history for older children).
* ''Annals of the Kingdom of Ireland (Annála Ríoghachta Éireann) by the Four Masters'', from the earliest period to the year 1616, compiled during the period 1632-1636 by Brother Michael O’Clery, translated and edited by John O'Donovan in 1856, and re-published in 1998 by De Burca, Dublin.
* ''A View of the Legal Institutions, Honorary Hereditary Offices, and Feudal Baronies established in Ireland'', by William Lynch, Fellow of the Society of Antiquaries, published by Longman, Rees, Orme, Brown, and Green, Paternoster Row, London, 1830 (O’Donnell: page 190, remainder to Earl’s patent).
* ''Vicissitudes of Families'', by Sir Bernard Burke, Ulster King of Arms, published by Longman, Green, Longman and Roberts, Paternoster Row, London, 1861. (Chapter on O’Donnells, pages 125-148).
* ''The Fate and Fortunes of the Earls of Tyrone (Hugh O’Neill) and Tyrconnel (Rory O’Donel), their flight from Ireland and death in exile'', by the Rev. C. P. Meehan, M.R.I.A., 2nd edition, James Duffy, London, 1870.
* ''Elizabeth's Irish Wars'', by Cyril Falls, London, 1950.
* ''Erin’s Blood Royal – The Gaelic Noble Dynasties of Ireland'', by Peter Berresford Ellis, Constable, London, 1999, (pages 251-258 on the O’Donel, Prince of Tirconnell).


==Iomraidhean==
==Iomraidhean==

Mùthadh on 22:12, 16 dhen Lùnastal 2012

Aodh Rua O Dónaill

Ceann-feadhna

Ceann-Là Bhreithe 1572
Àite Bhreithe Leifear (Éirinn)
Ceann-Là a Bhàis 10 an t-Sultain 1602
Àite a Bhàis Valladolid (An Spàinn)
Athair Aodh mac Mánusa Ó Dónaill
Màthair Fionnuala Nic Dhónaill, An Inghean Dubh
Neach-Ionnlaid Ruairí Ó Domhnaill (a bhràthair)
Crùnadh Tulaigh Óg, 1587


B’ e Taoiseach (Tighearna neo Rìgh) Thír Chonaill ann an Éirinn a bh’ann an Aodh Rua O Dónaill (1572 - 10 an t-Sultain, 1602), a bha an sàs ann an Cogadh nan Naoi Bliadhna, bho 1594 gu 1603.

Beatha

Rugadh Aodh Rua sa bhliadhna 1572 ann an Leifear, Dùn na nGall. ‘S e mac thighearna Thír Chonaill, Aodh mac Mánusa Ó Dónaill, a bh’ann, is ‘s e Fionnuala Nic Dhónaill An Inghean Dubh a bh’ann a mhàthair. Thogadh ar altramas e le Mac Suibhne, tighearna Fhánaid ann an ceann a tuath Thír Chonaill. Sa bhliadhna 1587, an dèidh a chrùnadh ann an Tulaigh Óg, ghoid Sir John Perrot air falbh e, gus stad a chur air caidreabhas eadar Muinntir Dhónaill agus Muinntir Néill. Bha Aodh dìreach còig bliadhna deug a dh'aois aig an àm.[1]

Chuireadh sa phrìosain ann an Caisteal Bhaile Átha Cliath e. Theich e fad greis sa bhliadhna 1590,[2] ach ghlac na Sasannaich e. Le cuideachadh bho Aodh Mór Ó Néill, theich e a-rithist san Fhaoilleach sa bhliadhna 1592 còmhla ris na dithis mhac aig Seán Ó Néill.[3] Bha iad bog fliuch fuar agus iad caillte air Sliabh Chill Mhantáin mus do ràinig iad an daingneach a bha ag Fiach MacAodha Ó Broin ann an Cill Mhantáin. dh’ eug Art Ó Néill air a’ mhòintich agus bha Aodh Rua tinn fad greis. Thàinig piseach air ach chaill e òrdagan na coise leis gu robh iad siocaichte. Sin an t-aon uair a-mhàin a theich duine sam bith bho Chaisteal Bhaile Átha Cliath.

