An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Lachlann MacGuaire"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b robot Adding: zh:拉克倫·麥覺理
b r2.7.1) (robot Adding: ko:라클란 맥쿼리
Loidhne 23: Loidhne 23:
[[it:Lachlan Macquarie]]
[[it:Lachlan Macquarie]]
[[ja:ラックラン・マッコーリー]]
[[ja:ラックラン・マッコーリー]]
[[ko:라클란 맥쿼리]]
[[pl:Lachlan Macquarie]]
[[pl:Lachlan Macquarie]]
[[pt:Lachlan Macquarie]]
[[pt:Lachlan Macquarie]]

Mùthadh on 10:55, 16 dhen Ògmhios 2011

Lachlann MacGuaire, 5mh Riaghaladair air New South Wales

'S e oifigear airm agus rianaire tìr-imrich Breatannach a bha ann an Lachlann MacGuaire (Lachlan Macquarie, 31 am Faoilleach 17621 an t-Iuchar 1824). Bha e na Riaghaladair air New South Wales 1809 - 1821, agus bha e cudromach airson Astràilia atharrachadh bho thìr-imrich peanasach ann an dùthaich shaor.

Rugadh e ann an Ulbha ri taobh Muile agus chaidh fhoglam ann an Dùn Èideann. An dèidh dha seirbheis a dhèanamh ann an Ameireaga-a-Tuath, na h-Innseachan agus an Èipheit, dh'fhàs e Riaghaladair air New South Wales, agus ann an 1813 chaidh a dhèanamh màidsear-seanailear.

Nuair a bha e na riaghladair, bha e a' togail gearastan mar bu chòir an àite bothain airson nan ciomaich, rathaidhean, cidheachan, ospadalan agus togalaichean eile. Bha e a' brosnachadh leasachadh àiteachas tuathanachais cuideachd. 'S dòcha nas cudromaiche, ge-tà, bha e a' leigeil leis na ciomaich na bha as dèidh nam breithean aca oifisean poblach fhaighinn, agus bha e a' dèilig riutha mar daoine co-ionnan.

Bha Lachlann MacGuaire fìor chudromach don leasachadh na dùthcha, agus thathar a' canar ris "Athair Astràilia"[1]. Chaochail e ann an Lunnainn agus bha e air a thiodhlacadh ann am Muile. Tha Urras Nàiseanta Astràilia a' gleidheadh an uaigh aige.

Iomraidhean

  1. Tom Steel, Scotland's Story, HarperCollins, 1994