An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Glaschu"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b r2.7.1) (Robot: Modifying ar:غلاسغو
Loidhne 119: Loidhne 119:
[[af:Glasgow]]
[[af:Glasgow]]
[[ang:Glasgow]]
[[ang:Glasgow]]
[[ar:غلاسكو]]
[[ar:غلاسغو]]
[[arz:جلاسجو]]
[[arz:جلاسجو]]
[[az:Qlazqo]]
[[az:Qlazqo]]

Mùthadh on 13:29, 18 dhen Ghearran 2012

Glaschu
Gearradh-arm
no Seula
Faidhle:Glasgow Montage.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Srath Chluaidh
Co-chomharran 55° 51′ 28.8″ Tuath
4° 15′ 32.4″ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 3,298 km²
Àireamh-shluaigh 580,690 (2007)
Dlùths 176.07/km²
Àireamh fòn 0141
Duilleag oifigeil Comhairle Cathair Ghlaschu

'S e am baile as motha ann an Alba a th' ann an Glaschu ach chan eil e na phrìomh-bhaile - 's e sin Dùn Èideann. Bhathar am beachd gun robh Glaschu a' buntainn ri "Glas-achadh" san t-seann chànan Chuimreach.[1]

Tha Glaschu suidhichte air taobh-siar Alba air an Abhainn Chluaidh agus 's e prìomh-bhaile roinn Srath Chluaidh a th' ann. Bha Glaschu uabhasach ainmeil airson na garaidhean-iaruinn, a thog longan, ach tha an gnìomhachas seo air crìonadh gu mòr anns an trichead bliadhna mu dheireadh agus chan eil mòran longan air an togal ann tuilleadh. Aig aon àm 's e Glaschu prìomh-bhaile 'san t-saoghal airson longan a thogail agus mar an dara baile is motha ann am Breatainn chanar gur e an 'Dara Baile 'san Impireachd' no sa Bheurla The Second City of the Empire. Chaidh Glaschu a stèidheachadh anns an 6mh linn leis an Naomh Mungan, far a bheil an cathair-eaglais ann an diugh.

Thuige an 12mh linn, b' e Glaschu baile-mòr agus thòisich togail na cathrach-eaglais.

A' tighinn as dèidh òrdugh a' Phàpa, chaidh Oilthigh Ghlaschu a stèidheachadh ann an 1451.

Ceàrnan

San eachdraidh bha a ciad tuineachadh Ghlaschu suidhichte timcheall air Àrd Eaglais Ghlaschu, High Street agus Abhainn Chluaidh. Bha crìochan Ghlaschu ag atharrachadh corra uairean. Chaidh Comhairle Cathair Ghlaschu a chuir air bonn anns a' bhliadhna 1996.

Meadhan na Cathair

Tha crìochan Meadhan na Cathair ris an High Street san àird an ear, ri Abhainn Chluaidh san àird a deas agus ris an M8 san àird an iar-thuath. Chaidh an M8 a thogail anns a' bhliadhna 1966.

Staitistearachd

Tha coimhearsnachd mhòr Ghaidhealach ann an Glaschu agus canar feadhainn gur e Baile nan Gaidheal a th' ann. Tha barrachd air 1,749,154 ann an sluagh Ghlaschu le gu-leòr a bharrachd a' fuireach aig oir a' bhaile. Tha pàirt mhòr de muintir na Gàidhlig (eadar 10,000 agus 15,000) a' fuireach ann an, no mu chuairt air, Glaschu.

Suidheachadh Àireamh-shluaigh Ceàrnaidh Dùmhlachd
Glaschu[2] 578,790 67.76 sq mi (175 km²) 8,541.8/sq mi (3,298/km²)
Greater Glasgow Urban Area[3] 1,168,270 142.27 sq mi (368 km²) 8,212.9/sq mi (3,171/km²)
màthair-adhbhar: Scotland's Census Results Online[4]

Tha Glaschu dòchas-beatha beag airson cathair ann An Rìoghachd Aonaichte aig 72.9 bliadhna.

Giùlan

Sràid na Banrighinn

Tha siostam mòr giùlan ann an Glaschu. Tha Stèisean-rèile Meadhan Ghlaschu agus Sràid na Banrighinn nam prìomh stèisean-rèile ann an Glaschu. Tha seirbheisean ann bho Chentral Station gu Alba a Deas, Glaschu a Deas agus Sassain agus seirbheisean bho Sràid na Banrighinn gu Alba a Tuath agus Dùn Èideann.

Tha mòran rathaidean mòra ann an Glaschu a tha a' ceangal a' bhaile gu bailtean eile. Tha M8 a' ruith tron a' chathair agus a' ceangal gu M77 (gu Inbhir Àir), M78 (gu deas) agus M80 (gu Sruighlea agus gu tuath).

Tha Glaschu dà Phort Adhair, Port Adhair Glaschu, ann an iar a' bhaile, a' ceangail Alba a Tuath le Sassain, Èirinn, Eòrpa, An Ear Mheadhanach agus Aimearaga-a-Tuath agus Port Adhair Phreastabhaig, 29 mìltean air falbh bho Ghlaschu agus tha ann an Siorrachd Inbhir Àir-a-deas.

Foghlam

'S e Oilthigh Ghlaschu aon de na h-oilthighean as aosta is as motha a tha anns an Rìoghachd Aonaichte
Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

Tha ceithir oilthighean ann an Glaschu:

'S e Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu an t-aona àrd-sgoil Ghàidhlig ann an Alba. Tha bun-sgoil cuideachd anns an sgoil.

Na Meadhanan

Prìomh-oifis STV ann am Pacific Quay

Tha Glaschu na dhachaigh airson mòran mheadhanan a tha ann an Alba. Tha BBC Scotland agus STV suidhichte ann an Glaschu.

Tha na pàipearan-naidheachd An Herald agus an Daily Record suidhichte ann an Glaschu cuideachd.

Daoine Ainmeil

Bailtean Co-cheangailte

Iomraidhean

  1. http://www.archive.org/stream/eachdraidhaphri00mackgoog#page/n17/mode/2up: Eachdraidh a' Phrionnsa]
  2. Feumaidh tu tiotal = agus url = a shònrachadh ma chleachdas tu {{iomradh lìon}}.“”. General Register Office for Scotland. Air a thogail 9mh dhen Iuchar 2007 (Microsoft Excel).
  3. Graham Pointer: “Focus on People and Migration”. Air a thogail 9mh dhen Iuchar 2007 (PDF).
  4. www.scrol.gov.uk/: “2001 Census”. Air a thogail 9mh dhen Iuchar 2007.
  5. Annuaire de France

Ceanglaichean a-mach

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:


Teamplaid:Link FA Teamplaid:Link FA