An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Aodh Rua Ó Dónaill"

O Uicipeid
Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 53: Loidhne 53:


== Beatha ==
== Beatha ==
Rugadh Aodh Rua sa bhliadhna [[1571]] ann an Leifear, Dùn na nGall. ‘S e mac thighearna Thír Chonaill, Aodh mac Mánusa Ó Dónaill, a bh’ann, is ‘s e Fionnuala Nic Dhónaill ''An Inghean Dubh'' a bh’ann a mhàthair. Thogadh ar altramas e le Mac Suibhne, tighearna Fhánaid ann an ceann a tuath Thír Chonaill. Sa bhliadhna [[1587]], an dèidh a chrùnadh ann an Tulaigh Óg, ghoid Sir John Perrot air falbh e, gus stad a chur air caidreabhas eadar Muinntir Dhónaill agus Muinntir Néill. Bha Aodh dìreach còig bliadhna deug a dh'aois aig an àm.<ref>[http://www.libraryireland.com/Atlas/XXXIX-Red-Hugh-ODonnell.php Library Ireland]</ref>
Rugadh Aodh Rua sa bhliadhna [[1572]] ann an Leifear, Dùn na nGall. ‘S e mac thighearna Thír Chonaill, Aodh mac Mánusa Ó Dónaill, a bh’ann, is ‘s e Fionnuala Nic Dhónaill ''An Inghean Dubh'' a bh’ann a mhàthair. Thogadh ar altramas e le Mac Suibhne, tighearna Fhánaid ann an ceann a tuath Thír Chonaill. Sa bhliadhna [[1587]], an dèidh a chrùnadh ann an Tulaigh Óg, ghoid Sir John Perrot air falbh e, gus stad a chur air caidreabhas eadar Muinntir Dhónaill agus Muinntir Néill. Bha Aodh dìreach còig bliadhna deug a dh'aois aig an àm.<ref>[http://www.libraryireland.com/Atlas/XXXIX-Red-Hugh-ODonnell.php Library Ireland]</ref>


Chuireadh sa phrìosain ann an Caisteal Bhaile Átha Cliath e. Theich e fad greis sa bhliadhna [[1590]],<ref>[http://www.ucc.ie/celt/published/G100080/ UCC]</ref> ach ghlac na Sasannaich e. Le cuideachadh bho Aodh Ó Néill, theich e a-rithist san [[Am Faoilleach|Fhaoilleach]] sa bhliadhna [[1592]] còmhla ris na dithis mhac aig Seán Ó Néill.<ref>[http://www.nalanda.nitc.ac.in/resources/english/etext-project/history/ireland/book-8chapter10.html Nalanda]</ref> Bha iad bog fliuch fuar agus iad caillte air Sliabh Chill Mhantáin mus do ràinig iad an daingneach a bha ag Fiach MacAodha Ó Broin ann an Cill Mhantáin. dh’ eug Art Ó Néill air a’ mhòintich agus bha Aodh Rua tinn fad greis. Thàinig piseach air ach chaill e òrdagan na coise leis gu robh iad siocaichte. Sin an t-aon uair a-mhàin a theich duine sam bith bho Chaisteal Bhaile Átha Cliath.
Chuireadh sa phrìosain ann an Caisteal Bhaile Átha Cliath e. Theich e fad greis sa bhliadhna [[1590]],<ref>[http://www.ucc.ie/celt/published/G100080/ UCC]</ref> ach ghlac na Sasannaich e. Le cuideachadh bho Aodh Ó Néill, theich e a-rithist san [[Am Faoilleach|Fhaoilleach]] sa bhliadhna [[1592]] còmhla ris na dithis mhac aig Seán Ó Néill.<ref>[http://www.nalanda.nitc.ac.in/resources/english/etext-project/history/ireland/book-8chapter10.html Nalanda]</ref> Bha iad bog fliuch fuar agus iad caillte air Sliabh Chill Mhantáin mus do ràinig iad an daingneach a bha ag Fiach MacAodha Ó Broin ann an Cill Mhantáin. dh’ eug Art Ó Néill air a’ mhòintich agus bha Aodh Rua tinn fad greis. Thàinig piseach air ach chaill e òrdagan na coise leis gu robh iad siocaichte. Sin an t-aon uair a-mhàin a theich duine sam bith bho Chaisteal Bhaile Átha Cliath.

