An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "George W. Bush"

O Uicipeid
Content deleted Content added
bNo edit summary
bNo edit summary
Loidhne 24: Loidhne 24:
|partaidh=[[Am Partaidh Poblachdach|Poblachdach]]
|partaidh=[[Am Partaidh Poblachdach|Poblachdach]]
|pòsadh=Laura Welch
|pòsadh=Laura Welch
|creideamh=Episcopal
|creideamh=[[Easbaigeachas]]
|ainm_scriobhte=GeorgeWBush Signature.svg
|ainm_scriobhte=GeorgeWBush Signature.svg
}}
}}

Mùthadh on 01:19, 8 dhen Chèitean 2012

Teamplaid:Neach-poileataigs Chaidh George W. Bush (rugadh 6 an t-Iuchar, 1946) a' thaghadh mar ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte ann an 2000 agus bhuannaich e an dara thaghadh aige ann an 2004.'S e Poblachdach a th' ann am Bush agus mus robh e na ceann-suidhe 's e Riaghladair Texas a bh' ann. S' ann bho Midland ann an Texas a bhuinneas e agus tha tuathanas aige ann an Crawford faisg air Waco.'S e ceann-suidhe a bh'ann an athair, George H. W. Bush, cuideachd a sheas eadar 1988 agus 1992.

Tha George Bush pòsta ri Laura agus tha dà nighean aca a tha nan caignich ; Jenna agus Barbara. Chaidh a' bhreith ann an Connecticut agus a dh'fhòghlam mar oileanach aig Oilthigh Yale, aon de na oilthighean is ainmeil agus is fheàrr anns an t-saoghal.'S e stiùireadair a bh'ann aig àm Chogadh Vietnam ach cha do ghabh è pàirt ann.

Anns an taghadh airson ceann-suidhe na Stàitean Aonaichte an 2000 bha torr trioblaid aca ann am Florida le no bhòtaichean agus cha robh moran cinnteach co a bha air buannachadh agus cha deach aonadh a ruighean air co a bh'ann airson coir is mìos agus feum aig an Àrd Chùirt sùil a thoirt air cùisean agus taghadh co a bha air buannachadh. Thagh iad stad a chuir air na cunntaidhean agus na ath-chunntaidhean agus dh'fhiollsich iad gur è Bush a bha air buaidh fhaighinn agus a bhiodh na Cheann-suidhe. Chaidh pìos mhòr den sluagh ann an Ameireaga an aghaidh an seo agus bha torr feargach mu dheidhinn.

Sheas Bush a-rithist anns an taghadh airson ceann-suidhe ann an 2004, le John Kerry an seanaiche bho Massachusetts a seasamh na aghaidh airson am Partaidh Democratach agus bhuannaich è airson an dara àm .

An dèidh na ionnsaighean sgeimhleadh a thachair air an 11 den t-Sultain, ris an canar 9/11, dh'òrdaich Bush ionnsaigh air Afghanistan agus ann an 2003 Ìrac. Chaidh gach dùthaich a chuir fo cheannsail agus greum fhaighinn air prìomhaire na h-Iorac, Saddam Hussein agus e a-nis air dheuchainn aig cùirt airson droch-gnìomhan aige nuair a bha è an cùmhachd. Tha taghaidhean saor aca ann an Ìrac a-nis airson a chiad turas ach tha torr bhlàr is trioblaid a dol fhathast agus feagal ann gum toisich cogadh agus air-a-mach 'san dùthaich.

Bha a' chuid mhòr den t-saoghal an aghaidh an cogadh ann an Iorac agus iad a smaoineachadh gur è mearachd a bh'anna gus gun robh e ceàrr agus fiù olc a dhol a steach don dùthaich mar a chaidh. Tha feadhainn eile, gu h-àraidh luchd leanmhainn Bush, a smaoineachadh gu bheil na cogaidhean an Afghanistan agus Ìrac, mar pàirt den "War on Terrorism" a dh'fhoillsich Bush an dèidh 9/11, eiseal airson na Stàitean Aonaichte, agus an t-saoghal gu mòr, a chumail saor agus sàbhailt. 'S e aon de na rudan a tha Bush agus Aimeireaga a feuchainn ri dheanamh le na cogaidhean deamocrasaidh a leasachadh anns na sgìrean, gu h-àraidh an Ear Mheadhanach.


Cinn-suidhe nan Stàitean Aonaichte
George Washington · John Adams · Thomas Jefferson · James Madison · James Monroe · John Quincy Adams · Andrew Jackson · Martin Van Buren · William Henry Harrison · John Tyler · James K. Polk · Zachary Taylor · Millard Fillmore · Franklin Pierce · James Buchanan · Abraham Lincoln · Andrew Johnson · Ulysses S. Grant · Rutherford B. Hayes · James A. Garfield · Chester A. Arthur · Grover Cleveland · Benjamin Harrison · Grover Cleveland · William McKinley · Theodore Roosevelt · William Howard Taft · Woodrow Wilson · Warren G. Harding · Calvin Coolidge · Herbert Hoover · Franklin D. Roosevelt · Harry S. Truman · Dwight D. Eisenhower · John F. Kennedy · Lyndon B. Johnson · Richard Nixon · Gerald Ford · Jimmy Carter · Ronald Reagan · George H. W. Bush · Bill Clinton · George W. Bush · Barack Obama

Teamplaid:Link FA Teamplaid:Link FA