An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Sìonais"
Created page with "{{Template:Cànan | Ainm = 汉语/漢語/华语/華語/中文 /Sìonais | familycolor= | Fuaimneachadh = '''Hànyǔ/Huáyǔ/Zhōngwén''' | Ainmean na h-àitichean = [[F..." |
(Gun diofar eatarra)
|
Mùthadh on 21:10, 15 dhen Dùbhlachd 2011
汉语/漢語/华语/華語/中文 /Sìonais | ||
---|---|---|
Fuaimneachadh | Hànyǔ/Huáyǔ/Zhōngwén | |
Far a bheil i 'ga bruidhinn | ||
Luchd-labhairt iomlan |
1,300,000,000 | |
Teaghlach-chànan |
Sìono-Tibeatanach
| |
Siostam-litreachaidh | Caractaran Sìonach | |
Inbhe Oifigeil | ||
Far a bheil i 'na chànan oifigeil | Sìona | |
'Ga riaghladh le | PRC | |
Còdan Cànan | ||
ISO 639-1 | zh | |
ISO 639-2 | chi | |
ISO 639-3 | zho | |
‘S e sreath dhe cànan a bhuineas uile gu lèir dhan teaghlach Sìono-tibeatanach a th’ann an Sìonais.[1] Ged a bheil a’ mhòr-chuid dhe na daoine anns an t-Sìona dhen bheachd gur e dìreach aon chànan le mòran dualchainnt a th’ann, tha na diofaran eatorra coltach ris na diofaran eadar Gàidhlig is Gaeilge, neo Fraingis is Spàinntis.[2] A dh’aindeoin sin, chan eil an cànan sgrìobhte air atharrachadh idir cho luath an taca ris an teanga beò, is le sin tha i fhathast uabhasach co-ionnan air feadh na dùthcha. Feumar a ràdh gur e Sìonais Mandarainn oifigeil a thathar a’ sgrìobhadh, a’ leughadh is ag ionnsachadh. Chan e am foirm sin neo-phàirteil an coimeas ri buille eile an teaghlaich sin. A thuilleadh air sin, tha Cantonais agus Mǐn gan sgrìobhadh ann an dòigh eile, air sàilleabh gu bheil gràmar agus faclan eadar dhealaichte aca.
Ceanglaichean A-mach
Iomraidhean
- ↑ David Crystal, The Cambridge Encyclopedia of Language (Cambridge: Cambridge University Press, 1987) , p. 312
- ↑ Sino-platonic