An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Reul-eòlas"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b r2.7.2) (Robot: Adding gn:Mbyjakuaa
b r2.7.2) (Robot: Adding ilo:Astronomia
Loidhne 156: Loidhne 156:
[[id:Astronomi]]
[[id:Astronomi]]
[[ie:Astronomie]]
[[ie:Astronomie]]
[[ilo:Astronomia]]
[[io:Astronomio]]
[[io:Astronomio]]
[[is:Stjörnufræði]]
[[is:Stjörnufræði]]

Mùthadh on 22:43, 3 dhen Chèitean 2012

neul am partan
Ollamh Iain Caimbeul Brown FRSE, Reuladair Rìoghail air son Alba
Amharclann Rìoghail, Dùn Eideann

Is e reul-eòlas (no speur-eòlas no reuladaireachd) saidheans an stutha anns a' Chruinne-cè agus bithidh e a' rannsachadh an sgaoileidh, an gluasad, nan coimeasgadh, nan staid agus an rothlas aige. Bithidh reul-eòlas a' mìneachadh tuiteamasan a thachras a-muigh a' Chruinne agus an àile aige. Bithidh reul-eòlaichean a' sgrùdadh an tùs is rothlas aig cùisean anns an domhan, cho math ris na buadhannan fisiceach is ceimiceach aca.

Tha reul-eòlas a' dèiligeadh ri rudan thairis air tomhasan aibhseach, bho phlanaidean, gu còrasan-grèine (siostam-na-greine), suas gu reultan, reul-bhagaidean, reul-chriosan (còmhlas ris an stuth eatarra) suas ris an domhan fhèin na iomlan.


Reul-eòlas a-rèir an fhaclair

Reul-eòlas

A-rèir Richard Cox [1] 's e reul-eòlas

  • an t-eòlas mu dheidhinn na grèine,
  • na gealaich, nam planaidean, agus nan reultan.

Tha e cudthromach iomsgaradh soilleir a dhèanamh eadar reul-eòlas a tha na fheallsanachd-nàdair (saidheans), agus speuradaireachd. Tha mòran daoine ann nach tuig an difir eadar reul-eòlas agus speuradaireachd (fiosachd a-rèir suidheachadh nam planaidean agus nan reultan). Is fìor feallsanachd-nàdair (saidheans) an reul-eòlas (Beurla: astronomy), ach is geaslanachd agus baoth-chreideamh an speuradaireachd (Beurla: astrology). Is ann ro chumanta mì-thuigse mu dheidhinn an dà chuspair seo fhathast.

Speuradaireachd

A-rèir Richard Cox [2] ' s e speuradaireachd

  • a’ rannsachadh mar a dh’fhaodadh
  • buaidh a bhith aig planadain agus
  • reultan air ar beatha
Leabhar:Reul-eòlas

Litreachas Reul Eolais

Tha litreachas anns a’ Ghàidhlig mu dheidhinn reul-eòlais nas pailte na litricheas mu dheidhinn saidheans eile air bith. Is e leabhar feumail Reul-eòlas leis an Ollamh Pàdraig Moore, eadar-theangaichte le Iain Aonghas MacLeòid. [3](Faic clàr-fiosrachaidh shìos.)

Ann an Àireamhan 174 agus 175 (1996), dh’fhoillsich GAIRM alt Reul-eòlas airson Luchd-'tòiseachaidh le Garbhan MacAoidh, còmhla ri foirlionadh: Clàr Briathran Reul-eòlais agus Eòlaidheachd. [4] Sgrìobh ùghdar Reul-eòlas airson Luchd-tòiseachaidh: “Cha teid agam air creidsinn nach robh ar sinnsearan eòlach air a’ mhòr-chuid de na reul-bhaid* as cudthromaiche, gu h-àraid nan robh iad a’ seòladh air an àrd-chuan. Ach a-rèir coltais cha do chuir iad ainmean air mòran dhiubh. Dh’aithnich iad An Grioglachan, An Crann-arain, Slighe Chlann Uisnich (a’ ghalacsaidh again), ach glè bheag eile. B’aithne dhaibh Reul na maide agus Reul an fheasgair (Bheunus no planaid eile nuair a dh’èireas i roimhn ghrèin,agus an dèidh laighe na grèine), ach gu cinnteach cha b’urrainn daibh na planaidean eugsamhail eadar-dhealachadh. Co-dhiù cha robh iad comasach air na planaidean as fhaide ás fhaicinn. A bharrachd air na reultan, dh’aithnicheadh iad na dreugan a thuiteadh air uairibh on speur, ged nach robh fios aca dè an nadur”.

Is ann an 1857 a fhoillseach leabhar fon tiotal Reul-eolas, sgriobhta le Aipineach don b'ainm Mac Chonnaill.

An 1872-1873 fhoillsich an iris-leabhar ainmeil "AN GAIDHEAL" sreath de deich aistean "AIR CRUINN-CHORPAIBH SOILLSEACH NAN SPEUR" leis an t-Urramach Alasdair Mac Griogair a sgriobh fon ainm phinn "SGIATHANACH". [5]

Planaidean

Liosta ainmean nan reultan

Venus - A' Mhadainneag, Ribhinn, Bhenus, Bheineas

Reultan Eile

Aldebaran - Aibhseag

Antares - Sgleodhag

Arcturus & Spica - Siarag 7 Searag

Bellatrix & Kappa Orionis - Fadag Ard 7 Fadag Iosal

Betelgeuse - Spor Dearg

Castor & Pollux - Gaolag 7 Gradhag

Deneb & Altair - Leisgeag Àrd 7 Leisgeag Iosal

Hercules - Ceilteach (Iorcall)

Polaris - a' Bharr-reult, an Reul-iuil, a' Chailin

Rigel - Spor Liath

Sirius - Reul an Iuchair

Spica - Falachag

Clàr-fiosrachaidh

  1. Richard A.V. Cox, Brigh nam Facal ISBN 0-903204-21-5
  2. Richard A.V. Cox, Brigh nam Facal.ISBN 0-903204-21-5
  3. Moore, Pàdraig, Reul-eòlas, Eadar-theangaichte le Iain Aonghas MacLeòid, Foillseachair: John A. Macleod, Largs, Ayrshire, 1997.ISBN 0-9530874-0-9
  4. MacAoidh, Garbhan, Reul-eòlas air son luchd-tòiseachaidh, GAIRM Àireamhan 174, 175, 1996.
  5. AN GAIDHEAL: Leabhar I aireamh 9 (Ceud Mios A' Gheamhraidh 1872)- Leabhar II Aireamh 18 (Ceud Mios An Fhogharaidh 1873)

Teamplaid:Link FA