Nuair a thill Aodh gu Cúige Uladh, thaghadh athair mar thighearna e. Fhuair Aodh ceannas air muinntir Dhónaill agus air Tír Chonaill air fad. Bha esan agus Aodh Ó Néill ann an caidreabhas nuair a thoisich Cogadh nan Naoi Bliadhna. Chuir iad ruaig air na Sasannaich aig sreath dhe cathan: Béal Átha na mBrioscaí, Cluain Tiobraid agus Béal an Átha Bhuí. [4] Sa bhliadhna 1601 thàinig feachdan às An Spàinn dhan dùthaich gus cuideachadh a thoirt dhaibh, ach bha iad ro fhada gu deas, ann an Cionn tSáile.[5] B’ fheudar do na Gàidheil dhol gu Cionn tSáile, ach ghabhadh orra aig Cath Chionn tSáile.

Chaidh Aodh gu ruige na Spàinne gu cuideachadh a bharrachd a lorg, ach chaochail e an siud, ann an Valladolid, sa bhliadhna 1602, co-dhiù.[6] Thathar ag ràdh gur e am fear-brathaidh Blake a mharbh e, ach fheadhainn eile dhen bheachd a-nis gur e tinneas a fhuair e bho bhèist-dà-lionn a rinn a’ chùis airsan. Ghabh a bhràthair, Ruairí Ó Dónaill, an ceannas thairis .

Leabhraichean

  • 'Simancas Castle Address',Adhamhnan O Domhnaill, Journal of Donegal Historical Society, p.94-96
  • 'Niall Garbh O'Donnell - A man more sinned against than sinning', Eunan O'Donnell, BL, Journal of the Donegal Historical Society, 2000 & 2001.
  • The Life of Hugh Roe O'Donnell, Prince of Tyrconnell (Beatha Aodh Rua O Domhnaill) by Lughaidh O'Cleirigh. Edited by Paul Walsh and Colm Ó Lochlainn. Irish Texts Society, vol. 42. Dublin: Educational Company of Ireland, 1948 (original Gaelic manuscript in the Royal Irish Academy in Dublin).
  • Red Hugh: Prince of Donegal, by Robert T. Reilly, Farrar, Straus & Giroux, 1957.
  • O'Donel of Destiny, by Mary Kiely, Oxford, New York, 1939 (a narrative history for older children).
  • Annals of the Kingdom of Ireland (Annála Ríoghachta Éireann) by the Four Masters, from the earliest period to the year 1616, compiled during the period 1632-1636 by Brother Michael O’Clery, translated and edited by John O'Donovan in 1856, and re-published in 1998 by De Burca, Dublin.
  • A View of the Legal Institutions, Honorary Hereditary Offices, and Feudal Baronies established in Ireland, by William Lynch, Fellow of the Society of Antiquaries, published by Longman, Rees, Orme, Brown, and Green, Paternoster Row, London, 1830 (O’Donnell: page 190, remainder to Earl’s patent).
  • Vicissitudes of Families, by Sir Bernard Burke, Ulster King of Arms, published by Longman, Green, Longman and Roberts, Paternoster Row, London, 1861. (Chapter on O’Donnells, pages 125-148).
  • The Fate and Fortunes of the Earls of Tyrone (Hugh O’Neill) and Tyrconnel (Rory O’Donel), their flight from Ireland and death in exile, by the Rev. C. P. Meehan, M.R.I.A., 2nd edition, James Duffy, London, 1870.
  • Elizabeth's Irish Wars, by Cyril Falls, London, 1950.
  • Erin’s Blood Royal – The Gaelic Noble Dynasties of Ireland, by Peter Berresford Ellis, Constable, London, 1999, (pages 251-258 on the O’Donel, Prince of Tirconnell).

Iomraidhean

  1. Library Ireland
  2. UCC
  3. Nalanda
  4. UCC
  5. Library Ireland
  6. UCC