An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Seac MacConaill"

O Uicipeid
Content deleted Content added
bNo edit summary
b r2.7.2+) (Robot: Modifying en:Jack McConnell
Loidhne 43: Loidhne 43:


[[de:Jack McConnell]]
[[de:Jack McConnell]]
[[en:Jack McConnell, Baron McConnell of Glenscorrodale]]
[[en:Jack McConnell]]
[[es:Jack McConnell]]
[[es:Jack McConnell]]
[[fi:Jack McConnell]]
[[fi:Jack McConnell]]

Mùthadh on 07:26, 27 dhen Iuchar 2012

Teamplaid:Neach-poileataigs

'S e neach poileataigs a tha ann an Seac MacDhòmhnaill BPA. Rugadh e 30 an t-Ògmhios, 1960 ann an Irbhinn, taobh a tuath Siorrachd Àir.

'S e ceann a' Phàrtaidh Làborach Albannach a th' ann agus b' e Prìomh-Mhinistear na h-Alba a bh' ann mus do bhuannaich Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba an taghadh ann an 2007.

Ged a chaidh a bhreith an Irbhinn chuir e seachad òigridh air tuathanas chaora air Eilean Arainn. Aig aois sia-deug ghabh e pàirt ri Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ach cha do dh'fhuirich e ann robh fhada. An deidh dhol gu Àrd Sgoil Arainn chaidh e rannsachadh foghlam aig Oilthigh Sruighlea far an robh e na cheannard tarsainn air a' Chomann Oileanach. A ceumnachadh ann an 1983 thoisich e ag obair mar maighstir a' teagasg eòlas-àireamh ann an Albha, Siorrachd Chlach Mhanainn agus chum e an obair seo fhad 's a bha e na chomhairliche.

Ghabh e dreuchd mar Rùnaire am Pàrtaidh Làborach ann an 1992. Rinn e adhartas mòr le mar a dh'obair e mu an taghaidh an 1997 nuair a bhuannaich Làbor gu mòr. Bho 1999 sheas e mar Ball-Pàrlamaid anns a chiad taghadh airson Pàrlamaid na h-Alba. Thug Dòmhnall Mac an Deòir, a chiad Prìomh Ministear aig Alba, obair dha mar Rùnaire Ionmhasail. Le bàs Dewar an 2000 sheas MacDhòmhnaill an aghaidh Eanraig MacGillÌosa anns an taghaidh airson ceannard ùr am Pàrtaidh agus Prìomh-Mhinistear ùr Alba ach chaill e. Na aite dh'obair e mar Rùnaire Foghlam, an Roinn-Eorpa agus Cùisean a-Muigh fo MhacGillÌosa. An deidh do MacGillÌosa a dhreuchd fhàgail an deidh sgannal ghabh MacDhòmhnaill àite mar am Prìomh-Ministear as aonais co-fharpais sam bith.

Ceanglaichean a-mach