An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "NASA"

O Uicipeid
Content deleted Content added
b r2.7.1) (robot Adding: si:නාසා
b robot Adding: uz:NASA
Loidhne 108: Loidhne 108:
[[uk:Національне управління з аеронавтики і дослідження космічного простору]]
[[uk:Національне управління з аеронавтики і дослідження космічного простору]]
[[ur:ناسا]]
[[ur:ناسا]]
[[uz:NASA]]
[[vi:NASA]]
[[vi:NASA]]
[[yo:NASA]]
[[yo:NASA]]

Mùthadh on 07:45, 27 dhen Chèitean 2011

Faidhle:NASA Logo.svg.png
Ìomhaigh NASA

'S e NASA (an National Aeronautics and Space Administration — An Rianachas Nàiseanta Adhar-eòlas agus Fànais), a' bhuidheann Ameireaganach le dleasdanas airson a' phrògraim phoblaich fànais agus rannsachadh roi-innleachdail ann an adhar-teicneòlas.

Bha mòran tionnsgnaidhean ainmeil aig NASA, a' gabhail a-staigh a' Phrògram Apollo, a chuir daoine air a' ghealach, an spàl-fànais, am prosbaig-fànais Hubble, agus na tionnsgnaidhean Ares (an soitheach dìridh) agus Orion (an soitheach shiubhail), a leasachas soitheach-fànais ùr an àite an spàl-fhànais a thèid a thaobh ann an 2010.

Tha prìomh-àros NASA ann an Washington, D.C.

Tha 16 ionadan eile aig NASA, air feadh nan stàit aonaichte. Am measg nan ionad fànas, tha Marshall Space Flight Center ann an Alabama, far an tèid rocaidean a thogail; Kennedy Space Center, ann am Florida, an t-ionad dèiridh, agus Johnson Space Center ann an Texas, far an tèid na speuradairean a dh' àrachadh.

Bithidh miseanan neo-dhaonna air an riaghaladh aig an JPL (Jet Propulsion Laboratory), ann am Pasadena, California.

Is iad na h-ionadan rannsachaidh a bu chudromaiche:

  • Ames Research Center, ann am Moffett Field, California a nì rannsachadh air adhar-teicneòlas (leis an tunail-gaoithe a bu motha anns an t-saoghal), saidheans fànais, saidheans na beatha, agus teicnèolas fiosrachaidh
  • Goddard Space Flight Center, ann am Maryland: saidheans fànais agus saidealan
  • Langley Research Center, ann am Virginia agus Dryden Flight Research Center, ann an California: adhar-teicnòlas

Teamplaid:Link FA