An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Siùcar"
b r2.7.1) (Robot: Adding hi:शक्कर, ig:Ńnú odẹne |
|||
Loidhne 50: | Loidhne 50: | ||
[[gn:Eiratã]] |
[[gn:Eiratã]] |
||
[[he:סוכר]] |
[[he:סוכר]] |
||
[[hi:शक्कर]] |
|||
[[hr:Šećeri]] |
[[hr:Šećeri]] |
||
[[ht:Sik (materyo)]] |
[[ht:Sik (materyo)]] |
||
Loidhne 55: | Loidhne 56: | ||
[[ia:Sucro]] |
[[ia:Sucro]] |
||
[[id:Gula]] |
[[id:Gula]] |
||
[[ig:Ńnú odẹne]] |
|||
[[io:Sukro]] |
[[io:Sukro]] |
||
[[is:Matarsykur]] |
[[is:Matarsykur]] |
Mùthadh on 23:03, 14 dhen t-Sultain 2011
’S e siùcar an t-ainm coitcheann a th’ air stuth milis a gheibhear à cuilc an t-siùcair, no às a’ bhiatas shiùcrach. Faodar bathar a chruthachadh às a’ bhiatas shiùcrach agus à lusan eile, anns a bheil sucros na phrìomh thàth-chuid. Anns an aon teaghlach ri sucros, gheibhear glùcos , fructos (siùcar à measan) is siorap arbhair a tha air an cleachdadh le gnìomhachasan a’ bhìdh. Thathar a’ tarraing nan stuthan siùcrach sin à caochladh seòrsa lusan, mar as trice ann an cruth sioraip.
Eachdraidh
’S ann ann an eileanan àird a deas a’ Chuain Sèimh a tha tùs-àite cuilc an t-siùcair. Bho an sin, sgaoil an lus tro Àisia na h-àird an ear-dheas gus an do ràinig e na h-Innseachan. Mu 2000 RC, thòisich cultar an t-siùcair anns na h-Innseachan ann an àird an ear-thuath a’ mhòr-roinn, far an robhar a’ dèanamh siùcair às a’ chuilc. Dh’fhoghlaim muinntir nan Innseachan mar a dhèanadh iad gràinneachan tioram à sùgh an t-siùcair mu thimcheall na bliadhna 350 no ri linn Ìompaireachd Gupta.
Bho na h-Innseachan, shiubhail cuilc an t-siùcair agus an siùcar fhèin tro Phersia, agus chun na h-Èipheit far an robh na h-Arabaich ga ghnàthachadh. Ràinig e Sìona mun àm sin cuideachd ach mun do ràinig e Sìona, bha na Sìonaich a’ cleachdadh siùcar na dhrùis mhilis (siorap) oir, a rèir choltais, bha e na b’ fhasa a ghiùlan anns a’ chruth sin. B’ iad manaich Bhudhach a thug leotha innleachdan ùra an siùcar a chur na ghràinneachan criostail.
Le bhith a’ cleachdadh dòighean dèanaimh às na h-Innseachan, b’ iad marsantaich Arabach a’ chiad fheadhainn a chuir air bhonn planntachasan is fìneadairean siùcair.
Mun àm seo san Roinn-Eòrpa, cha robh siùcar aithnichte don mhòr-shluagh, ged a bha iomradh ga thoirt air bho thaobh leigheas, ach chuir saighdearan Eòrpach a bha a’ sabaid san Ear Mheadhanach, eòlas air agus thugadh dhachaigh leotha e an dèidh cogaidhean a’ chreideimh.
Mu thimcheall 1390, dh’inntrigeadh dòigh fàisgidh na b’ fheàrr a thug comas dhaibh dà uimhir a bharrachd de shùgh fhaighinn às a’ chuilc. Rè nan linntean a lean sin, stèidhicheadh planntachasan siùcair ann an àird a deas na h-Eòrpa, ann an Ameireaga a Deas, anns an Roinn Charaibeach (Innseachan na h-Àird an Iar) agus iomadh àite eile. Mun 17mh linn, bha malairt an t-siùcair a’ sìor fhàs mòr, agus bhathar a’ cleachdadh innealan ùra airson a dhèanamh. B’ iad an Fhraing ri linn Napoleon agus a’ Ghearmailt gu sònraichte a thug leasachadh mòr air dèanamh agus giollachd an t-siùcair.