An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Seac MacConaill"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Loidhne 21: Loidhne 21:


[[de:Jack McConnell]]
[[de:Jack McConnell]]
[[en:Jack McConnell, Baron McConnellof Glenscorrodale]]
[[en:Jack McConnell, Baron McConnell of Glenscorrodale]]
[[es:Jack McConnell]]
[[es:Jack McConnell]]
[[fi:Jack McConnell]]
[[fi:Jack McConnell]]

Mùthadh on 12:33, 10 dhen t-Samhain 2011

Seac MacChonnail

'S e neach poileataigs a tha ann an Seac MacChonnaill BPA. Rugadh e 30 an t-Ògmhios, 1960 ann an Irbhinn, taobh a tuath Siorrachd Air.

'S e ceann a' Phàrtaidh Làborach Albannach a th' ann agus b' e Prìomh-Mhinistear na h-Alba a bh' ann mus do bhuannaich Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba an taghadh ann an 2007.

Ged a chaidh a bhreith an Irbhinn chuir e seachad òigridh air tuathanas chaora air Eilean Arainn. Aig aois sia-deug ghabh e pàirt ri Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ach cha do dh'fhuirich e ann robh fhada. An deidh dhol gu Àrd Sgoil Arainn chaidh e rannsachadh foghlam aig Oilthigh Sruighlea far an robh e na cheannard tarsainn air a' Chomann Oileanach. A ceumnachadh ann an 1983 thoisich e ag obar mar maighstear a' teagasg eòlas-àireamh ann an Albha, Siorrachd Chlach Mhannainn agus chum e an obair seo fhad 's a bha e na choimhearlaiche.

Ghabh e dreuchd mar Rùnaire am Pàrtaidh Làborach ann an 1992. Rinn e adhartas mòr le mar a dh'obair e mu an taghaidh an 1997 nuair a bhuannaich Làbor gu mòr. Bho 1999 sheas e mar Ball-Pàrlamaid anns a chiad taghadh airson Pàrlamaid na h-Alba. Thug Dòmhnall Mac an Deòir, a chiad Prìomh Ministear aig Alba, obair dha mar Rùnaire Ionmhasail. Le bàs Dewar an 2000 sheas MacChonnail an aghaidh Eanraig Mac Gill-Iosa anns an taghaidh airson ceannard ùr am Pàrtaidh agus Prìomh-Mhinistear ùr Alba ach chaill e. Na aite dh'obair e mar Rùnaire Foghlam, an Roinn-Eorpa agus Cuisean a-Muigh fo Mac Gill-Iosa. An deidh do Mac Gill-Iosa a dhreuchd fhàgail an deidh sgannal ghabh MacChonnail aite mar am Prìomh-Ministear as aonais co-fharpais sam bith.

Ceanglaichean a-mach