Mùthadh on 09:19, 16 dhen Lùnastal 2012

Aodh Rua O Dónaill

Ceann-feadhna

Ceann-Là Bhreithe 1572
Àite Bhreithe Leifear (Éirinn)
Ceann-Là a Bhàis 10 an t-Sultain 1602
Àite a Bhàis Valladolid (An Spàinn)
Athair Aodh mac Mánusa Ó Dónaill
Màthair Fionnuala Nic Dhónaill, An Inghean Dubh
Neach-Ionnlaid Ruairí Ó Domhnaill (a bhràthair)
Crùnadh Tulaigh Óg, 1587


B’ e Taoiseach (Tighearna neo Rìgh) Thír Chonaill ann an Éirinn a bh’ann an Aodh Rua O Dónaill (1572 - 10 an t-Sultain, 1602), a bha an sàs ann an Cogadh nan Naoi Bliadhna, bho 1594 gu 1603.

Beatha

Rugadh Aodh Rua sa bhliadhna 1572 ann an Leifear, Dùn na nGall. ‘S e mac thighearna Thír Chonaill, Aodh mac Mánusa Ó Dónaill, a bh’ann, is ‘s e Fionnuala Nic Dhónaill An Inghean Dubh a bh’ann a mhàthair. Thogadh ar altramas e le Mac Suibhne, tighearna Fhánaid ann an ceann a tuath Thír Chonaill. Sa bhliadhna 1587, an dèidh a chrùnadh ann an Tulaigh Óg, ghoid Sir John Perrot air falbh e, gus stad a chur air caidreabhas eadar Muinntir Dhónaill agus Muinntir Néill. Bha Aodh dìreach còig bliadhna deug a dh'aois aig an àm.[1]

Chuireadh sa phrìosain ann an Caisteal Bhaile Átha Cliath e. Theich e fad greis sa bhliadhna 1590,[2] ach ghlac na Sasannaich e. Le cuideachadh bho Aodh Ó Néill, theich e a-rithist san Fhaoilleach sa bhliadhna 1592 còmhla ris na dithis mhac aig Seán Ó Néill.[3] Bha iad bog fliuch fuar agus iad caillte air Sliabh Chill Mhantáin mus do ràinig iad an daingneach a bha ag Fiach MacAodha Ó Broin ann an Cill Mhantáin. dh’ eug Art Ó Néill air a’ mhòintich agus bha Aodh Rua tinn fad greis. Thàinig piseach air ach chaill e òrdagan na coise leis gu robh iad siocaichte. Sin an t-aon uair a-mhàin a theich duine sam bith bho Chaisteal Bhaile Átha Cliath.

Nuair a thill Aodh gu Cúige Uladh, thaghadh athair mar thighearna e. Fhuair Aodh ceannas air muinntir Dhónaill agus air Tír Chonaill air fad. Bha esan agus Aodh Ó Néill ann an caidreabhas nuair a thoisich Cogadh nan Naoi Bliadhna. Chuir iad ruaig air na Sasannaich aig sreath dhe cathan: Béal Átha na mBrioscaí, Cluain Tiobraid agus Béal an Átha Bhuí. [4] Sa bhliadhna 1601 thàinig feachdan às An Spàinn dhan dùthaich gus cuideachadh a thoirt dhaibh, ach bha iad ro fhada gu deas, ann an Cionn tSáile.[5] B’ fheudar do na Gàidheil dhol gu Cionn tSáile, ach ghabhadh orra aig Cath Chionn tSáile.

Chaidh Aodh gu ruige na Spàinne gu cuideachadh a bharrachd a lorg, ach chaochail e an siud, ann an Valladolid, sa bhliadhna 1602, co-dhiù.[6] Thathar ag ràdh gur e am fear-brathaidh Blake a mharbh e, ach fheadhainn eile dhen bheachd a-nis gur e tinneas a fhuair e bho bhèist-dà-lionn a rinn a’ chùis airsan. Ghabh a bhràthair, Ruairí Ó Dónaill, an ceannas thairis .

Iomraidhean

  1. Library Ireland
  2. UCC
  3. Nalanda
  4. UCC
  5. Library Ireland
  6. UCC