An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Èirinn a Tuath"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b r2.6.4) (Robot: Modifying ilo:Irlánda del Norte
b r2.7.2+) (Robot: Modifying yo:Írẹ́lándì Apáàríwá
Loidhne 123: Loidhne 123:
[[xal:Ар Гәәлгүдин Таңһч]]
[[xal:Ар Гәәлгүдин Таңһч]]
[[yi:צפון אירלאנד]]
[[yi:צפון אירלאנד]]
[[yo:Irẹlandi Apáàríwá]]
[[yo:Írẹ́lándì Apáàríwá]]
[[zea:Noord-Ierland]]
[[zea:Noord-Ierland]]
[[zh:北爱尔兰]]
[[zh:北爱尔兰]]

Mùthadh on 20:28, 8 dhen Chèitean 2012

Èirinn a Tuath anns an Rìoghachd Aonaichte

'S e Èirinn a Tuath [1] (Gàidhlig na h-Èireann: Tuaisceart Éireann; Beurla: Northern Ireland, "Ullans": Norlin Airlann) roinn den Rìoghachd Aonaichte. Tha Beul-Feirste aice mar prìomh-bhaile agus tha 1,685,267 neach a' fuireach innte. Tha ceithir chànain: Gaeilge (Gàidhlig na h-Èireann), Ullans (Beurla Ghallda Ulaidh), Gàidhlig na h-Alba agus Beurla air aithneachadh anns an sgìre.

Bidh feadhainn ag eigheachd "Ulaidh" ( no "Ulster" ) air ach chan eil ach mu dà-threas den sgìre ud fo chùmhachd riaghaltas Èirinn a Tuath. Tha strì mòr air a bhith anns an dùthaich eadar na daoine a tha a' fuireach ann o chaidh a phàirteachadh bho thaobh a deas Èirinn, gu h-àraidh an dèidh deireadh na 1960an nuair a thòisich na "troubles" mar a chanas daoine ris an strì anns a' Bheurla. Tha an sluagh-aonachdach, ("Unionists"), leis a chuid mhòr a' leantainn an creideamh Pròsdanach, agus sinnsearachd Gallda Albannach aca, airson Èirinn a Tuath a chumail mar pàirt den Rìoghachd Aonaichte. Tha na nàiseantaich, no gu tric "Poblachdaich", a tha gu mòr nan Caitligich airson aonachadh le Poblachd na h-Èireann agus mar sin Eilean Eirinn aonachadh fo aon riaghaltas Eirinneach. 'On "Good Friday Agreement" air Dihaoine, an 10mh latha den Giblean 1998, tha an sìth air cumail mar is àbhaist ged a bhios fhathast connspaid ann aig àmanan agus mort ach s' ann glè ainneamh a bhios tachartasan mar seo ann san latha an diugh. Tha an achd seo cuideachd ga dhèanamh laghal airson sluagh Èirinn a Tuath taghadh eadar an Rìoghachd Aonaichte agus Poblachd na h-Èireann airson dè'n dùthaich a b' fheàrr leotha.

Iomradh

  1. Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1-871901-39-1

Teamplaid:Link FA