An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Abhainn Mhagdalena"
b r2.7.2+) (Robot: Modifying uk:Магдалена (річка) |
b r2.7.1) (Robot: Adding vi:Sông Magdalena |
||
Loidhne 46: | Loidhne 46: | ||
[[th:แม่น้ำมักดาเลนา]] |
[[th:แม่น้ำมักดาเลนา]] |
||
[[uk:Магдалена (річка)]] |
[[uk:Магдалена (річка)]] |
||
[[vi:Sông Magdalena]] |
|||
[[zh:马格达莱纳河]] |
[[zh:马格达莱纳河]] |
Mùthadh on 20:36, 14 dhen Ghiblean 2012
'S e an abhainn as motha, as fhaide agus as cudromaiche ann an Coloimbia a th'ann an Abhainn Mhagdalena.[1] Toisichidh an abhainn shuas ann an Huila ann an ceann a deas na dùthcha, is i a' sruthadh mu thuath fad 1,558km [2] tro na roinnean dhe Tolima, Cundinamarca, Caldas, Boyacá, Antioquia, Bolívar, Cesar, Magdalena gu ruige Muir A' Chairibianach faisg air Barranquilla, ann an Atlántico.[3] Tha an Abhainn Mhagdalena a' sgarradh dà sliabh a-mach a chèile: An Cordillera Central agus An Cordillera Oriental, is iad na slèibhtean as thuath na h-Andes. Ro àm an treàna agus a' pleàna, 's e bàtaichean a' toirt daoine agus bàthar air an abhainn sin a bh'ann prìomh mheadhann chòmhdhail na dùthcha.
Ainmean na h-Aibhne
Chuir an Ceannsaiche Spàinnteach Rodrigo de Bastidas an t-ainm Magdalena air an abhainn nuair a ràinig e beul na h-aibhne aig Bocas de Cenizas an 1 an Giblean 1501. Bha mòran ainmean tùsanach aice roimhe. Bha Yuma air a' phàirt as ìsle, Arli air a' phàirt meadhanch agus Guacahayo aig a' phàirt as àirde aice. A bharrachd air sin, 's e Karacali an t-ainm a bha oirre gu lèir airson iomadh bhuidheann.