An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Sneachd"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b r2.6.5) (robot Adding: ks:شیٖن
b r2.7.2+) (Robot: Adding nso:Lehlwa
Loidhne 94: Loidhne 94:
[[nn:Snø]]
[[nn:Snø]]
[[no:Snø]]
[[no:Snø]]
[[nso:Lehlwa]]
[[nv:Yas]]
[[nv:Yas]]
[[oc:Nèu]]
[[oc:Nèu]]

Mùthadh on 22:57, 2 dhen t-Samhain 2011

Sneachd

Is e cruth uisge reòite a tha ann an sneachd. Bithidh sneachd uaireanan a' frasadh bho na neoill nuair a bhitheas an teochd beagan fo ìre reòthaidh. Is meanbh eagar de sneachd criostalan sgapta, ioma fillte, mar as tric an patran croise neo rionnaig. Chanar “bleideagan-sneachda” ri na criostalan seo. Tha bleideagan sneachda, eu-coltach ri clachan-mealla, aotrom an coimheas leis an trasd-thomhais agus tuitidh iad gu malla chun talamhainn. Is abhaist do theochd an àille a bhi nas isle aig àirdean as motha agus airson an aobhar seo, bithidh sneachd uaireanan a' tuiteam gu talamh tro adhair a tha os cionn ìre reòthaidh. Anns an suidheachadh seo faodaidh don sneachd a ruigsinn na talmhainn aig inbhe eadar reòthadh agus leaghadh. Chanar flinn ris a' mheasgachadh de sneachd agus uisge a tha ann a seo.

Ma bhitheas an sneachd a' tuiteam air fearann a tha os cionn ìre reòthaidh thèid a leaghadh- ach ma thuiteas e air talamh nas fhuara, bithidh e na laighe na staid reòite agus faodaidh dha a chruinneachadh na plaid a chuibhrigeas sgìre farsuinn.

Buaidh Sneachd air Albann

Sneachd a' tuiteam ann an Alba

Chan àbhaist don teoch an Alba a' fuireach fo ìre reòthaidh airson ùine mhòr, ach air na beanntan nas arda, agus airson an aobhar sin chan àbhaist do sneachd a' laighe fad iomadh seachdainn, mar a bhitheas e an Lochlann agus 'sna beanntan Ailpeach. Airson a h-aon aobhar, chan àbhaist do dhomhainnead sneachda an Alba a' ruigsinn an domhainnead de 2 neo 3 metre a tha cumanta an gleannaibh Nirribhidh.

A dh'aindeoin sin, ré geamhraidh cruaidh, faodaidh do roinnean na h-Alba fuiling sneachd troma a ruigeas domhainnead mi àbhaisteach, mar a thachair an Siorramachd Pheairt an Dubhlachd 2010, far an robh domhainnead de 750mm air an ruigsinn ann am pàirtean na sgìre.