An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Imre Nagy"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b r2.7.2+) (Robot: Adding sk:Imre Nagy
b r2.7.2) (Robot: Adding ml:ഇമ്രെ നാഗി
Loidhne 43: Loidhne 43:
[[lb:Imre Nagy]]
[[lb:Imre Nagy]]
[[lt:Imrė Nadis]]
[[lt:Imrė Nadis]]
[[ml:ഇമ്രെ നാഗി]]
[[nl:Imre Nagy]]
[[nl:Imre Nagy]]
[[no:Imre Nagy]]
[[no:Imre Nagy]]

Mùthadh on 11:45, 30 dhen Iuchar 2012

Clachd-cuimhneachan Imre Nagy

B' e Imre Nagy (rug 7 an t-Ògmhios, 1896, chuir gu bàs 16 an t-Ògmhios, 1958) Prìomhaire na h-Ungair air dà thuras.

Bha e ag obair mar ceàrd-glais mus deach e a' shabaid anns a' Chiad Chogadh Mòr. A sin bha e air a thoirt mar phrìosanach ann an 1915 agus thoisich e a bhith na cho-maoineach agus chaidh e a' shabaid anns an Airm Dearg. Troimh na 1930'an agus na 1940'an bha e ag obair airson an Uidheam Teàrainneachd Sobhiat agus leis a seo bha e a' faighinn oifisean anns an riaghaltas.

Stad e ag obair dhaibhsan anns na 1940'an agus thill e chun an Ungair ann an 1944. Ann an sin bha e na Mhinistear airson Àiteachas. Ann an 1953 bha e air a thaghadh mar Prìomhaire na h-Ungaire. Dà bhliadhna as deidh seo ann an 1955 thug feadhainn de na companaich aige air an oifis seo fhàgail seach gun robh e a' fàs robh libearalach. Chleachd e an tìde seo a' mach à oifis a' teagaisg.

Bha e na Phrìomhaire a rithist ann an 1956 troimh taghadh poblach fhad 's a bha an èireachadh ana-Sobhiat ann. Air an 31 den Dàmhair dh'fhoillsich e gun robh an Ungair a' dol a tharraing às bhon Còrdadh Warsaw. Air an 1 den t-Samhainn rinn e iarrtas troimhe an UN gu na cumhachdan mòr mar Breatainn agus na Stàitean Aonaichte ag innse dhaibh mu dheidhinn neo-phàirteachd an Ungair.

Nuair a rinn na Sobhiats ionnsaigh air an Ungair chuir seo stad air an èireachadh agus bha aige, còmhla ri cuid eile a bha ag obair leis, ri dhol chun an ambasaid aig Iugoslàbhia airson tèarmann. Bha e air chuir air làimh air an 22 den t-Samhain agus air thoirt gu Romàinia. Bha e an uairsin air a thoirt air ais chun Ungair. Bha e air a chrochadh agus air a chur gu bàs ann am Budapest anns an t-Òghmios 1958.