An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Juan Manuel Santos Calderón"
b r2.7.1) (robot Adding: tr:Juan Manuel Santos |
b r2.7.1) (robot Adding: eo:Juan Manuel Santos |
||
Loidhne 90: | Loidhne 90: | ||
[[de:Juan Manuel Santos]] |
[[de:Juan Manuel Santos]] |
||
[[en:Juan Manuel Santos]] |
[[en:Juan Manuel Santos]] |
||
[[eo:Juan Manuel Santos]] |
|||
[[es:Juan Manuel Santos]] |
[[es:Juan Manuel Santos]] |
||
[[et:Juan Manuel Santos]] |
[[et:Juan Manuel Santos]] |
Mùthadh on 21:41, 1 dhen t-Samhain 2011
Juan Manuel Santos Calderón
Ainm na Dùthcha | Coloimbia |
---|---|
Teirm 1 | 7mh an Lùnasdal 2010 gus an latha an-diugh |
Ro-Theachdaire | Álvaro Uribe |
Neach-Ionlaid | |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Libearalach Choloimbia Primero Colombia |
Ceann-Là Bhreithe | 10mh an Lùnasdal 1951 |
Àite Bhreithe | Bogotá Cundinamarcaa |
Bean/Fear-Chèile | María Clemencia Rodríguez de Santos |
Creideamh | Caitligeach |
Dreuchdan | fear-aithris |
‘S e fear-poileataigs, fear-aithris agus eòlaiche-eaconomaidh à Coloimbia[1]. a th’ ann Juan Manuel Santos Calderón. Rugadh e air an 10mh latha dhen Lùnasdal 1951 ann am Bogotá. Tha e air a bhith na cheann-suidhe na dùthcha bhon an 7mh latha dhenLùnasdal 2010. An dèidh a bhith an sàs anns na meadhanan thòisich e ann an saoghal poilitigeach mar bhall a’ Phàirtidh Libearalach is bha e os cionn ministrealachd na Malairt Eadar-nàiseanta fo Chésar Gaviria. An uair sin leig e am Pàrtaidh Libearalach is chaidh e dha na Tòraidh fo Andrés Pastrana Arango is e na Mhinistear a’ Mhaoineachaidh. Dh’fhàsadh e na bu treasa is na bu treasa am broinn an Riaghaltais aig Álvaro Uribe Vélez, a ghabh thairis a’ chinneas ann an 2002, Chuir e na Libearalaich ris a chùlaibh gu tur agus bha còmhla ris an fheadhainn a stèidhich Pàrtaidh an Aonaidh Nàiseanta (Spàinntis: Partido Social de Unidad Nacional). Chaidh e ainmeachadh mar Mhinistear an Dìona ri linne an Riaghaltais aig Uribe bhon Iuchar 2006 gu ruige Chèitein 2009. Ghabh Santos thairis ceannas na dùthcha air an 7mh latha dhen Lùnasdal 2010 airson an teirm bho 2010 gu 2014.
Teaghach
Buinidh e do na Santos, teaghlach a tha air buaidh mhòr a thoirt air eachdraidh na dùthcha. ‘S e am fear-naidheachd Enrique Santos Montejo, far-ainm "Calibán", a bh’ann a sheanair agus b’ e bràthair a sheanair, Eduardo Santos, na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1938 agus 1942, is bha e os cionn a’ pàipeir-naidheachd El Tiempo cuideachd. [2] ‘S e co-ogha Francisco Santos Calderón, seann leas cheann-suidhe Choloimbia, a th’ann co-dhiù. Tha Santos pòsta le María Clemencia Rodríguez de Santos agus tha triùir daoine-chloinne aca, María Antonia, Martín agus Esteban.[3]
Foghlam
Thug Juan Manuel Santos ceum ann an Eaconamaidh agus Rianachd ghnothaichean aig an Oilthigh Kansas, anns na Stàitean Aonaichte. An uair sin fhuair e maighstireachd ann an Eaconomachd agus Leasachadh Eaconamach aig an LSE ann an Lunnainn agus maighstireachd eile ann an Rianachd Phoblach aig an Oilthigh Harvard.
A bharrachd air sin, fhuair e tabhartas bhon a’ Bhuidhne Fulbright aig Sgoil Fletcher an Lagha agus na Dioplomasachd aig an Oilthigh Tufts, agus tabhartas eile bhon a’ Bhuidhne Nieman airson Naidheachdais aig Oilthigh Harvard. Tha e air dotaireachd Honoris Causa ann an Lagh fhaighinn cuideachd.
Iomraidhean
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Cambio, "Pretenden sacarme del juego político"
- ↑ msn.com Colombia: La Madre y la Política, María Clemencia Rodríguez de Santos
Ceanglaichean A-mach
Pàrtaidh Libearalach Choloimbia (Spàinntis)
Simón Bolívar • Francisco de Paula Santander • Joaquín Mosquera • Rafael Urdaneta • Domingo Caycedo Santamaría • Jerónimo de Mendoza Galavís • José Ignacio de Márquez Barreto • Pedro Alcántara Herrán • Juan de Dios Aranzazu • Tomás Cipriano de Mosquera • Rufino Cuervo y Barreto • José Hilario López • José María Obando • José María Melo • Tomás Herrera • José de Obaldía • Manuel María Mallarino • Mariano Ospina Rodríguez • Juan José Nieto Gil • Bartolomé Calvo • Leonardo Canal González • Froilán Largacha • Manuel Murillo Toro • José María Rojas Garrido • Santos Acosta Castillo Joaquín Riascos • Santos Gutiérrez Prieto • Eustorgio Salgar • Santiago Pérez de Manosalbas • Aquileo Parra Gómez • Manuel María Ramírez Fortoul • Julián Trujillo Largacha • Rafael Núñez Moledo • Francisco Javier Zaldúa • Clímaco Calderón • José Eusebio Otálora • Ezequiel Hurtado • José María Campo Serrano • Eliseo Payán • Carlos Holguín Mallarino • Miguel Antonio Caro Tovar • Manuel Antonio Sanclemente • José Manuel Marroquín • Rafael Reyes • Diego Lemos • Jorge Holguín Jaramillo • Ramón González Valencia • Carlos E. Restrepo Restrepo • José Vicente Concha • Marco Fidel Suárez • Pedro Nel Ospina Vásquez • Miguel Abadía Méndez • Enrique Olaya Herrera • Alfonso López Pumarejo • Eduardo Santos • Darío Echandía Olaya • Alberto Lleras Camargo • Mariano Ospina Pérez • Laureano Gómez Castro • Roberto Urdaneta Arbeláez • Gustavo Rojas Pinilla • Gabriel París • Guillermo León Valencia • Carlos Lleras Restrepo • Misael Pastrana Borrero • Alfonso López Michelsen • Julio César Turbay Ayala • Belisario Betancur Cuartas • Virgilio Barco Vargas • César Gaviria Trujillo • Ernesto Samper (1994–1998) • Carlos Lemos Simmonds • Andrés Pastrana Arango (1998–2002) • Álvaro Uribe (2002–2010) • Juan Manuel Santos Calderón (2010–2018) • Iván Duque (2018–)