An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ìosa Chrìosd"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b r2.7.1) (Robot: Modifying ps:عيسی
b r2.7.2+) (Robot: Adding crh:İsa
Loidhne 56: Loidhne 56:
[[ckb:یەسووع]]
[[ckb:یەسووع]]
[[co:Gesù Cristu]]
[[co:Gesù Cristu]]
[[crh:İsa]]
[[cs:Ježíš Kristus]]
[[cs:Ježíš Kristus]]
[[cu:Їисъ Хрїстъ]]
[[cu:Їисъ Хрїстъ]]

Mùthadh on 20:23, 11 dhen Chèitean 2012

Iosa Chrìosd

R. Bethlehem, mu 4 R.C. B. Ierusalem mu 33 A.C.

A-reir na Criosdaidhean se "Mac Dhe. Slanaighear. Mac an Duine." a tha ann, ach se figear gu math connspaideach a tha ann, gu h-araid a-measg nan Iùdhach

'Se Iosa an duine a thòisich an creideamh Crìosdaidh le na thuirt e is na theagaisg e. Tha e cuideachd air ainmeachadh mar "Iosa Crìosd" no direach "Crìosd". Tha an t-ainm Iosa a tighean bhon ainm Eabhra (Hebrew) "Yeshua" a tha tighean bho "Yehovah-shua" a ciallachadh "Glèidhidh Dia." Tha am facal Crìosd a tighean 'on facal Greugais "Khristós" (Χριστός) a ciallachadh "an neach coisrigeach." Tha am facal Eabhra "Moshiach", no Mesiah 'sa Ghàidhlig agus 'sa Bheurla, a ciallachadh an aon rud ris an Greugais Khristós.

'Sann anns an Tiomnadh Nuadh 'sa Bhìoball a lorgas sinn na sgeulachdan mu Iosa. Cha do sgrìobh duine mu dheidhinn nuair a bha e beò agus mar sin chan eil sinn cho eolach air a bheatha 'sa bhitheadh sinn an dochas.

Tha am Bìoball ag ràdh gun robh Iosa beò ann an àm Impireachd an Roimh anns an dùthaich far a bheil Israel an diugh. Chaidh a' bhreith fhads a bha a mhathair agus athair a fuireach ann an sabhal seach nach robh rum anns na taighean-òsda. Tha latha Nollaig againn mar latha-saor airson seo a chuimhneachadh.

Nuair a dh'fhàs Iosa na inbheach thoisich e a siubhal mun dùthaich a teagaisg agus an innis sgeulachdan. Bha e a teagaisg gum bu choir do dhaoine gaol a thoirt do Dhia agus cuideachadh a thoirt do cheile.

Bha gu leor ag radh gum b'urrainn dha mìorbhail a dheanamh mar uisge a thiondadh gu fion, slàinte a thoirt air fhais do dhaoine tinn agus fiù beatha thoirt air fhais do feadhainn a bhàsaich.

Nuair a dh'fhàs Iosa ainmeil chaidh e gu Ierusalem. An sin thiondaidh na sagairtean cùmhachdach Iùthach na aghaidh agus chaidh a mharbhadh le na Romanaich air A' Chrois.

Teamplaid:Link FA Teamplaid:Link FA Teamplaid:Link FA Teamplaid:Link FA Teamplaid:Link FA